Comhairle Luchd-amais na h-Alba - Sgrùdadh 2016
Ro-ràdh
‘S e buidhnean comhairleachaidh de Urras a’ BhBC a th’ann an Comhairlean Luchd-amais. Tha ceithir Comhairlean Luchd-amais ann – dha Sasainn, Èirinn a Tuath, Alba agus dhan Chuimrigh.
Tha pàirt cudromach air a bhith aig Comhairlean Luchd-amais ann a bhith a’ toirt tuigse dhan Urras mu bheachdan, feuman is ùidhean luchd-amais nan dùthchannan fa leth, agus mu cho math ‘s a tha am BBC a’ frithealadh an luchd-amais sin agus a’ lìbhrigeadh a rùintean poblach.
Tha na Comhairlean air seallaidhean is beachdan luchd-amais ionadail a chleachdadh gus buaidh a thoirt air obair an Urrais ann an grunn dhòighean:
- Tha iad air measadh a dhèanamh air dè cho math is a tha am BBC a’ coileanadh dha luchd-amais nan dùthaich, gu sònraichte tro aithisg bhliadhnail chun Urrais. Tha na h-aithisgean sin gam foillseachadh.
- Tha iad a’cur ri pròiseas co-dhùnaidh an Urrais, mar eisimpleir a thaobh sgrùdaidhean sheirbheisean no dòighean-obrach, no co-cheangailte ri co-dhùnaidhean mu phrìomh atharrachaidhean ann an seirbheisean.
- Tha iad a’ comharrachadh cùisean cudromach a tha a’ nochdadh a thaobh luchd-amais ionadail gus plana-obrach bliadhnail an Urrais ùrachadh.
‘S e Urras a’ BhBC a bhios a’ cur buill Comhairlean Luchd-amais ann an dreuchd, mar saor-thoilich neo-eisimeileach bho taobh a-muigh a’ BhBC. ‘S e ball bho Urras na dùthcha buntainniche a tha sa chathair anns gach Comhairle.
Tha a’ Chomhairle stèidhichte gun Ghiblean 2017, nuair a bhios an t-Urras a’ sìneadh uallaichean gu Ofcom agus gu Bòrd ùr den BhBC.

Facal tòiseachaidh le Bill Matthews, Urrasair Nàiseanta na h-Alba
Tha an sgrùdadh bliadhnail deireannach seo bho Comhairle Luchd-amais a’ BhBC ann an Alba a’ sealltainn coileanadh làidir thairis air mòran roinnean de chraoladh a’ BhBC ann an Alba. Tha bàrr-phuingean pearsanta a’ gabhail a-steach dearbhadh air an dara seirbheis de Radio Scotland, cleachdadh ùr-ghnàthach de na meadhanan sòisealta tro chraoladh Taghadh Coitcheann 2016, agus tairgse làidir de dhràma is chomadaidh, nam measg prògram buadhach eile de Still Game.
Tha tòrr air atharrachadh bho chaidh Urras a’ BhBC agus Comhairle Luchd-amais a chruthachadh ann an 2007 – cha robh iPlayer no BBC Alba againn an uair sin, agus cha robh na meadhanan sòisealta ach air ùr thòiseachadh – agus cha b’ urrainn ro-aithne a bhith againn air tachartasan cudromach poilitigeach nan deich bliadhna mu dheireadh san robh e riatanach gum biodh na meadhanan a’ beachdachadh air na bha cothromachd a’ ciallachadh.
Ann am bliadhnaichean tràth an Urrais, sheall beachdan an luchd-amais gun robhar uaireannan a’ faireachdainn nach robh càileachd prògraman BBC Scotland cho math ri feadhainn na lìonraidh. ‘S ann ainneamh a chluinnear am beachd seo a-nis. Ann am beachd buill na Comhairle, tha luachan riochdachaidh BBC Scotland a cheart cho math, no nas fheàrr na feadhainn na lìonraidh, a dh’aindeoin teannachadh leantainneach is cudromach air buidseatan.
A thuilleadh air sin, tha àrdachadh mòr air a thighinn air an àireamh phrògraman telebhisein lìonraidh a thathas a’ dèanamh ann an Alba, mar thoradh air prìomhachas a chomharraich Comhairle Luchd-amais an toiseach ann an 2007.
Ach tha roinnean cudromach ann cuideachd far a bheil adhartas air a bhith ro shlaodach.
Tha TBh Lìonraidh ann an Alba an urra ri siostam barantachaidh ann an Lunnainn agus gu tric chan eil feartan Albannach air prògraman a th’ air an dèanamh ann an Alba.
Gus dèanamh cinnteach gum faigh Alba riochdachadh nas fheàrr, tha buill den bheachd gum bi e riatanach gun tèid cumhachd tiomnaichte barantachaidh a thoirt dha dùthchannan fèin-riaghlaidh na RA.
Bho thòisich an t-Urras bhathas a’ deasbad mu sholar naidheachdan dha luchd-amais ann an Alba. B’ e aon de a chiad ghnìomhan sgrùdadh air craoladh naidheachdan lìonraidh dùthchannan na RA leis an Ollamh Anthony King A thuilleadh air sin, tha àrdachadh mòr air a thighinn air an àireamh phrògraman telebhisein lìonraidh a thathas a’ dèanamh ann an Alba, mar thoradh air prìomhachas a chomharraich Comhairle Luchd-amais an toiseach ann an 2007.
Ach tha roinnean cudromach ann cuideachd far a bheil adhartas air a bhith ro shlaodach.
