Tha còig buidhnean bìdh ann:
- Lusan agus measan
- Carbohaidreat
- Pròtain
- Bathar bainne
- Geir agus ola
Carson a tha am biadh a bhios sinn ag ithe cudromach?
Bu chòir gun toireadh am biadh a dh'itheas sinn lùth agus mathachadh dhuinn gus fàs agus ar bodhaig a chumail fallain.
Tha gach buidheann dhe na còig cudromach:
- Bidh lusan agus measan, mar eisimpleir ùbhlan, bananathan agus brocail, a' toirt dhuinn nam beothamain a chumas ar bodhaig ag obrachadh ceart agus a chuidicheas siostam dìon ar bodhaig, agus freumhag a chuidicheas le biadh a chnàmh.
- Bidh carbohaidreat, mar pasta, aran agus rus a' toirt dhuinn lùth.
- Bidh pròtain, mar feòil, pònairean agus uighean a' toirt dhuinn fhèithean fallain agus a' toirt fàs agus càradh air ar bodhaig.
- Bidh bathar bainne, mar bainne, càise agus iogart a' toirt dhuinn calcium airson fiaclan agus cnàmhan làidir.
- Bidh geir agus ola, mar eisimpleir ola a' chroinn-ola agus ìm, ag obrachadh mar stòr lùth.
Cliog tron taisbeanadh agus chì thu eisimpleirean eile bho na còig buidhnean bìdh.
Image caption, Lusan agus measan
Bidh lusan agus measan a' toirt dhuinn bheothamain a chumas ar bodhaig ag obrachadh ceart, a chuidicheas siostam dìon ar bodhaig, agus freumhag a chuidicheas le biadh a chnàmh.
1 of 5

Dè th' ann an daithead fhallain?
- 'S e am biadh a bhios sinn ag ithe an daithead againn.
- Bu chòir iomadh biadh a bhith ann an daithead fhallain. Bu chòir rud a bhith ann bho na còig buidhnean bìdh gun chus dhen aon rud.
- Chan eil biadh le tòrr salainn, geir no siùcar mar criospan agus cèicean ann an gin dhe na còig buidhnean. Cha bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail cus dhiubh sin chionn chan eil iad a' toirt mathachadh dhar bodhaigean.

Uisge
A bharrachd air daithead fhallain, chothromach a bhith againn, tha e uabhasach cudromach uisge òl. Bidh uisge gar cumail fallain agus gun tioramachadh. Tha sin a' ciallachadh gum bi uisge gu leòr nar bodhaig.
Bidh ar bodhaig a' call uisge fad na h-ùine. Bidh sinn a' call uisge le ar n-anail, fallas agus a' dol dhan toileat. Tha e cudromach gun òl sinn uisge gu leòr tron latha a nì suas airson na tha sinn a' call no tioramaichidh sinn.
Agus cuimhnich gu bheil uisge bhon tap an-asgaidh!
Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè as aithne dhut mu na buidhnean bìdh agus daithead fhallain.
Dùbhlan
An smaoinich thu air biadh a bhiodh math ann am bogsa-bìdh na sgoile?
Bu chòir dhan bhiadh a bhith fallain agus cothromach le rudeigin às na còig buidhnean bìdh.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count2 of 10
- count3 of 10
- count4 of 10
- count5 of 10