'S e an àrainneachd an t-àite sa bheil sinn a' fuireach.
Tha dleastanas oirnn an aire a thoirt air an dà chuid an àrainneachd ionadail agus an àrainneachd chruinneil – airson an cumail nan àitichean fallain, brèagha dhuinn fhèin agus do dhaoine eile a bhith a' fuireach annta.
San artaigil seo gheibh thu a-mach mu:
- Mar as urrainn dhuinn deagh bhuaidh a thoirt air an àrainneachd againn
- Na buannachdan agus na dùbhlain a tha an cois an aire a thoirt air an àrainneachd
Tha an goireas seo freagarrach airson topaigean Seasmhachd airson Clas 5, Clas 6 agus Clas 7 (Curraicealam airson Sàr-mhathais An Dàrna Ìre).
Tha sinn uile nar pàirt de dh'àrainneachd ionadail agus de dh'àrainneachd chruinneil.
'S e an àrainneachd chruinneil a h-uile sgath de phlanaid na Talmhainn.
Agus 's e an àrainneachd ionadail far am bi thu a' fuireach, a' cluich agus a' dol dhan sgoil.
Agus thèid againn air rudan a dhèanamh a chuidicheas iad le chèile.
Smaoinich air a' phàirc ionadail; tha mòran chreutairean a' fuireach innte.
Chì thu cuid dhiubh gu furasta.
Cuid eile, agus feumaidh tu coimhead air an son.
Ach faodaidh sgudal cron a dhèanamh orra uile.
Mar sin, thoir an sgudal agad dhachaigh leat daonnan agus dh'fhaodadh tu fiù 's cuideachadh a' togail sgudal.
Agus chan e sin an aon dòigh air fiadh-bheatha a chuideachadh.
Tha biastagan uabhasach math dhan àrainneachd.
Bidh iad a' poileanachadh bharran, a' glanadh sgudal bheathaichean is lusan agus a' tàladh bheathaichean nas motha.
Tha barrachd bhiastagan a' ciallachadh eòin agus bruic gu leòr!
Mar sin, dèan dùn le geugagan, fiodh agus duilleagan ann an oisean sàmhach agus, ta dah – tha taigh-òsta bhiastagan agad!
Cuir amar-snàmh ris agus chan fhada gus an tòisich an luchd-tadhail a' tighinn.
Bidh pollagan cuideachd a' tàladh mòran bhiastagan is eòin agus gnèithean eile, mar losgainn.
Dh'fhaodadh tu faighneachd dhan tidsear no dha do phàrantan a bheil àite faisg airson flùraichean no craobhan a chur.
Bidh iad a' tàladh fiadh-bheatha, a' dèanamh càileachd na h-èadhair nas fheàrr agus, tha iad dìreach brèagha.
Agus bidh craobhan cuideachd a' cuideachadh na h-àrainneachd chruinneil.
Le bhith a' sùghadh carbon dà-ogsaid agus a' slaodachadh atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha dòighean eile ann air an àrainneachd ionadail agus chruinneil a chuideachadh.
Mar eisimpleir, an àite càr a chleachdadh airson turasan goirid, coisich, gabh am baidhsagal no cuibhlean.
Bidh seo a' lùghdachadh truailleadh èadhair gu h-ionadail agus eimiseanan carbon dà-ogsaid gu cruinneil.
