Main content

Mu BBC Radio nan Gàidheal

'S e BBC Radio nan Gàidheal an aon seirbheis rèidio Gàidhlig nàiseanta ann an Alba. Cluinnear measgachadh farsaing de phrògraman le còrr is 100 uairean air an craoladh gach seachdain.

Ciamar as urrainn dhomh èisteachd ri BBC Radio nan Gàidheal?

Air an rèidio eadar 103.5 agus 105 FM, air telebhisean didseatach, air rèidio didseatach DAB agus aig bbc.co.uk/radionangaidheal.

Rèidio

Ri fhaotainn air 103.5 gu 105 FM.

Rèidio Didseatach

Cluinnear Radio nan Gàidheal tro rèidio didseatach DAB ma tha thu ann an sgìre far am faighear an t-seirbhis. Cuir a-steach do chòd phuist 's faigh a-mach a bheil seirbheis DAB ri fhaotainn san sgìre agad.

Tbh Didseatach

Cluinnear Radio nan Gàidheal tro Tbh didseatach air na seirbhisean a leanas.

Freesat: 713

Freeview: 720

Virgin Media: 934

Sky: 0139

Eadar-lìon

Tha Radio nan Gàidheal ri chluinntinn le bhith bruthadh air Èist Beò air an làraich-lìn bbc.co.uk/radionangaidheal. Cluinnear gach prògram airson mìos às dèidh dhaibh craoladh le bhith bruthadh air Èist a-rithist air BBC iPlayerRadio.

Cuir fios thugainn:

Ma tha thu airson brath a chur gu Radio nan Gàidheal faodar na dòighean a leanas a chleachdadh.

Saor-fòn: 08000 967050

BBC Radio nan Gàidheal

54 Seaforth Road

Stornoway

Isle of Lewis

HS1 2SD

Twitter: @BBCRnG

Facebook: https://www.facebook.com/radionangaidheal/

Na dùrachdan: [email protected]

Dè tha dol: [email protected]

Faodar cuideachd tadhal air duilleagan nam prògraman airson fios a chur gu na sgiobaidhean. Lorgar duilleagan gach prògram tro na clàran.

Gearainean

Ma tha thu airson gearain a chur a-steach mu phrògraman no seirbhisean a' BhBC, rach gu làrach-lìn BBC Complaints.