Tha TBh Lìonraidh ann an Alba an urra ri siostam barantachaidh ann an Lunnainn agus gu tric chan eil feartan Albannach air prògraman a th’ air an dèanamh ann an Alba.
Gus dèanamh cinnteach gum faigh Alba riochdachadh nas fheàrr, tha buill den bheachd gum bi e riatanach gun tèid cumhachd tiomnaichte barantachaidh a thoirt dha dùthchannan fèin-riaghlaidh na RA.
Bho thòisich an t-Urras bhathas a’ deasbad mu sholar naidheachdan dha luchd-amais ann an Alba. B’ e aon de a chiad ghnìomhan sgrùdadh air craoladh naidheachdan lìonraidh dùthchannan na RA leis an Ollamh Anthony King a bharantachadh. Faisg air deich bliadhna bhon uair sin, tha a’ chuid mhòr de phrògraman naidheachd lìonra a’ BhBC a-nis a’ dèanamh soilleir dè an dùthaich ris a bheil iad a’ buntainn, ach tha an rannsachadh as ùire a’ cumail a-mach gu bheil lùghdachadh anns na tha de naidheachdan mu Alba, mun Chuimrigh is mu Èirinn a Tuath ann dha luchd-amais na RA.
Sa Ghearran, dh’fhoillsich am BBC planaichean airson seanal Albannach, le prògraman aonaichte naidheachdan deasaichte ann an Alba; barrachd maoineachaidh airson prògraman TBh lìonraidh air an dèanamh ann an Alba, a’ gabhail a-steach dràma; agus dleastanas Radio Scotland a leasachadh mar stèiseanan sònraichte airson ceòl is cànan. Tha na molaidhean aig ìre thràth – tha obair mhionaideach is modhan aontachaidh bòrd teann a’ BhBC agus Ofcom ri thighinn. Ach tha am BBC a’ tighinn a-steach gu àm le Cairt is siostam riaghlaidh ùr le lèirsinn leudaichte a thaobh a sheirbheisean dha luchd-amais ann an Alba.
Tha mi a’ cur fàilte chridheil air a’mholadh airson prògram TBh de naidheachdan Albannach, RA is eadar-nàiseanta gach oidhche, air a dheasachadh is a thaisbeanadh ann an Alba. Bu chòir dhan seo coinneachadh ri feuman fad-ùineach luchd-amais a chomharraich a’ Chomhairle. Ach tha buill air briseadh-dùil fhaighinn nach deach cùisean fad-ùineach eile co-cheangailte ri naidheachdan Albannach a rèiteach fhad ‘s a bha an t-Urras ann an dreuchd.
Mar eisimpleir, chan eil moladh airson seanal Albannach leis fhèin a’ dèiligeadh ri na cùisean co-cheangailte ri na th’ ann de naidheachdan lìonraidh dha na dùthchannan fèin-riaghlaidh no ri cho neo-mhearachdach ‘s a tha iad. Tha mi a’ coimhead air adhart ri oidhirp leantainneach bho na sgiobaidhean naidheachd a tha stèidhichte ann an Lunnainn gus na nithean sin a chur ceart.
Tha mi den bheachd gu bheil na tha de bhuill saor-thoileach, neo-eisimeileach air Comhairle Luchd-amais na h-Alba air deagh sheirbheis a thoirt dhan BhBC – agus tha mi air leth taingeil airson iomadachd nam beachdan, toinisg na deasbaid agus na h-oidhirp mhòir a chuir iad a-steach ann an riaghladh na buidhne. Mar a tha sinn a’ tòiseachadh a’ chaibideil ùr seo ann an eachdraidh a’ BhBC tha mi an dòchas gun gluais bòrd ùr a’ BhBC gu luath gus buidheann den aon sheòrsa a chruthachadh a bhios comasach air guth làidir, adhartach a thabhainn dhan luchd-amais aig cridhe a’ BhBC.
Faisg air deich bliadhna bhon uair sin, tha a’ chuid mhòr de phrògraman naidheachd lìonra a’ BhBC a-nis a’ dèanamh soilleir dè an dùthaich ris a bheil iad a’ buntainn, ach tha an rannsachadh as ùire a’ cumail a-mach gu bheil lùghdachadh anns na tha de naidheachdan mu Alba, mun Chuimrigh is mu Èirinn a Tuath ann dha luchd-amais na RA.
Sa Ghearran, dh’fhoillsich am BBC planaichean airson seanal Albannach, le prògraman aonaichte naidheachdan deasaichte ann an Alba; barrachd maoineachaidh airson prògraman TBh lìonraidh air an dèanamh ann an Alba, a’ gabhail a-steach dràma; agus dleastanas Radio Scotland a leasachadh mar stèiseanan sònraichte airson ceòl is cànan. Tha na molaidhean aig ìre thràth – tha obair mhionaideach is modhan aontachaidh bòrd teann a’ BhBC agus Ofcom ri thighinn. Ach tha am BBC a’ tighinn a-steach gu àm le Cairt is siostam riaghlaidh ùr le lèirsinn leudaichte a thaobh a sheirbheisean dha luchd-amais ann an Alba.
Tha mi a’ cur fàilte chridheil air a’ mholadh airson prògram TBh de naidheachdan Albannach, RA is eadar-nàiseanta gach oidhche, air a dheasachadh is a thaisbeanadh ann an Alba. Bu chòir dhan seo coinneachadh ri feuman fad-ùineach luchd-amais a chomharraich a’ Chomhairle. Ach tha buill air briseadh-dùil fhaighinn nach deach cùisean fad-ùineach eile co-cheangailte ri naidheachdan Albannach a rèiteach fhad ‘s a bha an t-Urras ann an dreuchd.
