Atharrachadh na gnàth-shìdeAtharrachadh na gnàth-shìde

Tha tuigse mu na h-adhbharan is mu bhuaidhean atharrachadh na gnàth-shìde air daoine agus an àrainneachd deatamach gus ro-innleachdan airson buaidhean a lùghdachadh san àm ri teachd a thoirt gu buil.

Part of Cruinn-eòlasAtharrachadh na gnàth-shìde

Atharrachadh na gnàth-shìde

Comharran air atharrachadh na gnàth-shìde

Fianais mu atharrachadh na gnàth-shìde

Buaidh taigh-glainne

Nuair a thèid connaidhean fosail a losgadh – ann an gnìomhachas, stèiseanan cumhachd, carbadan agus plèanaichean – bidh na gasaichean a' dol dhan àile. Ged a bha na gasaichean sin riamh ann an àile an t-saoghail, tha na th' ann dhiubh a' sìor dhol am meud mar a tha barrachd is barrachd chonnaidhean fosail gan losgadh.

Tha luchd-saidheans dhen bheachd gu bheil na gasaichean taigh-glainne, mar a chanar riutha, a' cruinneachadh anns an àile agus ag obrachadh mar nàdar de phlaide no de thaigh-glainne mun phlanaid; tha teas air a ghlacadh ann an àile na talmhainn. Sin buaidh an taigh-ghlainne, agus canar blàthachadh na cruinne ris an àrdachadh ann an teòthachdan na cruinne air sgàth sin.

Mar a tha buaidh taigh-glainne ag obrachadh

Thathar an dùil gu bheil cruinneachadh nan gasaichean taigh-glainne a' toirt buaidh air teòthachdan na cruinne ann an dà dhòigh.

Tha na gasaichean a' leigeil le barrachd de ghathan na grèine a dhol dhan àile. Tha cuid de rèididheachd na grèine fhathast ga ath-thilgeil gu fànas leis na pàirtean cùil dhen àile, ach thathar dhen bheachd gu bheil an uimhir a tha ga ath-thilgeil a' lùghdachadh mean air mhean.

Aig an aon àm, tha na gasaichean taigh-glainne a' sùghadh barrachd dhen rèididheachd grèine a tha air ath-thilgeil air ais bho uachdar na talmhainn – tha seo a' glacadh an teas agus ga chumail san àile. Chan eil teagamh nach eil comas na h-àile air blàths na grèine a ghlacadh riatanach airson beatha air an talamh. Ach ma tha barrachd blàths air a ghlacadh, chan eil sin math dhan phlanaid.

Chlorofluorocarbons (CFCs)

Am measg nan gasaichean taigh-glainne tha na chlorofluorocarbons (CFCs). 'S e na CFCs as coireach gun do chrìon filleadh an òson oir bidh iad a' toirt ionnsaigh air moileciuilean an òson agus gan sgrios.

'S e filleadh de ghas, àrd san stratospeur, a th' ann am filleadh an òson. Tha an t-òson na chuideachadh a' cumail a-mach ghathan cunnartach ultra-bhiolait, a bhios a' losgadh craiceann dhaoine agus a' milleadh lusan.

Chaidh CFCs a chleachdadh ann an aerosoilean, mar cannaichean stuth-fuilt, fridsichean agus ann an dèanamh phlastaigean. Bidh na tuill a thig dhan òson air sgàth seo a' leigeil a-steach rèididheachd chunnartach ultra-bhiolait, agus a' cur ri duilgheadasan buaidh an taigh-ghlainne agus blàthachadh na cruinne.

Chaidh CFCs a chasg ann an iomadh dùthaich ann am meadhan nan 1990an nuair a fhuaradh a-mach gun robh iad a' briseadh òson na talmhainn.

Tha luchd-saidheans ag ràdh gum faodadh am filleadh òsoin a tha os cionn na h-Antartaig a dhol à sealladh taobh a-staigh 50 bliadhna.