Bidh thu fhèin a’ toirt pàirt dhen dàta dhuinn
Mar eisimpleir, nuair a tha thu a’ clàradh airson cunntas BBC:
- Feumaidh neach sam bith a tha fo aois 13 an latha-breith agus am baile dachaigh aca a thoirt seachad agus ainm-cleachdaidh a thaghadh
- Feumaidh neach sam bith a tha 13 no nas sine an seòladh-d, còd puist agus an latha-breith aca a thoirt seachad
- Bidh sinn a’ faighneachd do gach neach dè an gnè air a bheil iad airson a bhith air an aithneachadh. Faodar boireann, fireann no gnè sam bith eile a thaghadh. Tha e cuideachd comasach gun taghadh a dhèanamh.
Faigh a-mach carson a dh’fheumas tu fiosrachadh pearsanta a thoirt seachad nuair a chlàras tu.
Bidh sinn a’ cruinneachadh cuid dhen dàta co-dhiù
Mar do sheòladh IP, dè am brobhsair agus an t-inneal a tha thu a’ cleachdadh no ID d' inneal. Agus aithnichidh sinn dè an duilleag-lìn a stiùir thu chun a’ BhBC le bhith coimhead ri fiosrachadh bho do bhrobhsair.
Bidh sinn a' cruinneachadh fiosrachadh airson ar cuideachadh gus tuigse fhaighinn air mar a tha thu a' cleachdadh am BBC air-loidhne airson seirbheis nas fheàrr a thoirt thugad. Tron chunntas BBC agad, tha e comasach BBC air-loidhne a dhèanamh nas pearsaichte dhut fhèin.
Faodaidh apps BBC sam bith, air d’ fhòn, do thablaid no do thelebhisean, fiosrachadh a stòradh air d’ inneal. Agus faodaidh sinn faighinn chun an fhiosrachaidh sin. Nuair a tha thu ag iarraidh naidheachdan ionadail no aimsir faodaidh tu taghadh am faigh sinn a-mach càite a bheil an t-inneal agad.
Bidh sinn cuideachd a’ cruinneachadh dàta mu rudan a tha thu “Cuir ris”
Mar eisimpleir, ma chuireas tu prògraman ri BBC Sounds airson èisteachd riutha aig àm eile no nuair a nochdas prògraman às ùr.
Tha an tuilleadh mu Cuir ris an seo.
Ciamar a bhios am BBC a' cleachdadh m’ fhiosrachadh?
Fiosrachadh pearsanta
Cuidichidh fiosrachadh mu d’ aois, do ghnè agus d’ àite sinn ann a bhith a’ tuigsinn mar a tha daoine eadar-dhealaichte a’ cleachdadh a’ BhBC agus gu bheil sinn a’ dèanamh rudeigin dhan a h-uile duine.
Faodaidh sinn cuideachd d' àite a dhearbhadh tro do sheòladh IP (Internet Protocol) agus fiosrachadh eile mun t-inneal agad.
Bidh sinn a' cleachdadh cuid dhen fhiosrachaidh pearsanta agad gus ar seirbheisean a thoirt thugad agus molaidhean air stuthan a chòrdadh riut. Cuideachd cleachdaidh sinn e airson pàirtean dhen a' BhBC a dhèanamh nas pearsaichte dhut, bidh seo a' gabhail a-steach sanasachd fhaighinn nuair a tha thu a' tadhal air a' BhBC bho taobh a-muigh na RA.
Sanasachd air làraich-lìn eile
'S dòcha gu seall sinn sanasachd nas pearsaichte dhut bho làraich eile. Mar eisimpleir, airson fios a thoirt thugad mu phrògram ùr a dh'fhaodadh còrdadh riut.
Am faic mi eachdraidh a h-uile càil ris na choimhead mi?
Nuair a tha thu air logadh a-steach, tha an earrann Mo Phrògraman san iPlayer a’ sealltainn prògraman sam bith a tha thu air pàirt dhiubh fhaicinn. Le sin, faodaidh tu tòiseachadh far na sguir thu le prògram nach do chrìochnaich thu. No lorg fhaighinn air an ath phrògram ann an sreath a tha thu air a bhith a’ coimhead.