Mar eisimpleir, chan eil moladh airson seanal Albannach leis fhèin a’ dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri na th’ ann de naidheachdan lìonraidh dha na dùthchannan fèin-riaghlaidh no ri cho neo-mhearachdach ‘s a tha iad. Tha mi a’ coimhead air adhart ri oidhirp leantainneach bho na sgiobaidhean naidheachd a tha stèidhichte ann an Lunnainn gus na nithean sin a chur ceart.
Tha mi den bheachd gu bheil na tha de bhuill saor-thoileach, neo-eisimeileach air Comhairle Luchd-amais na h-Alba air deagh sheirbheis a thoirt dhan BhBC – agus tha mi air leth taingeil airson iomadachd nam beachdan, toinisg na deasbaid agus na h-oidhirp mhòir a chuir iad a-steach ann an riaghladh na buidhne. Mar a tha sinn a’ tòiseachadh a’ chaibideil ùr seo ann an eachdraidh a’ BhBC tha mi an dòchas gun gluais bòrd ùr a’ BhBC gu luath gus buidheann den aon sheòrsa a chruthachadh a bhios comasach air guth làidir, adhartach a thabhainn dhan luchd-amais aig cridhe a’ BhBC.

Gnìomhan Comhairle Luchd-amais na h-Alba 2016/17
Ron t-samhradh 2016, bha obair na Comhairle gu mòr co-cheangailte ri sgrùdadh na Cairt agus ri sgrùdadh seirbheis an Urrais a thaobh na rinn am BBC de chraoladh ann, agus dha, na dùthchannan fèin-riaghlaidh. Na tagradh gun sgrùdadh seirbheis, cho-dhùin a’ Chomhairle gun robh seirbheisean a’ BhBC dha Alba air obrachadh gu math, ach gum bu chòir dha solar naidheachdan gluasad gus coinneachadh ri feuman co-aimsireil.
Thar na bliadhna rinn am BBC rannsachadh air roghainnean airson solar naidheachdan san àm ri teachd dha luchd-amais ann an Alba agus chùm a’ Chomhairle conaltradh ris a’ Ghnìomhaiche mun chuspair fad na h-ùine.
Bha riochdachadh na h-Alba air seirbheisean a’ BhBC san RA na chuspair aig àm na Cairt mu dheireadh agus ghabh buill sgrùdadh neo-fhoirmeil os làimh mu mar a bhathas a’ faicinn Alba air lìonraidhean na RA.
Thug buill comhairle cuideachd dha luchd-stiùiridh naidheachdan a’ BhBC mu craoladh referendum an EU san Ògmhios, agus cheasnaich iad an Gnìomhaiche mu bhuileachadh a’ mholaidh co-cheangailte ri “BBC Studios” a thaobh modhan cleachdaidh a’ BhBC airson susbaint. Mar a thòisich obair an Urrais a’ tighinn gu ceann a dh’ionnsaigh gluasad gu buileachadh ùr, bha lùghdachadh co-ionann ann an dleastanas obrach ACS. Bidh Comhairlean Luchd-amais ann an dreuchd gus an tig an t-Urras gu ceann sa Ghiblean 2017 ach chaidh àireamh nan coinneamhan atharrachadh a rèir ìre a’ ghnothachais riatanaich.
Adhartas a dh’ionnsaigh amasan 2016/17
Na Sgrùdadh Bliadhnail 2015/16, chomharraich a’ Chomhairle trì prìomhachasan dha luchd-amais airson na bliadhna air thoiseach. Tha an earrann seo a’ sgrùdadh adhartas dhan ionnsaigh gu ruige seo.
Bu chòir na goireasan is an t-ùghdarras a bhith aig BBC Scotland gus prògraman lìonraidh le càileachd Albannach a bharantachadh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ riochdachadh Alba gu ceart a thaobh susbaint air lìonraidhean a’ BhBC.
Tha a’ Chomhairle den bheachd nach eil Alba air a riochdachadh cho làidir as bu chòir air lìonraidhean a’ BhBC, agus gur e easbhaidh ann an structair eagrachail a’ BhBC as coireach ri seo. Tha dàta Luchd-amais a’ cumail a-mach gu bheil càil làidir aig luchd-amais na h-Alba airson barrachd stuth Albannach, gu sònraichte dràma, air lìonraidhean a’ BhBC. Cha deach dèiligeadh ris a’ chùis ann an sgrùdadh na Cairt seach gur e cùis air taobh a-staigh a’ BhBC a th’ ann an structair eagrachail a’ BhBC.
Tro àm na Cairt mu dheireadh tha am BBC air àrdachadh a thoirt air na thathas a’ dèanamh de phrògraman lìonra telebhisein ann an Alba bho mu 3 sa cheud gu to 8 sa cheud ann an 2015, timcheall air roinn Alba de shluagh na RA.
Ach chan eil ach cuibhreann bheag den phrògramadh lìonraidh seo aig a bheil faireachdainn Albannach, agus cha deach coinneachadh fhathast ri miann luchd-amais airson susbaint Albannach nas fharsainge is nas riochdachail air lìonraidhean a’ BhBC.
