An t-Urras dol a sgrùdadh seirbheisean a’ BhBC ann an dùthchannan fèin-riaghlaidh san sgrùdadh seirbheis mu dheireadh den Chùmhnant ghnàthaichte seo aig a’ BhBC
Tha Urras a’ BhBC air an sgrùdadh seirbheis mu dheireadh den chùmhnant ghnàthaichte seo a chur air bhog an-diugh, a’ coimhead ri prògraman rèidio a’ BhBC, TBh, air-loidhne agus cùisean an latha ann an Èirinn a Tuath, Alba agus sa Chuimrigh.
Bidh an sgrùdadh a’ còmhdach coileanadh BBC Radio Scotland, BBC Radio nan Gàidheal, BBC Alba, BBC Radio Ulster/Foyle, BBC Radio Wales, BBC Radio Cymru a thuilleadh air a bhith a’ coimhead ri naidheachdan is cùisean an latha air telebhisean agus BBC nations’ news air-loidhne.
Bidh an sgrùdadh a’ meas dè cho math ‘s a tha na seirbheisean sin a’ frithealadh an luchd-amais; an coileanadh a rèir nan dleastanasan a tha suidhichte nan ceadan seirbheis; agus an comas na dleastanasan sin a lìbhrigeadh san àm ri teachd a dh’aindeoin nàdar chaochlaideach, leasachail cleachdaidhean èisteachd is amhairc. Bidh e a’ coimhead cuideachd ri a bheil na ceadan seirbheis a th’ ann an-dràsta freagarrach agus am feumar atharrachaidhean a dhèanamh.
Ann an dòigh nas fharsainge, bidh an sgrùdadh a’ rannsachadh a bheil, ann an suidheachadh far a bheil an RA a’ leasachadh, gach dùthaich a’ faighinn sàr sheirbheis de naidheachdan eadar-nàiseanta, RA, is dùthchail bhon BhBC.
Mar phàirt den phroiseas sgrùdaidh tha an t-Urras a’ cur co-chomhairle phoblach air bhog le luchd-amais. Cleachdaidh urrasairean na beachdan bhon cho-chomhairle, còmhla ri raon de dhàta eile is rannsachadh luchd-amais airson a thighinn gun co-dhùnadh deireannach mu na seirbheisean.
Thuirt Elan Closs Stephens, Urrasair a’ BhBC dhan Chuimrigh:
“Tha e deatamach gum bi am BBC a’ frithealadh na RA gu lèir na h-iomadachd air fad. Dh’inns an sgrùdadh mu dheireadh a chaidh a dhèanamh air rèidio a’ BhBC sna dùthchannan fèin-riaghlaidh gun robh na stèiseanan sin a' toirt gu buil prògraman sònraichte air a bheil farsaingeachd de luchd-èisteachd measail.
“Tha an sgrùdadh a tha sinn a’ cur air bhog an-diugh a’ toirt sùil nas fharsainge thairis air prògraman BBC dha gach dùthaich, agus bhrosnaichinn luchd-amais ann an Èirinn a Tuath, Alba agus sa Chuimrigh fios a chur thugainn a dh’innse mar a tha iad a’ meas an seirbheisean ionadail bhon BhBC air rèidio, telebhisean agus air-loidhne.”
Seo an dara uair a tha an t-Urras air coimhead air seirbheisean rèidio sna dùthchannan fèin-riaghlaidh, ach a’ chiad uair a thathas air sgrùdadh a dhèanamh air rèidio, telebhisean, seirbheisean air-loidhne is cùisean an latha còmhla.
Gheibhear cumhachan iomraidh aig
Notaichean luchd-deasachaidh
- Thèid toraidhean an sgrùdaidh fhoillseachadh as t-samhradh 2016.
- Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu na sgrùdaidhean a rinn an t-Urras roimhe air seirbheisean a’ BhBC aig
Search the site
Can't find what you need? Search here