A h-uile latha bidh sinn a' sadail às nan tunnaichean de bhiadh. Carson a tha sin agus ciamar a chuireas sinn stad air?
Carson a bhios sinn a' caitheamh biadh?
Bidh biadh a' dol dhan bhiona oir:
- Bidh sinn a' ceannach barrachd na dh'fheumas sinn.
- Bidh sinn a' bruich agus a' lìonadh nan truinnsearan againn le barrachd 's na dh'itheas sinn.
- Cha bhi sinn a' cleachdadh biadh mus tèid an deit aige seachad.
- Cha bhi sinn a' stòradh biadh mar bu chòir agus thèid e a dhìth nas luaithe na bu chòir.
A' stòradh biadh
Ma thèid biadh a stòradh ceart, mairidh e nas fhaide. Seo eisimpleirean:
- Feumaidh tu aran a chumail ann an àite fionnar, dorcha.
- Tha e nas fhèarr leiteas a chumail ann an drathair sailead sa frids.
- Bu chòir càise a chòmhdach agus a chumail fionnar sa frids.
Cliog tron taisbeanadh gu h-ìosal agus faigh a-mach dè bu chòir dhut a stòradh anns gach àite.
Image caption, Frids
Bu chòir bainne, ìm, iogart, feòil, iasg agus lusan a bhith sa frids airson an cumail fionnar agus ùr.
1 of 3
End of image gallery
Dèan todhar!
Ged a bhiomaid a' feuchainn gun chàil a chaitheamh, uaireannan bidh corran bìdh againn. Mus cuir sinn dhan bhiona iad airson an cur dhan talamh, bu chòir dhuinn stad agus smaoineachadh air… todhar!
Dè th' ann an todhar gàrraidh?
- Bidh todhar gàrraidh air a dhèanamh nuair a lobhas agus a bhriseas biadh sìos agus a thèid e na ùir.
- Tha e furasta biona todhar gàrraidh a dhèanamh bho bhiona plastaig le tuill ann.
- Lìon am biona airson todhar gàrraidh le corran mheasan, lusan, feur air a ghearradh agus stuth sam bith eile às a' ghàrradh. Faodaidh tu cuideachd pocannan-teatha agus cnapan pàipeir a chur ann.
- Chan fhaodar corran bho stuthan bheathaichean mar feòil a chur dhan mhòr-chuid de bhionaichean todhar gàrraidh.
- An ceann ùine brisidh an sgudal sìos agus thèid e na ùir a bhios làn mathachaidh.
- Tha an ùir seo math airson lusan ùra fhàs. Dh'fhaodadh tu an todhar gàrraidh a chleachdadh airson lusan fhàs dhut fhèin.

Faodaidh measan, lusan, feur air a ghearradh agus stuth eile às a' ghàrradh a dhol ann am bionaichean todhar gàrraidh.
Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè nas aithne dhut mu chaitheamh bìdh.
More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count10 of 10
- count1 of 10
- count2 of 10
- count3 of 10