Tha comas aig an t-seanal Albannach agus aig a’ mhaoineachadh a bharrachd bhon fhoghar 2018 a thathas a’ moladh air riochdachadh a leasachadh, an dà chuid taobh a-staigh, is thar Alba. Ach tha buill den bheachd gum feum atharrachadh a thighinn ann an structair is suidheachadh an dòigh sa bheil am BBC a’ barantachadh obair. Ged a chaidh cuid de dhreuchdan ùra a chruthachadh ann am BBC Scotland sa bhliadhna a dh’fhalbh, tha a’ chuid mhòr de cho-dhùnaidhean deireannach an urra ri ionad a’ BhBC. Tha a’ Chomhairle den bheachd nach gabh riochdachadh cothromach a choileanadh gus am bi coimiseanairean stèidhichte ann an Alba le ùghdarras is goireasan airson ìre shònraichte de shusbaint lìonraidh a bharantachadh. Tha a’ Chairt ùr a’ toirt Rùn Poblach dhan BhBC gu bhith “a’ beachdachadh air iomadachd na Rìoghachd Aonaichte” le bhith “a’ riochdachadh is a’ foillseachadh gu ceart is gu cothromach beatha sluagh na Rìoghachd Aonaichte san latha an-diugh, agus aire a thogail gu na diofar chultaran is na beachdan eadar-dhealaichte a tha a’ dèanamh an-àirde coluadair” Tha an Cùmhnant ag ullachadh airson comharran coileanaidh a shuidheachadh le Ofcom (ann an co-cheangal ris a’ BhBC) agus tha a’ Chomhairle a’ moladh gum bu chòir targaidean airson Alba a riochdachadh air lìonraidhean a’ BhBC a shuidheachadh is a sgrùdadh.
Bu chòir dhan BhBC sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha iad a’ dèiligeadh ri cothromachd gus foillseachadh meudachadh grinneis ann an luchd-amais co-aimsireil, agus dòighean mac-meanmnach a lorg, air mothachadh a thogail am measg luchd-pàigheadh chìsean mu dhreuchd shònraichte a’ BhBC san roinne seo.
Tha a’ Chomhairleair toirt fa-neariomagaineanluchd-amaismu chothromachd a’ BhBC bhon àm ro referendum neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014. Ann an tagradh na Cairt, bha buill a’ cumail a-mach gum faodadh atharrachaidhean ann an suidheachadh farsaing nam meadhanan buaidh a thoirt air beachdan luchd-amais a thaobh a’ BhBC: faodaidh am fàs ann an naidheachdas didseatach bho chaochladh stòran, feadhainn uaireannan nach gabh dearbhadh, a bhith a’ brosnachadh barrachd eas-creideimh a thaobh naidheachdas sa chumantas. Mhol a’ Chomhairle gum faodadh e a bhith feumail, nuair a thathas a’ deasachadh stiùireadh mu chothromachd, gum bu chòir dhan BhBC “suim a ghabhail dha na tha luchd-amais sa chumantas a’ sùileachadh a thaobh cothromachd”. Tha buill den bheachd gum bu chòir dhan BhBC rannsachadh a dhèanamh air tuigse luchd-amais air bun-bheachd chothromachd, na toradhean fhoillseachadh is beachdachadh orra, agus dòigh-obrach a’ BhBC a rèiteach a rèir sin.
Thug buill fa-near leasachaidhean ann an craoladh an Taghaidh Choitchinne ann an 2015, agus ann an referendum an EU far an robh Naidheachdan a’ BhBC a’ conaltradh ri Comhairlean Luchd-amais agus far an deach dòighean ùra (leithid Reality Check) a chleachdadh. Tha fianais bho coimhearsnachd Comhairle Luchd-amais a’ cumail a-mach gum faodadh gu bheil ìre na h-iomagain mu cothromachd a’ BhBC air lùghdachadh thairis air a’ bhliadhna mu dheireadh.
Ach a dh’aindeoin sin, tha buill den bheachd nach bu chòir dhan BhBC a bhith riaraichte mun chùis, agus gu bheil e a-nis nas cudromaiche buileach gum bi naidheachdas a’ BhBC a’ tabhann fìor roghainn eile dha clàran-gnothaich nam meadhanan foillseachaidh. Dh’fhaodadh seo gabhail a-steach mion-sgrùdadh naidheachdais air meadhanan eile, nam measg meadhanan sòisealta, le amas a bhith ag àrdachadh inbhean naidheachdais sa chumantas gus an suidheachadh as fhallaine a ghabhas a chruthachadh airson deasbad chatharra. Ann an cruinne-cè didseatach neo-rèiteachail, dh’fhodadh gu bheil feum air naidheachdas BBC, chan ann a-mhàin gus cunntas fìrinneach a thoirt seachad, ach cuideachd airson dùbhlan a thoirt dha aithrisean neo-fhìrinneach chàich.
Bu chòir dha naidheachdas a’ BhBC a sholar naidheachdan dha Alba adhartachadh a rèir fìorachd cho-aimsireil agus tuigse phoblach adhartachadh de na nithean a tha a’ cur taic ri prìomh chùisean shòisealta, eaconamach is phoilitigeach.
