Gheibh sinn an lùth gu lèir air a bheil feum againn bho bhiadh agus bho dheoch.
Dè th' ann an Reat Bunasach Meatabolach? (Basal Metabolic Rate - BMR)
Bidh mu leth dhen lùth a bhios sinn a' faighinn bho bhiadh ga chosg air rudan mar:
- fàs
- leigheas
- smachd air teòthachd ar bodhaig
Canar fuincseanan bodhaig riutha sin agus bidh sinn gan tomhas le Reat Bunasach Meatabolach (BMR).
Tha BMR na thomhas air an lùth a dh'fheumas a' bhodhaig airson obrachadh nuair a tha sinn aig fois. 'S e rud iongantach a tha sa bhodhaig. Fiù 's nuair a tha sinn aig fois, tha ar bodhaig fhathast trang air an taobh a-staigh agus feumaidh sin lùth. Chan eil an aon BMR aig gach duine oir tha sinn uile diofraichte.
Faigh a-mach tuilleadh mu shiostaman bodhaig le Saidheans aig An Dàrna Ìre.
Gnìomhan corporra
Bidh sinn a' cosg a' chòrr dhen lùth air gnìomhan corporra. Mar eisimpleir:
- feadhainn sgairteil mar coiseachd, dannsa, ruith agus ball-coise
- feadhainn nach eil cho sgairteil mar a' sgioblachadh do rùm, a' coimhead an telebhisean no fiù 's a' cadal
Faodaidh sinn coimhead air bileagan mathachaidh agus chì sinn dè an lùth a tha biadh a' toirt dhuinn. Tha lùth air a thomhas ann an calaraidhean. Coimhead airson kcal no cal air na bileagan agus chì thu an lùth a bheir am biadh dhuinn.
Mar as motha a bhios tu a' dèanamh, 's ann as motha de chalaraidhean a dh'fheumas tu airson lùth gu leòr. Feumaidh sinn a bhith ag ithe agus ag òl gach latha airson lùth ùr an àite na chosg sinn.
Smaoinich air càr…
…mar as motha de pheatrail a tha san tanc, 's ann as fhaide a thèid e. Tha ar bodhaig ag obair san aon dhòigh. Cha bhi lùth againn mura bi sinn ag ithe biadh fallain, cothromach a bheir connadh dhuinn.
Carson a dh'fheumas sinn lùth?
Image caption, A' coiseachd dhan sgoil
Feumaidh ar bodhaigean connadh airson coiseachd dhan sgoil agus airson coiseachd dhachaigh. Tha e mar sin cudromach gun ith sinn daithead fhallain, chothromach gus am bi lùth gu leòr againn.
1 of 5

Roghainnean bìdh
Bidh cuid de bhiadhan a' leigeil an lùth mu sgaoil gu slaodach agus bidh cuide eile a' leigeil an lùth mu sgaoil gu luath.
Carbohaidreatan toinnte
Canar carbohaidreatan toinnte ri biadhan a bhios a' leigeil an lùth mu sgaoil gu slaodach.
- Canar cuideachd stalc ri carbohaidreatan toinnte agus tha iad ann an aran, pasta, flùr is rus.
- 'S e an fheadhainn le slàn-ghràn as fhallaine oir tha barrachd freumhaig annta agus nas lugha siùcair.
- Tha carbohaidreatan toinnte cuideachd a' gabhail a-steach buntàta milis, bloinigean-gàrraidh agus currain gheala.
- Bidh carbohaidreatan toinnte a' leigeil lùth mu sgaoil gu slaodach. Tha e a' toirt greis dhuinn an cnàmh agus bidh sinn mar sin a' faireachdainn làn nas fhaide.


Carbohaidreatan sìmplidh
- Canar carbohaidreatan sìmplidh ri biadhan a bhios a' leigeil lùth mu sgaoil gu luath.
- Bidh carbohaidreatan sìmplidh a' leigeil nan calaraidhean a th' annta mu sgaoil glè luath.
- Tha tòrr siùcair ann am biadhan le carbohaidreatan sìmplidh.
- Bheir biadh mar seòclaid, briosgaidean, deochan le gas agus cuid de mheasan dhuinn brag mòr de lùth, ach an dèidh sin fàgaidh e sinn sgìth agus acrach.
- Faodaidh iad cuideachd droch bhuaidh a thoirt air ìre an t-siùcair san fhuil againn agus ar fàgail uabhasach sgìth.
- Ged a tha cuid de mheasan, mar fìon-dhearcan agus bananathan, làn shiùcaran nàdarra, tha iad cuideachd làn de bheothamain, mèinnearan agus freumhag, rud nach eil suiteis.

Feuch na ceistean gu h-ìosal. An dèan thu a-mach an diofar eadar biadh a bhios a' leigeil lùth mu sgaoil gu luath agus biadh nach bi?
Dùbhlan
- Tagh trì biadhan.
- Leig ort gu bheil thu gu bhith a' ruith rèis.
- Dè am biadh à-mach às na trì as motha a bheir dhut de lùth airson an rèis?
- Cuimhnich gum feum thu lùth air a leigeil mu sgaoil gu slaodach airson an rèis a chrìochnachadh.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count3 of 10
- count4 of 10
- count5 of 10
- count6 of 10