Dè th' ann an giullachd bìdh?
Bidh giullachd bìdh ag atharrachadh ghrìtheidean sìmplidh gu iomadh seòrsa bìdh is deoch. Bidh am pròiseas a' tòiseachadh le biadh amh, mar tomàto, agus ga atharrachadh le bhith a' cur ghrìtheidean eile ris, ga bhruich, ga reothadh, ga mheasgadh, ga ghearradh no ga phacaigeadh.
A' giullachd ghràinean
Tha iomadh biadh ann nach gabh ithe amh, mar cruithneachd.
Tha cruithneachd a' tighinn bho ghràn-fheur a tha air fhàs airson gràinean. Tha seòrsaichean ghràinean eile ann mar coirce, eòrna, seagal agus gràn Innseanach. Tha daoine measail air cruithneachd oir gabhaidh a bhleith na fhlùr, agus 's e sin a' phrìomh ghrìtheid ann an iomadh biadh.
Tha gràinean ann an iomadh biadh eadar aran agus pasta agus gràinean bracaist. Tha cuid a ghràinean gam fàs airson beathaichean tuathanachais a bhiathadh, agus bidh sinn ag ithe na feòla aca.
Image caption, Tha cruithneachd a' tighinn bho bhuidheann de dh'fheur gràin a tha air fhàs airson gràinean a dhèanamh.
1 of 4
Buannachdan giullachd bìdh
Tha iomadh buannachd aig giullachd bìdh.
- Gabhaidh biadh ùr amh atharrachadh airson gum mair e nas fhaide, mar tomàtothan tiormaichte sa ghrèin.
- Gabhaidh biadhan am measgachadh airson roghainnean càilear a thoirt dhuinn. Mar eisimpleir, bidh gràn Innseanach air a ghiullachd gus bleideagan coirce agus sliseagan tortilla a dhèanamh.
- Gheibh sinn iomadh biadh bho gach ceàrn dhen t-saoghal oir gabhaidh an gleidheadh agus am pacaigeadh airson còmhdhail.
- Tha cuid de dhòighean pròiseasaidh a' dèanamh biadh sàbhailte airson ithe. Mar eisimpleir, tha bainne air a phaistiurachadh airson bacteria cronail a mharbhadh.
- Gabhaidh cuid a lusan agus a mheasan a reothadh airson beothamain agus stuthan beathachaidh a ghleidheadh. Mar eisimpleir, tha peasraichean air an reothadh cho luath is a thèid an togail gus am faigh sinn am mathas mus tòisich iad a' dol a dhìth.
Feuch air na ceistean seo agus faigh a-mach dè as aithne dhut mu ghiullachd bìdh.

Dùbhlan
Smaoinich air aon bhiadh sa frids, san reothadair no sa phreas a chaidh a ghiullachd. Carson a chaidh a ghiullachd?
Beagan bheachdan tòiseachaidh:
- Biadh ann an tionaichean
- Biadh tiormaichte
- Lusan reòta

More on Biadh agus slàinte
Find out more by working through a topic
- count8 of 10
- count9 of 10
- count10 of 10
- count1 of 10