Prìomh fhiosrachadh
'S e stuth organach bho lusan is bheathaichean a th' ann am bith-thomad. Gabhaidh seo a chleachdadh mar bhun-lùtha.
Gabhaidh far-stuthan bho choilltearachd, lusan agus sgudal bheathaichean bho thuathanasan, fiù 's òtrachas agus cuid de sgudal bho lìonadh-talmhainn a losgadh na chonnadh no a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Lùth bith-thomaid agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mar a ghabhas sgudal bho thuathanasan agus bho choilltean a dhèanamh nan connaidhean.
Chan eil an dòigh sa bheil sinn beò seasmhach. Tha sinn a' cleachdadh tòrr lùth agus a' cruthachadh tòrr sgudail. Nach biodh e math nam biodh aon fhuasgladh ann dha na duilgheadasan sin? 'S dòcha gu bheil, le lùth bith-thomad.
Airson lùth bith-thomad, bidh sinn a' losgadh far-stuthan bho choilltearachd, lusan is salchar bheathaichean bho thuathanasan airson dealan a ghintinn.
Gabhaidh bith-thomad a dhèanamh bho òtrachas agus bho shalchar bheathaichean agus a thiormachadh na pheileidean airson connadh. Tha a' mhòr-chuid dhen lùth seo ann an Alba a' tighinn bho sgealban fiodha à coilltean fo mhanaidseadh.
Chaidh Ionad-giullachd Sgudail Millerhill, faisg air Dùn Èideann, fhosgladh ann an 2019. Bidh e a' cumail 155,000 tunna de sgudal gach bliadhna a-mach à lìonadh-talmhainn. Bidh seo air a ghiullachd airson dealan a ghintinn do 32,000 taigh is gnìomhachas. Tha seo a' gleidheil talamh dhuinn an taca ri lìonadh-talmhainn.
Cleas connadh-fosail, mar gual no gas, tha tòrr lùth ceimigeach ann am bith-thomad. Nuair a thèid a losgadh ann an stèisean cumhachd, atharrachaidh an lùth ceimigeach gu lùth teas. Bidh seo air a chleachdadh airson uisge a ghoil agus smùid fhaighinn a thionndaidheas tuirbinean. Bidh na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean a bhios a' gintinn an dealain a th' againn aig an taigh, aig ar n-obair no anns an sgoil.
Tha e math gun gabh sgudal atharrachadh gu lùth. Tha sinn a' cruthachadh tòrr sgudail agus 's e bith-thomad aon dòigh air a chur gu feum nas fheàrr. Tha e cuideachd nas seasmhaiche chionn thèid againn air bàrr fhàs airson bith-chonnadh a chruthachadh seach a bhith an urra ri connadh-fosail.
Cuideachd, tha am bàrr a dh'fheumar a chur airson bith-chonnadh a' cur feum air tòrr talaimh, talamh a dh'fhaodamaid a chleachdadh airson biadh fhàs. Mar as motha de bhith-chonnaidhean a chleachdas sinn, 's ann as motha a dh'fheumas sinn de thalamh agus 's ann as motha a thèid a chleachdadh dhen mhathachadh san ùir.
Tha bith-thomad fhathast air a losgadh agus a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil a tha dona dhan phlanaid.
George Loumakis, Òradaiche Lùth, Oilthigh Chailleannach Ghlaschu: We cannot necessarily say whether it is clean or not because it depends on the use. Now, let’s say you take some wood and you make it into pellets and then you burn off the pellets. When you burn off the pellets, you are actually releasing carbon dioxide, which is the same stuff you release when you’re burning fossil fuels, and other stuff, as with fossil fuels as well.
The main difference is that what you’re releasing when you’re burning biomass is what would be released either way when the biomass reached the end of its life naturally. If you take the wood, if you take the tree, the tree would eventually rot away and release the carbon back in the atmosphere or it would get eaten by an animal and that animal would then release the carbon back in the atmosphere.
Mar a bhios iarrtas air lùth a' dol am meud, feumaidh sinn coimhead air a h-uile roghainn. Saoilidh tu gur e deagh bheachd a th' ann sgudal a chleachdadh, 's gur e fuasgladh math a bhiodh ann, ach a bheil cus de a dhuilgheadasan fhèin na chois?
Mar a tha bith-chonnadh ag obrachadh
An aon rud ri connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail., mar gual no gas, tha tòrr lùth ceimigeach ann am bith-thomad. Gabhaidh bith-thomad a ghiullachd gu bhith na dhiofar bhunan-lùtha:
- Gabhaidh bith-chonnaidhean a tha nan lionn, mar bith-eatanol, a chleachdadh ann an càraichean agus còmhdhail eile, an aon rud ri peatroil agus dìosail.
- Gabhaidh bith-chonnaidhean cruaidh mar na peileidean fiodha a losgadh airson dachaighean agus togalaichean eile a theasachadh no airson dealan a ghintinn.
- Gabhaidh bith-ghas, glè thric measgachadh de mheatàn agus de charbon dà-ogsaid, a losgadh airson teasachadh no airson dealan a ghintinn.
Tha stèiseanan cumhachd bith-thomaid ag obrachadh san aon dòigh ri stèiseanan cumhachd-fosail:
- Bidh bith-thomad ga losgadh agus a' cur a-mach teas – tha lùth ceimigeach air aiseag gu bhith na lùth teas.
- Tha an teas ga chleachdadh airson uisge a ghoil gus stioma a chruthachadh.
- Tha an stioma a' meudachadh agus a' cruthachadh bruthadh a thionndaidheas tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. - tha lùth teas air aiseag gu bhith na lùth cineataigeach.
- Tha na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean anns a bheil eileagtromhagnaitean. Tha seo a' cruthachadh sruth dealain - tha lùth cineataigeach air aiseag gu bhith na lùth dealain.
- Tha dealan a' dol chun a' ghriod airson a chleachdadh aig an taigh, aig an obair no san sgoil.
Factaran suidheachaidh
An aon rud ri connaidhean-fosail, tha connaidhean bith-thomaid furasta an giùlan.
Gabhaidh bith-chonnaidhean a tha cruaidh, nan leann no nan gas a ghiùlan air an rathad, air an rèile no air bàta. Ann an cuid a dh'àitichean tha bith-ghas air a ghiùlan ann am pìoban gu far a bheil feum air.
Glè thric, bidh na h-ionadan airson a bhith a' giullachd agus a' losgadh bhith-chonnaidhean faisg air far a bheil bun an lùth a' fàs, mar eisimpleir faisg air coilltean fiodha no planntachasan cuilc-shiùcair. Chan eil mar sin uiread a dh'fheum air còmhdhail.

'S e Stèisean Cumhachd Steven's Croft, faisg air Locarbaidh, Dùn Phris agus Gall-Ghàidhealaibh, an stèisean cumhachd bith-thomaid as motha san RA. 'S e sgudal bho ghnìomhachas ionadail an fhiodha a tha sa chuid as motha dhen chonnadh a bhios e a' losgadh.
Tha Stèisean Cumhachd Steven's Croft a' dèanamh an dà chuid dealan agus lùth teas do dhachaighean agus do ghnìomhachas ionadail, agus tha e cuideachd a' cur dealan ris a' Ghriod Nàiseanta.

Mar as trice, bidh stèiseanan measgaichte de chumhachd 's de theas, a bhios a' cruthachadh dealan agus teas bho bhith a' losgadh sgudal, faisg air na bailtean agus na mòr-bhailtean anns a bheil an sgudal air a chruthachadh. Feumaidh iad a bhith faisg air deagh cheanglaichean còmhdhail. Far a bheil taigheadas faisg, gabhaidh an teas a thèid a dhèanamh a chur gu dìreach ann am pìoban mar phàirt de shiostam teasachaidh na sgìre.
Sgrùdadh cùise: bith-eatanol ann am Brasil

Gabhaidh siùcair bho lusan atharrachadh gu eatanol agus carbon dà-ogsaid ann am pròiseas ris an canar brachadhAnalachadh neo-aereobach a bhios a' tachairt ann am beirm agus ann am bacteria anns a bheil glùcos air a bhriseadh sìos na alcol (eatanol) agus carbon dà-ogsaid, a' leigeil lùth mu sgaoil. a' cleachdadh nam beirmearan ann am beirm. Tha eatanol uabhasach lasanta; 's e stòr de lùth ceimigeach a th' ann a tha ag atharrachadh gu diofar sheòrsaichean lùth (teas nam measg) nuair a thèid a losgadh.
Nuair a thig eatanol bho lus, faodar a ràdh gur e bith-chonnadh a th' ann.
Ann an cuid a dhùthchannan, mar Brasil, 's e cuilc-shiùcair am bun-lùth aig siùcar, agus thèid aig beirm air a bhrachadh gu dìreach gu eatanol. Tha Brasil air a bhith a' cleachdadh bith-eatanol mar chonnadh ann an càraichean bho na 1970an. Tha Brasil a' fàs tòrr cuilc-shiùcair agus tha mar sin gu leòr ri fhaotainn an-còmhnaidh airson a dhèanamh na eatanol.
Gabhaidh bith-eatanol a losgadh ann an einnsean càir, ach tha feum air beagan atharrachaidh a dhèanamh air an einnsean. Thèid aig einnseanan peatroil an latha an-diugh air peatroil le suas gu 10% de eatanol a chleachdadh gun fheum air atharrachadh, agus tha eatanol sa mhòr-chuid dhen pheatroil a tha ga reic san RA.
Ann am Brasil, bidh iad tric a' cleachdadh connadh sa bheil 25% eatanol agus 75% peatroil ged a tha cuid de chàraichean a' ruith air 100% eatanol.
Seo aon dòigh air connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail. a thoirt à diofar sheòrsaichean còmhdhail. Tha seo ag obrachadh gu math ann am Brasil chionn tha a' ghnàth-shìde freagarrach airson cuilc-shiùcair fhàs agus tha peatroil daor agus feumar a thoirt a-steach dhan dùthaich.

