Na buidhnean bìdh

Part of Slàinte agus sunndBiadh agus slàinte

Tha buidhnean bìdh air an dèanamh le bhith a' cur còmhla bhiadhan leis an aon luach mathachaidh.

Tha còig buidhnean bìdh ann:

  • Lusan agus measan
  • Carbohaidreat
  • Pròtain
  • Bathar bainne
  • Geir agus ola

Dè th' ann an daithead fhallain?

Tha feum againn air iomadh seòrsa bìdh agus cothromachadh san daithead againn. Bu chòir dhuinn biadh a ghabhail bho na còig buidhnean bìdh airson a bhith fallain.

Chan fheum a h-uile tràth-bìdh a bhith gu tur cothromaichte. Ach thairis air latha no seachdain, bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail nan uireadan a th' air am moladh dhuinn airson a bhith fallain.

Na còig buidhnean bìdh

Buannachdan nan diofar bhuidhnean bìdh

Tha adhbhar sònraichte aig gach buidheann airson ar bodhaigean a chumail ag obrachadh mar bu chòir.

Lusan agus measan

Tha iad seo làn mhèinnearan airson siostam dìon na bodhaig a chumail fallain. Tha tòrr bheothamain annta. Mar eisimpleir, tha beothaman A math airson ar fradharc agus tha e ann am bloinigean-gàrraidh, currain, buntàta milis agus piobaran dearga. Tha beothaman C math airson ar craiceann a chàradh. Tha orainsearan, subhan-làir agus dearcan-dubha math airson beothaman C. Tha lusan agus measan cuideachd a' toirt dhuinn freumhag a chuidicheas le biadh a chnàmh.

Carbohaidreat

Tha na biadhan sin a' toirt dhuinn an lùth a dh'fheumas sinn airson gluasad gach latha agus airson siostaman nar bodhaigean, mar siostam nan nearbhan, àirnean agus a leithid.

Pròtain

Feumaidh ar bodhaigean biadh anns a bheil pròtain airson fàs, càradh agus ceallan ùra a dhèanamh. Bheir biadh às a' bhuidheann seo dhuinn fhèithean fallain.

Bathar bainne agus roghainnean gun bhainne

Tha am biadh seo math airson cnàmhan fallain. Bidh sinn a' faighinn calcium bho bhathar bainne airson cnàmhan làidir. Tha bathar bainne cuideachd math dha na fiaclan againn.

Geir agus ola

Tha iad seo a' toirt dhuinn stòr de lùth agus searbhagan geireach bunaiteach, a bhios a' leigeil le ar bodhaigean beothamain à buidhnean bìdh eile a shùghadh.

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Lusan agus measan, Lusan agus measan Tha measan agus lusan làn mhèinnearan agus bheothamain. Tha freumhag annta cuideachd a chuidicheas sinn gus biadh a chnàmh.

Dè an stiùireadh a th' ann bhon NHS?

Tha an stiùireadh bhon NHS an-dràsta a' moladh dhuinn a bhith a' gabhail:

  • co-dhiù còig pìosan de mheasan 's de lusan gach latha.
  • trì cuibhreannan de bhathar bainne. Feuch rudan mar iogart Greugach gun gheir.
  • eadar trì 's a còig cuibhreannan de charbohaidreat. 'S e feadhainn le tòrr freumhaig as fheàrr, mar aran ruadh slàn-ghràn agus pasta slàn-ghràn.
  • eadar a dhà 's a trì cuibhreannan de bhiadh le tòrr pròtain gach latha. Feuch thar na seachdain gum bi thu a' gabhail pròtain, mar iasg olach no pònairean, mar pònairean àirne.
  • rud beag ola agus liacain.

Dè th' ann am freumhag?

  • 'S e stuth bho phlanntraisean nach cnàmh ar bodhaig a th' ann am freumhag bìdh.
  • Bidh freumhag bìdh a' cuideachadh siostam a' chnàmhaidh gu bhith a' gluasad a' bhìdh a ghabhas sinn tro na caolain agus ga phutadh a-mach às ar bodhaig mar sgudal.
  • Tha tòrr freumhaig ann am biadh mar pònairean, pòran-cochaill agus lusan mar brocail agus currain.
Image caption,
Cha bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail biadh anns a bheil tòrr siùcair, salainn no geir ro thric.

Biadh mì-fhallain

Chan eil biadh anns a bheil tòrr siùcair, salainn no geir mar criospan agus cèicean, anns na còig buidhnean bìdh. Cha bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail cus dhiubh sin chionn chan eil iad a' toirt mathachadh dhar bodhaigean.

Ma bhios sinn a' gabhail cus siùcair agus geir, faodaidh e bhith gun cuir sinn oirnn cus cuideim agus chan eil cus salainn math dhan bhruthadh fala againn.

Image caption,
Cha bu chòir dhuinn a bhith a' gabhail biadh anns a bheil tòrr siùcair, salainn no geir ro thric.

Uisge

Cho math ri daithead fhallain, chothromach a bhith againn, bu chòir dhuinn tòrr uisge òl. Tha còrr is 60% de dh'uisge nar bodhaigean. Bidh sinn a' call pàirt dheth tro ar n-anail, fallas agus a' dol dhan toileat. Feumaidh sinn an t-uisge a chur air ais nar bodhaigean airson gun obraich iad ceart agus nach tiormaich iad.

Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè as aithne dhut mu na buidhnean bìdh agus daithead fhallain.

Dùbhlan

An tèid agad air dinnear fhallain, chothromach a phlanadh anns a bheil na còig buidhnean bìdh?

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic