A' coimeas seataichean-dàtaAn cuibheas

Faodar seataichean-dàta agus plot-bhogsaichean a choimeas agus am mìneachadh gus anailis a dhèanamh air na coltasan agus na diofaran a th' annta.

Part of Gnìomhan MatamataigsStaitistearachd

An cuibheas

'S e an cuibheas an tomhas as cumanta. Ma dh'iarras tu air cuideigin an cuibheas a lorg, seo an dòigh a chleachdas iad mar as trice.

B' e toraidhean Kieran:

\(10, 14, 10, 12, 11, 10, 11, 12, 10, 11, 9, 12\)

Airson an cuibheas obrachadh a-mach, cuir-ris na h-àireamhan gu lèir agus roinn an t-iomlan leis an t-sùim àireamhan. 'S e an cuibheas san eisimpleir seo:

\(\frac{10+14+10+12+11+10+11+12+10+11+9+12}{12}\)

\(= \frac{132}{12}\)

\(= 11\, tragan\)

Question

Cheannaich saor seachd pacaidean thàirngean. Bha an àireamh thàirngean anns gach pacaid mar a chì thu gu h-ìosal:

\(8, 7, 6, 7, 9, 8, 7\)

Obraich a-mach àireamh chuibheasach nan tàirngean anns gach pacaid. (Thoir do fhreagairt gu dà ionad dheicheach.)

Ag obrachadh a-mach a' chuibheis bho chlàr-triceid

Seo mar a tha toraidhean dàta Kieran ann an clàr-triceid.

Àireamh thragan air clàrÀireamh chlàran (tricead)
91
104
113
123
130
141
Àireamh thragan air clàr9
Àireamh chlàran (tricead)1
Àireamh thragan air clàr10
Àireamh chlàran (tricead)4
Àireamh thragan air clàr11
Àireamh chlàran (tricead)3
Àireamh thragan air clàr12
Àireamh chlàran (tricead)3
Àireamh thragan air clàr13
Àireamh chlàran (tricead)0
Àireamh thragan air clàr14
Àireamh chlàran (tricead)1

Dh'fhaodamaid a bhith air cuibheas nan toraidhean aige a lorg mar seo.

Àireamh thragan air clàrÀireamh chlàran (tricead)Tragan x tricead
919
10440
11333
12336
1300
14114
Iomlan = 12Iomlan = 132
Àireamh thragan air clàr9
Àireamh chlàran (tricead)1
Tragan x tricead9
Àireamh thragan air clàr10
Àireamh chlàran (tricead)4
Tragan x tricead40
Àireamh thragan air clàr11
Àireamh chlàran (tricead)3
Tragan x tricead33
Àireamh thragan air clàr12
Àireamh chlàran (tricead)3
Tragan x tricead36
Àireamh thragan air clàr13
Àireamh chlàran (tricead)0
Tragan x tricead0
Àireamh thragan air clàr14
Àireamh chlàran (tricead)1
Tragan x tricead14
Àireamh thragan air clàr
Àireamh chlàran (tricead)Iomlan = 12
Tragan x triceadIomlan = 132

Bidh sinn an uair sin a' roinn na dhà mar seo:

\(Cuibheas = \frac{132}{12} = 11\, tragan\)