Obraich a-mach tomhas-lìonaidh agus farsaingeachd uachdair nan ciùbaidean, ciùban, priosaman, siolandairean, cruinnean, cònaichean is cumaidhean ceangailte le foirmle freagarrach.
Mus tòisich thu air an earrainn seo, bu chòir dhut sùil a thoirt air an earrainn air Tomhas-lìonaidh ann an Nàiseanta 4 Gnìomhan Matamataigs.
Glè thric aig ìre Nàiseanta 5, bidh ceistean air tomhas-lìonaidh co-cheangailte ri cruthan ceangailte (cruth air a dhèanamh le co-dhiù dà chruth bunaiteach).
Thèid agad air tomhas-lìonaidh chruthan ceangailte obrachadh a-mach le bhith a' roinn a' chruth cheangailte na chruthan nas lugha agus ag obrachadh a-mach nan tomhasan-lìonaidh fa leth. Faodaidh tu an uair sin tomhas-lìonaidh gach cruth fa leth a chur-ris agus gheibh thu tomhas-lìonaidh a' chruth cheangailte.
Cuimhnich gun urrainn dhut tomhas-lìonaidh gach cruth sìmplidh obrachadh a-mach le foirmle sìmplidh.