Ma thèid agad air pàirt dhen bhiadh agad fhàs aig an sgoil, bidh sin cuideachd a' cuideachadh na h-àrainneachd chruinneil.
Mar as motha a dh'fhàsas sinn, 's ann as lugha a dh'fheumar a ghiùlan à dùthchannan eile air bàtaichean agus làraidhean.
Dè mu dheidhinn aodach a tha ro bheag dhut a chur gu bùithtean carthannais no bancaichean aodaich?
Dh'fhaodadh tu fiù 's aodach a suaipeadh còmhla ri caraidean.
Tha e a' cosg tòrr ùine agus lùth aodach ùr a dhèanamh.
Agus a bheil cuimhn' agad an sgudal a thog thu?
Uill, ma chuireas tu dhan ath-chuairteachadh e, seach dhan sgudal choitcheann, thèid ath-chuairteachadh na chanaichean, na bhotail agus fiù 's na bhuill-coise.
Mar sin chan fheum sinn uiread de dh'ola a chladhach airson plastaig no meatailt do chanaichean.
Agus ma nì a h-uile duin' againn seo, chan e a-mhàin an sgìre no a' phàirc ionadail a bhios sinn a' cuideachadh, ach an saoghal air fad!
Ciamar as urrainn deagh bhuaidh a thoirt air an àrainneachd againn?
Lùghdaich, ath-chleachd, ath-chuairtich uiread 's a ghabhas
Tha sgudal na dhuilgheadas mòr. Tha mu 8 millean tunna de phlastaig ga shadail dha na cuantan againn gach bliadhna. Tha seo uabhasach cronail dha na beathaichean a tha a' fuireach a sin.
Bidh mòran dhùthchannan a tha nas beairtiche agus nas leasaichte a' cur an sgudail aca gu dùthchannan nas bochda agus nach eil cho leasaichte airson dèiligeadh ris. Chan eil seo cothromach no seasmhach:
- Tha e a' cur stad air daoine ann an dùthchannan leasaichte bho bhith a' tuigsinn na tha iad a' dèanamh de sgudal agus bho bhith a' gabhail uallach air a shon.
- Glè thric, cha tèid aig na dùthchannan dhan tèid an sgudal seo a chur air dèiligeadh ris ceart, agus bidh e a' truailleadh na h-àrainneachd aca no ga shadail dhan mhuir.
Faodaidh sinn gearradh sìos air sgudal agus caitheamh le:
- smaoineachadh gu math air dè na dh'fheumas sinn
- lùghdachadh na tha sinn a' ceannach no a' cleachdadh de stuthan
- ath-chleachdadh air rudan a th' againn mar-thà no an toirt do chuideigin eile as urrainn an cleachdadh
- ath-chuairteachadh air rudan nuair a sinn deiseil leotha
Image caption, Lùghdaich
A bheil thu dha-rìribh a' cur feum air an teicneòlas as ùire no aodach? (RayArt Graphics / Alamy Stock Photo)
Image caption, Ath-chleachd
Feuch ri aodach no rudan eile a th' agad mar-thà a chleachdadh a-rithist. No dh'fhaodadh tu an cur gu bùth carthannais airson gun cleachd daoine eile iad. (keith morris / Alamy Stock Photo)
Image caption, Ath-chuairtich
'S àbhaist bionaichean ath-chuairteachaidh a bhith ag innse dè ghabhas iad – agus dè nach gabh. (wda bravo / Alamy Stock Photo)
1 of 3