Bha grunn leasachaidhean co-cheangailte ann tron bhliadhna. Na comhairle gun Urras, lean ACS a’ cur cuideam air na tha buill a’ faicinn a dh’fheumas naidheachdan a’ BhBC a dhèanamh airson suidheachaidhean co-aimsireil Albannach fhoillseachadh ann an dòigh nas fheàrr. Ghabh Buidheann –gnìomha a’ BhBC sgrùdadh eile os làimh de na roghainnean air mar bu chòir naidheachdan a lìbhrigeadh ann an Alba. San Lùnastal, mhol Comataidh Cultair Taigh nan Cumantan gum bu chòir dha BBC Scotland “a dhol air adhart le … prògram naidheachd acraichte ann an Alba, le òrdugh ruithe de sgeulachdan Albannach, RA agus eadar-nàiseanta a rèir an luach mar naidheachd”.
San t-Samhain, dh’fhoillsich an t-Urras toraidhean an rannsachaidh co-cheangailte ri craoladh naidheachdan lìonraidh TBh a’ BhBC de na dùthchannan fèin-riaghlaidh. Sheall an rannsachadh ri ìre a’ chraolaidh agus ri dè cho soilleir ‘s a bha e dè am pàirt den RA ris an robh na sgeulachdan a’ buntainn. Bha craoladh air èirigh bho 2008 agus bha faisg air 80 sa cheud de sgeulachdan a-nise air am bileagachadh gu ceart. Ach cho-dhùin an luchd-rannsachaidh gun robh an craoladh fhathast a’ cuimseachadh air Sasainn, agus gu sònraichte air Westminster, agus gun robh na sgeulachdan mu Alba a’ cuimseachadh mar bu tric air pròiseas is cha b’ ann air poileasaidh.
Tha cothrom dèiligeadh ri na cùisean sin ann an Cairt ùr a’ BhBC, a tha a’ cur dleastanas air a’ BhBC “tuigse dhaoine mu gach pàirt den Rìoghachd Aonaichte a thogail” a’ tabhann “farsaingeachd is doimhneachd de mhion-sgrùdadh is de shusbaint nach eil ri fhaighinn gu cumanta bho solaraichean eile”. Faodar seo a thuigsinn mar a bhith a’ cur riatanas air naidheachdan a’ BhBC a bhith nas cùramaiche a’ foillseachadh “gach pàirt” den RA, gun a bhith air am beò-ghlacadh le Lunnainn agus a bhith a’ cur barrachd cuideim air “farsaingeachd is doimhneachd mion-sgrùdaidh”.
Bheir a bhith a’ cur naidheachdan aonaichte TBh dha Alba ris an tairgse ghnàthaichte barrachd roghainn dha luchd-amais.
Ach chan eil am moladh a’ dèiligeadh ris an duilgheadas gu bheil clàr-gnothaich Six, far am bi ùidh luchd-amais Shasainn nas bitheanta, ann an cunnart a bhith a’ cur luchd-coimhid ann an àiteachan eile troimhe-chèile, mar eisimpleir aig àm connspaid nan dotairean òga ann an Sasainn san leth mu dheireadh de 2016. Tha e cudromach gun cùm sgiobaidhean naidheachd ann an Lunnainn a’ cuimseachadh air a’ chùis seo.
Tha a’ Chomhairle air moladh gum bu chòir dhan BhBC naidheachdan a thabhainn, chan ann a-mhàin “bho shealladh na RA” ach cuideachd “bho shealladh gach dùthcha san RA, le spèis dha suidheachaidhean sònraichte anns gach tè dhiubh”. Ann an RA a tha a’ sìor fèin-riaghlach, tha a’ cheist mu shealladh nas cudromaiche. Tha buill a’ faighinn briseadh-dùil gu bheil e air toirt cho fada dhan BhBC dèiligeadh ris a’ chùis seo, agus tha iad an dòchas gun lean iad a’ cumail nan naidheachdan fo sgrùdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ dèanamh foillseachadh ceart air suidheachaidhean nan dùthchannan fèin-riaghlaidh.
Coileanadh a’ BhBC ann an Alba, Giblean 2016 gu ruige seo
Le imrich BBC Three bho chraoladh gu cruth air-loidhne, dh’fhuirich ruigsinneachd iomlan a’ BhBC an ìre mhath seasmhach sa chiad leth de 2016/17, a’ foillseachadh dìreach lùghdachadh beag. Bha BBC Alba agus BBC Four eadar-dhealaichte oir choilean iad le chèile àrdachadh bho bhliadhna gu bliadhna san t-Sultain. Bha ruigsinneachd luchd-amais airson gach prògraim rèidio làidir aig 65 sa cheud tron RA agus còrr air 55 sa cheud ann an Alba. Lean ruigsinneachd BBC air-loidhne a’ fàs, a’ coileanadh ‘ruigsinneachd sluaigh’ de 53 sa cheud airson a’ chiad uair san Ògmhios airson referendum an EU. Anns na ciad mhìosan tha BBC Three air-loidhne air adhartas a dhèanamh a dh’ionnsaigh a chiad thargaidean.
Lean dràma lìonraidh TBh le ceangal Albannach air adhart le One of Us, dràma eucoir suidhichte air Ghàidhealtachd. Chòrd seo riutha tuath air na crìochan agus choisinn e luchd-amais na bu mhotha nan àbhaist ann an Alba ach cha deach cho math dha tron RA, fianais a-rithist air càil luchd-amais ann an Alba airson susbaint lìonraidh co-cheangailte ris an dùthaich aca. Bha tuilleadh comadaidh lìonraidh le blas Albannach ann an Two Doors Down a rinn BBC Scotland, agus sreath eile de Still Game.
