'S e buidseatadh liosta de theachd-a-steach is de chosgaisean thar ùine no tachartas sònraichte. Leis an liosta, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu theachd-a-steach is mu chosgais rè ùine.
Tha e glè chudromach fuireach taobh a-staigh buidseat aig an taigh, aig d' obair agus san sgoil.
'S e buidseatadh nuair a nì thu liosta de theachd-a-steach agus de chosgaisean thar ùine no tachartas sònraichte.
Nuair a bhios tu air an liosta a dhèanamh, thèid agad air co-dhùnadh a dhèanamh mu theachd-a-steach agus mu chosgais mar a bhios an ùine no an tachartas a' dol seachad.
Buidseatadh mìosail
Teachd-a-steach - an t-airgead as àbhaist tighinn a-steach bho thuarastal. Faodaidh teachd-a-steach eile tighinn bho riadh air cunntasan sàbhalaidh, bho chreideasan cìse no bho shochairean.
Airson buidseatadh, feumaidh tu tòiseachadh air obrachadh a-mach an dèidh cìsean agus àrachas tighinn far tuarastal. Canar pàigheadh lom ris an seo (na bheir thu dhachaigh).
Cosgais - na thèid a chosg air nithean a bhios a' tighinn far tuarastal. Bidh cosgaisean ag atharrachdh a rèir gach suidheachadh air a bheilear a' beachdachadh (airgead a' dol a-mach).