Cuir sgudal dhan bhiona san dòigh cheart
Feumar sgudal sam bith nach eilear ag ath-chleachdadh no ag ath-chuairteachadh a chur dhan bhiona san dòigh cheart. Tha fiadh-bheatha na phàirt uabhasach cudromach dhen àrainneachd ionadail againn. Faodaidh sgudal dhaoine cron a dhèanamh air beathaichean agus biastagan le bhith a' milleadh na h-àrainn aca, gan leòn agus gan dèanamh tinn.
Ach rud a tha math 's e nach eil e doirbh dhuinn fuasgladh fhaighinn air an duilgheadas seo: Cùm agad do sgudal gus an lorg thu biona poblach no thoir leat dhachaigh e. Dh'fhaodadh tu fiù 's a dhol a thogail sgudal còmhla ris an inbheach agad – dìreach bi cinnteach gu bheil thu air do dhìon agus na tog sgath sgudail le do làmhan.
Chan eil sgudal a' coimhead snog nas mò, agus bidh thu mar sin a' cuideachadh gus sgudal a lùghdachadh agus bidh an àrainneachd tlachdmhor dhan h-uile duine!

Thoir àite-fuirich is biadh dhan fhiadh-bheatha
Bidh fiadh-bheatha gu leòr ann an àrainneachd fhallain!
Tha biastagan, boiteagan agus fiolain eile cudromach chionn bidh iad a' cuideachadh le poileanachadh lusan agus bidh beathaichean nas motha gan ithe. Ma tha biastagan ann an àite, thig eòin agus beathaichean eile cuideachd!
Cuidichidh sinn an fhiadh-bheatha ionadail le bhith a' togail taighean-òsta bhiastagan, pollagan beaga agus biadhairean eòin airson taic a chumail ris na nithean beò san sgìre againn.
Image caption, Taigh-òsta bhiastagan
Dèan fasgadh sàbhailte do bhiastagan le bhith a' càrnadh suas stuth mar fiodh marbh, rùsg craoibhe, duilleagan tioram agus clachan. Tog e an àiteigin far am faigh e beagan grèine, a bharrachd air beagan dubhair, airson iomadh seòrsa biastag a thàladh. (Andrew Kearton / Alamy Stock Photo)
Image caption, Pollagan
Feumaidh a h-uile creutair beò uisge airson a bhith beò. 'S e dòigh mhath a th' ann am pollag airson fiadh-bheatha a thàladh agus taic a thoirt dhaibh. (Mark Boulton / Alamy Stock Photo)
Image caption, Biadhairean eòin
Tha eòin measail air biadhairean. Ma lìonas tu iad le iomadh seòrsa sìl, thig iomadh gnè dhan sgìre agad. (Alan Williams / Alamy Stock Photo)
Image caption, Aig an sgoil
Dh'fhaodadh tu fiù 's iarraidh air an sgoil oisean fiadhaich a chruthachadh. Cuir ann fasgaidhean, uisge agus biadh agus chì thu an diofar a tha iad a' dèanamh dhan fhiadh-bheatha ionadail. (Julio Etchart / Alamy Stock Photo)
1 of 4

Cuir barrachd chraobhan agus lusan (agus fiù 's bàrr a dh'itheas sinn)
Feumaidh sinn craobhan agus lusan airson a bhith beò – bidh iad a' dèanamh ogsaidean, a dh'fheumas sinn airson anail a tharraing. Bidh iad cuideachd a' sùghadh a-steach tòrr carbon dà-ogsaid, a' cur stad air bho bhith a' dol suas a dh'àile na Talmhainn. Le bhith a' dèanamh sin, bidh craobhan agus lusan a' slaodachadh teasachadh na cruinne.
Tha tòrr chraobhan gan leagail air feadh na cruinne. Nì sinn diofar le bhith a' cur chraobhan agus lusan san sgìre ionadail againn. 'S dòcha gun tèid aig an tidsear agaibh air pròiseact clas a chur air dòigh airson seo ma mholas sibh sin. No ma tha gàrradh agaibh, faodaidh sibh craobhan agus lusan a chur. Mura bheil, 's àbhaist pròiseactan ionadail a bhith a' dol anns am faodadh sibh pàirt a ghabhail airson craobhan a chur san sgìre ionadail.
'S dòcha cuideachd gun tèid agaibh air biadh fhàs anns a' ghàrradh agaibh no anns an sgoil. Seo dòigh sheasmhach air biadh fhaighinn gun e bhith air a ghiùlan air soithichean agus làraidhean a bhios a' dèanamh truailleadh.


Coisich, cleachd cuibhlean no còmhdhail phoblach nas trice
Faodaidh tu sgur de thurasan goirid ann an càraichean airson gum bi càileachd na h-èadhair nas fheàrr agus gum bi nas lugha de thruailleadh san àrainneachd ionadail agad. Bidh nas lugha de thurasan ann an càraichean a' ciallachadh nas lugha de dh'eimiseanan carbon. Bidh sin na chuideachadh gu bhith a' lùghdachadh atharrachadh na gnàth-shìde agus a' cuideachadh na h-àrainneachd ionadail.
Coisich no cleachd cuibhlean air na turasan sin agus bidh thu cuideachd fiot agus fallain!