Seasmhachd chonnaidhean bith-thomaid

Airson gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a shàsachadh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
Gabhaidh bith-chonnadh a chleachdadh ann an dòighean gu math coltach ri connaidhean-fosail. Mar sin, dh'fhaodadh e bhith feumail ann a bhith a' gearradh sìos air na tha sinn a' cladhach agus a' losgadh de chonnaidhean-fosail.
Tha e math sgudal atharrachadh gu lùth le bhith a' cleachdadh bith-thomad chionn faodaidh sinn sgudal ath-chuairteachadh agus a bhith beò ann an dòigh nas seasmhaiche.
Ma dh'atharraicheas sinn sgudal gu bhith na bhith-chonnadh, dh'fhaodadh nach tèid uiread gu lìonadh-talmhainn a tha ag adhbharachadh a' ghas taigh-glainne meatàn.
Tha bith-chonnadh ath-nuadhachail bhon a dh'fhàsas tuilleadh lusan an àite feadhainn a chaidh a chleachdadh airson a dhèanamh. Mas ann bho shalchar dhaoine no bheathaichean a thàinig e, tha stuth eile a' dol nan àite sin cuideachd fad na h-ùine.
Ach 's dòcha nach bi bith-chonnadh seasmhach chionn faodaidh gun caillear fearann le bhith a' fàs bharran airson bith-chonnadh a bhitheamaid air a chleachdadh airson biadh a dhèanamh, no a bhiodh air fhàgail fiadhaich. Chanadh mòran dhaoine gur e biadh as cudromaiche agus gum bu chòir a bhith a' fàs connadh ann an àitichean anns nach fàsadh barran eile. Mar eisimpleir, gabhaidh muran no agave fhàs airson connadh ann an sgìrean a tha ro thioram do dh'iomadh lus.
Fiù 's nuair a thèid rudan an àite barran bith-chonnaidh, tha iad fhathast a' toirt mathachadh às an ùir. Cuideachd, faodaidh todhar agus stuthan-phlàighean airson am fàs cur ri teasachadh cruinneil agus àrainneachdan ionadail a mhilleadh.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan bith-chonnaidh
Buannachdan
- Tha bith-chonnadh ath-nuadhachail bhon a tha sgudal againn an-còmhnaidh. Gabhaidh barran fhàs a dh'aon ghnothaich airson bith-chonnadh seach a bhith a' cleachdadh connadh-fosailConnadh a tha a' tighinn às an Talamh. 'S e seann rudan a bha beò uaireigin agus a tha air lobhadh agus air dlùthadh thar ùine mhòr fon talamh no fon mhuir a th' ann an connaidhean-fosail. Tha gual, ola agus gas nan connaidhean-fosail.
- Tha bith-thomad saor agus furasta fhaotainn
- Ged a tha bith-chonnaidhean a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil nuair a thèid an losgadh, tha na lusan bho bheil iad air an dèanamh a' sùghadh an aon uiread de charbon dà-ogsaid nuair a tha iad a' fàs
Eas-bhuannachdan
- Tha bith-thomad air a losgadh agus a' leigeil carbon dà-ogsaid mu sgaoil dhan àile agus tha sin a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde
- Nuair a tha barran gam fàs airson bith-chonnadh, tha iad a' cleachdadh fearann a ghabhadh a chleachdadh airson bharran eile no fiadh-bheatha. Faodaidh dèanamh bhith-chonnaidhean bith-iomadachdNa tha de lusan agus de bheathaichean air an t-saoghal no ann an sgìre shònraichte. Thathar a' meas gur e deagh rud a th' ann an tòrr bith-iomadachd. a lùghdachadh agus mathachadh a thoirt às an ùir a ghabhadh cleachdadh airson biadh fhàs
- Tha adhbhar moralta aig cuid de dhaoine an aghaidh a bhith a' cleachdadh bharran bìdh airson connadh a dhèanamh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh e cuid de bhiadh a dhèanamh gann no prìsean bìdh a chur suas
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count3 of 12
- count4 of 12
- count5 of 12
- count6 of 12