Factar cumanta
Gus factaraichCuir abairt ann an camagan. Mar eisimpleir, 18x + 12y = 6(3x + 2y). 'S e factaradh am pròiseas meudachaidh a' dol an rathad eile. a dhèanamh air abairt, ath-sgrìobh i mar thoradh-iomadachaidh de fhactaran.
Ma smaoinicheas tu air ais gu bhith a' toirt chamagan air falbh, 's e am freagairt a-nis a' cheist agus 's e a' cheist a-nis am freagairt.
Faodaidh sinn faighneachd, 'Dè bh' ann mus deach na camagan a thoirt air falbh?'
Nuair a bhios tu a' factaradh, tha e math na camagan iomadachadh a-mach aon uair 's gu bheil freagairt agad gus faighinn a-mach a bheil am freagairt a' maidseadh na ceist.
Mura bheil, bidh fios agad gu bheil rudeigin ceàrr.
Eisimpleir
Factaraich \(10 + 4x\)
An toiseach, lorg am factar cumanta as àirde (FCÀ) aig \(10\) agus \(4x\).
Innsidh seo dhuinn dè an teirm a thèid air taobh a-muigh nan camagan.
'S e am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ) = 2.
\(10 + 4x = 2(... + ...)\)
Airson na teirmean a bhios taobh a-staigh nan camagan a lorg, obraich a-mach \(2 \times ? = 10\) agus an uair sin \(2 \times ? = 4x\).
Sin \(5\) agus \(2x\)
Mar sin \(10+4x=2(5+2x)\)
Cuimhnich gun iomadaich thu a-mach na camagan a-nis airson dèanamh cinnteach gu bheil am freagairt ceart.
Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.
Question
Factaraich \(6a - 9\)
Mar sin 's e 3 am Factar Cumanta as Àirde (FCÀ).
\(6a - 9 = 3(2a - 3)\)
Question
Factaraich \(15 + 10x\)
\(= 5(3 + 2x)\)
Question
Factaraich \(x^{2}+5x\)
'S e \(x\) am factar cumanta.
\(=x(x+5)\)
Question
Factaraich \(3{a^2} - 12a\)
'S e 3a am factar cumanta.
\(= 3a(a - 4)\)
Question
Factaraich \(20xy - 6x\)
\(= 2x(10y - 3)\)
Question
Factaraich \(20{y^2} - 5y\)
\(= 5y(4y - 1)\)