Na buannachdan agus na dùbhlain ann a bhith a' coimhead às dèidh na h-àrainneachd
Buannachdan
Bidh càileachd èadhair nas fheàrr, daoine nas fallaine agus nas lugha de sgudal san àrainneachd ionadail (an sgoil, a' choimhearsnachd agus an dachaigh).
Bidh an fhiadh-bheatha san sgìre agad a' dèanamh gu math agus tha sin na chomharra air àite a tha fallain gu nàdarra. Tha seo a' ciallachadh gum faigh sinn air tòrr ionnsachadh mu na diofar sheòrsaichean bheathaichean, bhiastagan agus eòin a tha san aon àite rinn.
Bidh a' choimhearsnachd nas càileire airson cluich innte. Tha barrachd chraobhan agus nas lugha de sgudal an-còmhnaidh na rud math!
Dùbhlain
'S dòcha gun cosg e beagan a bharrachd rudan a cheannach gu h-ionadail le nas lugha de mhìltean ri shiubhal airson biadh agus aodach.
Faodaidh e beagan a bharrachd ùine a thoirt an toiseach obrachadh a-mach càit an tèid a h-uile sìon ath-chuairteachadh agus càit an ceannaich sinn rudan a tha nas seasmhaiche.
Ach tha na buannachdan dhan àrainneachd ionadail a' dèanamh suas gu mòr airson nan eas-bhuannachdan sin.

àrainneachd ionadail – An sgìre ionadail faisg air do dhachaigh. An t-àite sa bheil thu a' fuireach, a' cluich agus a' dol dhan sgoil.
àrainneachd chruinneil – Planaid na Talmhainn gu lèir, air a dèanamh suas de na h-àrainneachdan ionadail agus nàiseanta againn. 'S e an còrr dhen t-saoghal a th' ann, air falbh bhon sgìre againn fhèin.
àrainnean – Àitichean anns am bi beathaichean a' fuireach. Bheir àrainn fasgadh, biadh agus uisge do bheathach. Tha diofar bheathaichean air feadh an t-saoghail a' fuireach ann an diofar àrainnean mar coilltean, talamh-feòir, fàsaichean agus beanntan.
seasmhach – A' dèanamh rudeigin nach dèan cron, no glè bheag, air an àrainneachd agus a chumas a' dol thar ùine mhòr.
carbon dà-ogsaid – Gas, a tha ri fhaighinn anns a' chruth as cumanta aige, ann an àile na Talmhainn. Gas taigh-glainne a th' ann a dh'fhaodas cron a dhèanamh air an àrainneachd chionn bidh e a' cur ri blàthachadh na cruinne.
atharrachadh na gnàth-shìde - Seo an t-atharrachadh fad-ùine ann am pàtrain sìde (teòthachd, gaoth, uisge, msaa) air an Talamh, agus cuideachd a' bhuaidh aca, mar eisimpleir barrachd tart agus tuiltean.
eimiseanan carbon dà-ogsaid - Carbon ga sgaoileadh a dh'àile na Talmhainn agus a tha a' cur ri atharrachadh na gnàth-shìde.
Feuch dè nas aithne dhut
Ceistean

Dèan bileag
Innis do dhaoine eile san sgìre agad mu na buannachdan a tha an cois a bhith a' toirt an aire air an àrainneachd ionadail.
Feuch gun cuir thu ann fiosrachadh air mar a bheir daoine an aire air an àrainneachd agus cuir ann dealbhan a shoilleiricheas am fiosrachadh agad.
A' faireachdainn dèanadach?
Cruthaich fasgadh do bhiastagan no theirig a thogail sgudal.
Cunnt cia mheud biastag a th' ann mus tog thu am fasgadh agus a-rithist an ceann beagan sheachdainean, no clàraich gach seòrsa sgudail a chaidh a thogail agus cuir am fiosrachadh air clàr.
More on Beò ann an dòigh sheasmhach
Find out more by working through a topic
- count4 of 4
- count1 of 4