Bha susbaint ùr-ghnàthach ann aig Taghadh Albannach 2016 a bha ag amas air luchd-amais na b’ òige leithid Gary: Tank Commander – Election Special anns an robh agallamhan le ceannardan pàrtaidhean na h-Alba. Thug buill na Comhairle fa-near gun robh craoladh deasbad referendum an EU a’ togail, gu ìre, air an eòlas a fhuair am BBC aig àm referendum na h-Alba. Tha luchd-amais airson naidheachdan TBh ann an Alba air fuireach seasmhach gu ìre mhòr. Tha cleachdadh naidheachdan air-loidhne bho BBC Scotland a’ leantainn a’ fàs; faodaidh prìomh sgeulachdan còrr air 2 mhillean duilleag bheachdan a thàladh.
Bha farsaingeachd ann de phrògraman eile TBh dha luchd-amais ann an Alba bhon dràma ùr, West Skerra Light gu susbaint fìor, leithid Fair Isle agus New Town, mu chruthachadh iomall baile Dheòrsach Dhùn Èideann. Chaidh meas àrd a chur air Scotland’s Game mu eachdraidh ball-coise na h-Alba, ged a bha cuid am measg an luchd-amais den bheachd gun robh cus cuimseachaidh ga chur air sgiobaidhean Ghlaschu. B’ e am prògram, Jimmy Johnstone, a bh’ air BBC Alba as t-fhoghar, mu bheatha a’ chluicheadair aig Celtic, aon de na prògraman bu mhotha air an robh fèill.
Dh’fhuirich àireamhan luchd-èisteachd BBC Radio Scotland an ìre mhath seasmhach, a’ leantainn a ruighinn air faisg air an còigeamh cuid de inbhich na h-Alba. Lean àrdachadh ann an èisteachd ris an stèisean air ùrlar didseatach agus a-nis tha e aig 40 sa cheud. Lean an stèisean a’ gluasad air adhart is a’ dol tro dheuchainnean, a’ cur stèisean pop-up (Radio ScotlandMusic Extra) air an èadhar airson seachdain san t-Samhain, le farsaingeachd de ghnèithean ciùil.
Am BBC ann an Alba 2007-2017
Tha crìoch an Urrais a’ toirt cothrom air meas a dhèanamh air adhartas a rèir prìomhachasan luchd-amais a chomharraich a’ Chomhairle bho chaidh a stèidheachadh ann an 2007. Ged a tha eadar-dhealachaidhean ann bho bhliadhna gu bliadhna, faodar, le sùil air ais, faicinn gun robh na prìomhachasan sin a’ foillseachadh còig prìomh chuspairean tillteach: gleidheadh uile-choitcheannas ruigsinneachd gu seirbheisean a’ BhBC; foillseachadh is riochdachadh leasaichte de dh’Alba air lìonraidhean a’ BhBC, agus seirbheisean ionadail a tha a’ coinneachadh nas fheàrr ri feuman dùthcha fèin-riaghlaidh; cruthachadh seanal TBh Gàidhlig; ath-mheasadh air dòigh-obrach a’ BhBC co-cheangailte ri cothromachd ann an naidheachdan is cùisean an latha; agus leasachadh air riaghladh ionadail air choreigin dhan BhBC ann an Alba.
Tha leasachaidhean air a bhith ann, cuid dhiubh cudromach, anns gach roinn sin. Tha riochdachadh lìonraidh TBh ann an Alba air èirigh bho tomhasan glè bheag ann an 2007 gu riochdachadh iomlan BBC nas co-rèitiche an-diugh. Tha leasachadh cudromach air a thighinn air càileachd is farsaingeachd phrògramananTBh dha luchd-amais ann an Alba agus air làthaireachd a’ BhBC anns na meadhanan sòisealta. Chaidh seanal TBh Gàidhlig a chur air bhog ann an 2008, ann an com-pàirteachas le MG Alba. Tha e air a dhol thairis air targaidean an luchd-amais a shuidhich an t-Urras dha, air leasachadh a dhèanamh ann am farsaingeachd sàr phrògraman a tha rim faotainn le luchd-amais, agus air cuideachadh le bhith a’ suidheachadh inbhean cruthachail nas àirde dhan roinn ann an Alba. Ach tha dìth-adhartais air a bhith na bhriseadh-dùil gu ruige seo, agus ann an riochdachadh Alba air lìonra agus feumaidh cothromachd naidheachdan na h-Alba coinneachadh ri feuman co-aimsireil.
1. Uile-choitcheannas ruigsinneachd
Tha roinnean den luchd-amais aig nach eil ruigsinneachd gu leòr gu DAB is gun bhann-leathainn. Tron àm chuir a’ Chomhairle an cuimhne a’ BhBC mu bhith a’ toirt ruigsinneachd bharraichte gu a shusbaint air gach ùrlar didseatach. Tha Cùmhnant ùr a’ BhBC ga dhèanamh riatanach gun cuir iad taic ri gluasad rèidio didseatach gus am bi faotainneachd gu susbainteach co-ionann ri na h-ìrean analogue a th’ann an-dràsta. Ged nach eil solar bann-leathainn an urra ris a’ BhBC, chuir an t-Urras ìmpidh air a’ Bhuidhinn-gnìomha sgaoileadh a shusbaint a bharrachadh, air sgàth luach an airgid.
Ann an 2010 chaidh teachdaireachd Radio Scotland a leudachadh gu cunbhalach airson a’ chuid mhòr de roinn Pheairt gu Inbhir Nis den A9 a chòmhdach an dèidh dhan Chomhairle uallaichean luchd-amais mu shàbhailteachd ann an droch shìde a thogail.
