Àrainneachdan fiosaigeach
Sìde
Tha grunn nithean a’ toirt buaidh air an t-sìde san RA leithid domhan-leud agus tìr-chumadh, còig phrìomh thomadan èadhair agus ìsleachadh, agus ana-chuairtean èadhair aig a bheil feartan sònraichte.
Àrd-thalamh eighichte
Tha coireachan, stùcan pioramaideach is glinn air chumadh u gan cruthachadh ri linn eigheachadh. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar chleachdaidhean-fearainn; feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.
Aibhnichean agus glinn
Tha feartan aibhne is cleachdaidhean-fearainn ag atharrachadh ann an cùrsa aibhne. Nochdaidh còmhstri ri linn diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn agus feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.
Àrd-thalamh clach-aoil
Tha feartan àrd-thalamh clach-aoil feumail ann an gnìomhachas, tuathanachas, cur-seachadan is turasachd. Le còmhstri mu chleachdadh-fearainn a’ nochdadh, feumar ro-innleachdan gus dèiligeadh riutha.
Dealbhan-tìre costail
Tha bearraidhean, uaimhean is airdsean cruthaichte ann an dealbhan-tìre costail. Faodaidh diofar sheòrsachan cleachdadh-fearainn còmhstri adhbharachadh is feumar fuasglaidhean gus dèiligeadh riutha.
Àrainneachdan daonna
Sluagh
Bidh taisbeanairean sòisealta agus eaconamach air leasachadh a’ toirt buaidh air àireamh-sluaigh a’ fàs fhad ’s a tha feartan fiosaigeach agus daonna a’ toirt buaidh air sgaoileadh-sluaigh.
Bailteil
Tha sònaichean cleachdadh-fearainn, le comharran aithnichte a chaidh an ath-leasachadh, sna mòr-bhailtean leasaichte. Feumaidh na mòr-bhailtean fo leasachadh dèiligeadh ri cùisean nan sgìrean bochda.
Dùthchail
Tha dealbhan-tìre dùthchail ann an dùthchannan leasaichte agus fo leasachadh air atharrachadh ri linn leasachaidhean ùra leithid tuathanachas organach, buaidh teicneòlas ùr agus bith-chonnaidhean.
Cùisean cruinneil
Cunnartan àrainneachdail
Dh’fhaodadh tuigse mu chunnartan nàdarra dùthchannan a chuideachadh le bhith dèiligeadh riutha no a’ cur bacadh orra. Seallaidh cuspairean sgrùdaidh buaidh nan cunnartan sa gheàrr agus san fhad-ùine.
Atharrachadh na gnàth-shìde
Tha tuigse mu na h-adhbharan is mu bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air daoine agus an àrainneachd deatamach gus ro-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh san àm ri teachd a thoirt gu buil.
Slàinte
Seallaidh cuspairean sgrùdaidh adhbharan nan cùisean slàinte. Mìnichidh iad fàs, na buaidhean air an t-sluagh agus na ro-innleachdan an lùib a bhith a’ manaidseadh leasachadh is slàinte san 21mh linn.
Turasachd
Tha turasachd ga leasachadh ri linn feartan nàdarra is fuadain. ‘S e cùis chruinneil a th’ ann le deagh is droch bhuaidhean. Le manaidseadh glic, thèid buaidh turasachd san 21mh linn a lùghdachadh.
Buaidh obair dhaoine air an àrainneachd nàdarra
Ri linn àrdachadh sluaigh a’ cur cuideam air an àrainneachd, gheibhear gainnead uisge is truailleadh, dì-choillteachadh is bochdainn. Dh’fhaodadh ro-innleachdan manaidsidh ana-caitheamh a lùghdachadh.
Malairt agus dlùth-chruinneas
Tha muinntir an t-saoghail an urra ri conaltradh eadar dùthchannan. Tha eaconamaidhean a’ dol air ais is a’ fàs, le deagh is droch bhuaidhean. Bheir Fair Trade dìon do luchd-obrach ‘s an àrainneachd.