Bha am BBC an dùil 13 stèiseanan rèidio a thoirt air falbh bho Freeview gus am biodh gluasad BBC Alba ann an 2011 na b’ fhasa. Chomhairlich a’ Chomhairle don BBC ro-innleachdan eile a rannsachadh. Thuit an àireamh stèiseanan a bha gus falbh gu10, is tha còig dhiubh sin air an toirt air ais.
2. Foillseachadh is riochdachadh
Sheallrannsachadh an Urraisgu cunbhalach nach eil mòran Albannaich den bheachd gu bheil am BBC math air am beatha fhoillseachadh, gu sònraichte ann an naidheachdan is dràma. Chaidh dèiligeadh ri cùisean co-cheangailte ri naidheachdan gu h-àrd. Chomhairlich a’ Chomhairle gum bu chòir ro-innleachd a bhith aig a’ BhBC airson solar cunbhalach de shàr dhràma air lìonra TBh le faireachdainn Albannach gus coinneachadh ri iarrtasan luchd-amais agus gus sgrìobhadh is tàlant riochdachaidh Albannach fhoillseachadh. Tha adhartas air a bhith tuisleachail. Tha soirbheachadh lìonraidh air a bhith ann le Shetland agus, ann an comadaidh, le Still Game. Tha River City glè làidir ach chan eilear ga shealltainn air feadh na RA. Tha buill den bheachd nach eil am BBC air làn chomasachd dràma fhoillseachadh. Tha modal meadhanach barantachaidh na phrìomh adhbhar. Tha buill a’ cur fàilte air a’ mholadh a chaidh fhoillseachadh sa Ghearran airson seanal Albannach agus craoladh lìonraidh nas àrdaichte à Alba agus thug iad fa-near an cuideam a chuir am BBC air foillseachadh nas fheàrr air Alba dhith fhèin. Tha sinn den bheachd, gus riochdachadh ceart fhaighinn air beachdan Albannach, gum bu chòir am facal mu dheireadh ann a bhith a’ barantachadh phrògraman air an dèanamh ann, is mu, Alba ionadail is lìonra –– a bhith aig Alba fhèin.
Tha sinn den bheachd gun deach adhartas a dhèanamh ann an iomadachd tàlaint air-loidhne aig BBC Scotland, gu sònraichte le follaiseachd luchd-naidheachd boireann. Ach tha cothrom ann airson tuilleadh adhartais ann an riochdachadh iomadachd sluagh na h-Alba anns gach roinn de ghnìomhan BBC Scotland.
3. Seanal na Gàidhlig
Bha pàirtean cudromach aig an Urras is aig Comhairle Luchd-amais ann an Alba co-cheanailte ri cead riaghailteach BBC Alba, com-pàirteachas eadar am BBC agus a’ bhuidhinn craolaidh Gàidhlig, MG Alba. Dh’aontaich an t-Urras ri cur air bhog BBC Alba air càball, saideal is bann leathainn ann an 2008. Bha e soilleir gum bu chòir dreuchd oideachail a bhith aig Alba agus chaidh targaidean luchd-amais a shuidheachadh gus dèanamh cinnteach gun robh luchd-pàigheadh chìsean a’ faighinn luach an airgid. Thàinig gluasad gu Freeview ann an 2010 an dèidh sgrùdadh an Urrais de choileanadh an t-seanail a rèir nan targaidean sin. Tha an t-seanal air a bhith soirbheachail a thaobh cruthachadh is luchd-amais. Tha a’ Chomhairle a’ cur fàilte air dleastanas sa Chairt ùr air a’ BhBC TBh Gàidhlig a thabhainn ann an com-pàirt le MG Alba. Tha a’ Chomhairle a’ cur fàilte air an tasgadh a bharrachd san t-seanal ged a tha iad a’ toirt fa-near neo-ionannachd le S4C, an t-seanal Cuimreach. Tha a’ Chomhairle an dòchas le bhith a’ dèanamh “an tasgaidh singilte as motha ann an susbaint craolaidh ann an còrr is fichead bliadhna ann an Alba”, gum faighear goireasan a bharrachd dha BBC Radio nan Gàidheal. Dhaingnich conaltradh le luchd-amais Gàidhlig airson sgrùdadh seirbheisean dùthchannan an Urrais ann an 2015/16 meas nam ball air a’ phàirt riatanach a bh’ aig an stèisean sin. Fhad ‘s a tha BBC Alba a’ frithealadh daoine le Gàidhlig is feadhainn gun Ghàidhlig, tha Radio nan Gàidheal a’ frithealadh luchd na Gàidhlig. ‘S e obair-lann de chànan beò a th’ ann agus acair den chultar.
4. Cothromachd
B’ e aon de chiad ghnìomhan an Urrais aonta a chur ri aithisg, From Seesaw to Wagon Wheel: Safeguarding impartiality in the 21st century. a chaidh a barantachadh le Riaghladairean a bha roimhe air a’ BhBC . Chuir Urrasairean an uairsin sreath sgrùdaidhean cothromachd air chois air cuspairean leithid gnothachas, saidheans is craoladh naidheachdan na RA is tha iad seo air adhbhrachadh leasachaidhean cudromach ann an naidheachdas a’ BhBC.
A dh’aindeoin seo bha roinnean den luchd-amais a bha a’ gearain mu chothromachd phoilitigeach a’ BhBC ann an craoladh referendum 2014 agus cha robh iad ro thoilichte na bu mhotha ann an 2016.
Ged is e am BBC an craoladair as earbsaiche a th’ aig an RA, tha ìre na h-earbsa sin air atharrachadh bho àm gu àm sna bliadhnaichean mu dheireadh. Bu chòir spèis a thoirt dha beachdan luchd-amais ann an Alba, agus freagairt beachdaichte a thoirt seachad.
Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, mhol tairgse Cairt na h-Alba de Chomhairle Luchd-amais gum bu chòir dhan BhBC ath-mheasadh a dhèanamh air na tha luchd-amais a’ sùileachadh bho naidheachdas agus a stiùireadh deasachaidh atharrachadh a rèir sin. Tha buill den bheachd cuideachd gum bu chòir dòighean èifeachdach a lorg gus mothachadh luchd-amais a thogail, an dà chuid, mu chothrom is chuingealachdan dreuchd a’ BhBC.
5. Riaghladh
Tha siostam riaghlaidh a’ BhBC (anns a bheil an t-Urras agus Bòrd Gnìomha a’ BhBC) air àrdachaidhean cudromach a lìbhrigeadh dha luchd-amais ann an Alba leithid a bhith a’ cruthachadh seanal Gàidhlig agus àrdachadh cudromach ann an riochdachadh lìonraidh tuath air na crìochan. Ach cha d’ fhuair an siostam air rùintean a choileanadh airson dràma Albannach nas cunbhalaiche air na lìonraidhean, no leasachadh prògraman naidheachdan is cùisean an latha ann an Alba gus coinneachadh ri feuman co-aimsireil
Tha a’ Chomhairle a’ toirt fa-near, ged a tha an RA air a bhith tiomnaichte gu bheil co-dhùnaidhean sa BhBC air gluasad nas fhaisge air a’ mheadhan. Bu chòir dhan bhòrd ùr cunbhalach a stèidhich a’ Chairt ùr, cuideachadh le bhith a’ giorrachadh loidhnichean co-dhùnaidh a tha tric a’ faireachdainn lag. Nan tagradh gun Chairt chomharraich buill dà phàirt eile a chuidicheadh le bhith a’ toirt co-dhùnaidhean a’ BhBC nas fhaisge air luchd-amais ann an Alba. Bu chòir mìneachadh a dhèanamh air an ìre seirbheis ris am faodadh dùil a bhith aig luchd-pàigheadh chìsean ann an Alba bhon BhBC gus am biodh puing iomraidh coitcheann ann dha riaghladairean, farpaisich, luchd-amais agus dhan BhBC fhèin.
- Bu chòir Bòrd Stiùiridh a bhith ann dha BBC Scotland le ball neo-ghnìomhachail dha Alba, a th’ air àrd bhòrd a’ BhBC sa chathair.
Bheireadh iad sin, còmhla, soilleireachd seachad mu thairgse a’ BhBC ann an Alba agus uidheam faicsinneach airson a bhith cunntachail ann an Alba taobh a-staigh structair cunbhalach iomlan a’ BhBC.

Prìomhachasan is suimealachdan dha Bòrd ùr a’ BhBC san àm ri teachd
- Bu chòir dha coimiseanairean telebhisein lìonra a’ BhBC a bhith stèidhichte ann an Alba le ùghdarras is goireasan airson cothromachd de shusbaint lìonraidh a tha a’ riochdachadh Alba is a tàlant cruthachail a bharantachadh, gu sònraichte ann an dràma. Bu chòir dhan BhBC, no Ofcom, comharran coileanaidh a shuidheachadh gus tomhas a dhèanamh air riochdachadh a’ BhBC mu iomadachd na RA cho-aimsireil, a’ gabhail a-steach iomadachd taobh a-staigh Alba.
- Bu chòir dhan BhBC, rannsachadh a dhèanamh air tuigse luchd-amais mu bhun-bheachd chothromachd, na toraidhean fhoillseachadh is beachdachadh orra agus dòigh-obrach a’ BhBC atharrachadh a rèir sin. Bu chòir dhan BhBC beachdachadh, ann an saoghal didseatach neo-riaghailteach, gur dòcha gu bheil feum air naidheachdas a’ BhBC, chan ann a-mhàin airson cunntas fìor a thoirt seachad (mar a tha e a’ dèanamh), ach cuideachd airson dùbhlan a thoirt dha breugan air a bheil càch a’ toirt cunntas.
- Bu chòir dhan BhBC naidheachdan a thabhainn, chan ann a-mhàin bho shealladh na RA, ach cuideachd bho shealladh gach dùthcha san RA, le mothachadh de suidheachaidhean sònraichte gach tè dhiubh.
- Bu chòir seirbheisean Gàidhlig a’ BhBC am maoineachadh air fad fhaighinn bhon ionad, is chan ann bho buidseat a’ BhBC ann an Alba is bu chòir dhan BhBC ro-innleachd a shuidheachadh gus neo-ionannachd mì-iomchaidh sam bith ann am maoineachadh seirbheisean dùthchasach mion-chànanach a’ BhBC tron RA a rèiteachadh.
- Mar phàirt den riaghladh ùr is den òrdachadh riaghailteach, bu chòir dha Bòrd a’ BhBC no Ofcom mìneachadh soilleir a shuidheachadh de ìre na seirbheis ris am faod luchd-pàigheadh chìsean ann an Alba a bhith a’ sùileachadh. Bu chòir bòrd stiùiridh a bhith aig BBC Scotland le ball neo-ghnìomhail dha Alba sa chathair.
Search the site
Can't find what you need? Search here