Rannsachadh
Mar as trice tòisichidh rannsachadh le taisbeanadh de dh'fhiosrachadh mu shuidheachadh, agus bidh ceistean às a dhèidh an dara cuid mun fhiosrachadh seo, no mun bhuaidh a th' aig atharraichean air an t-suidheachadh.
Eisimpleir
Pàirt 1
Tha Jim a' trèanadh airson a bhith na chòcaire. Tha e san treas bliadhna dhen chùrsa aige. 'S e \(\pounds850\) sa mhìos an tuarastal aige. Tha càr aige agus tha e a' fuireach còmhla ri phàrantan. Bidh e a' siubhal 50 mìle san latha gu obair (ann is air ais). Seo am buidseat mìosail aige:
Dè th' ann? | Cosgais |
Iasad a' chàir | \(\pounds135\) |
Peatrail | \(\pounds150\) |
Parcadh | \(\pounds40\) |
Seirbheiseachadh a' chàir | \(\pounds50\) |
Àrachas a' chàir | \(\pounds40\) |
Cuideachadh le cosgaisean an teaghlaich | \(\pounds160\) |
Sàbhaladh | \(\pounds60\) |
Cur-seachadan | \(\pounds150\) |
Iomlan |
Dè th' ann? | Iasad a' chàir |
---|---|
Cosgais | \(\pounds135\) |
Dè th' ann? | Peatrail |
---|---|
Cosgais | \(\pounds150\) |
Dè th' ann? | Parcadh |
---|---|
Cosgais | \(\pounds40\) |
Dè th' ann? | Seirbheiseachadh a' chàir |
---|---|
Cosgais | \(\pounds50\) |
Dè th' ann? | Àrachas a' chàir |
---|---|
Cosgais | \(\pounds40\) |
Dè th' ann? | Cuideachadh le cosgaisean an teaghlaich |
---|---|
Cosgais | \(\pounds160\) |
Dè th' ann? | Sàbhaladh |
---|---|
Cosgais | \(\pounds60\) |
Dè th' ann? | Cur-seachadan |
---|---|
Cosgais | \(\pounds150\) |
Dè th' ann? | Iomlan |
---|---|
Cosgais |
Question
Obraich a-mach cosgaisean iomlan Jim an coimeas ri a theachd-a-steach.
Cosgais iomlan \(= \pounds785\)
Tha plana a' bhuidseat aig Jim a' sealltainn gu bheil na tha e an dùil a chosg nas lugha na an teachd-a-steach aige gach mìos. 'S e an t-sùim \(\pounds850 - \pounds785 = \pounds65\).
(Bidh Jim a' fàgail an airgid seo sa chunntas-banca aige gach mìos agus faodaidh e a chleachdadh ma thig cosgais gun dùil air.)
Pàirt 2
Tha Jim an dùil gun tèid an tuarastal mìosail aige suas gu \(\pounds930\) sa bhliadhna nuair a bhios e sa bhliadhna mu dheireadh dhen chùrsa aige. Tha e cuideachd an dùil an dachaigh fhàgail agus a dhol a' flat còmhla ri daoine eile.
Bidh an dachaigh ùr aige faisg gu leòr air an obair aige airson coiseachd ann. Bidh e a' pàigheadh \(\pounds350\) gach mìos airson a' mhàil. Tha seo a' gabhail a-steach gas, dealan agus a' chìs comhairle.
Feumaidh Jim sùil eile a thoirt air a' bhuidseat aige.
Cosgais a' chàir
Tha Jim a' faicinn gun deidheadh aige air \(\pounds350\) a phàigheadh gach mìos air a' mhàl, às aonais an àrdachaidh, mura biodh càr aige.
Iasad a' chàir | \(\pounds135\) |
Peatrail | \(\pounds150\) |
Parcadh | \(\pounds40\) |
Seirbheiseachadh a' chàir | \(\pounds50\) |
Àrachas a' chàir | \(\pounds40\) |
Iomlan | \(\pounds415\) |
Iasad a' chàir |
---|
\(\pounds135\) |
Peatrail |
---|
\(\pounds150\) |
Parcadh |
---|
\(\pounds40\) |
Seirbheiseachadh a' chàir |
---|
\(\pounds50\) |
Àrachas a' chàir |
---|
\(\pounds40\) |
Iomlan |
---|
\(\pounds415\) |
Tha e a' cosg \(\pounds415\) air a' chàr agus tha sin \(\pounds65\) a bharrachd air na dh'fheumas e airson a' mhàil. Ach tha Jim an dòchas an càr a chumail nuair a ghluaiseas e. Mar sin tha e a' toirt sùil gheur air a' bhuidseat mhìosail 'ùr' aige.
Tuilleadh fiosrachaidh
- Tha cosgais a' pheatrail \(\pounds100\) nas lugha chionn thèid aige air coiseachd a dh'obair bhon dachaigh ùir aige.
- Chan eil cosgais parcaidh air chionn thèid aige air coiseachd gu obair bhon dachaigh ùir aige.
- Bidh e a' cosg \(\pounds120\) air biadh an àite a bhith a' cuideachadh le cosgais an teaghlaich.
Question
Dè a' bhuaidh a th' aig an fhiosrachadh a bharrachd seo air na cosgaisean aige?
Dè th' ann? | Cosgais |
Màl | \(\pounds350\) |
Iasad a' chàir | \(\pounds135\) |
Peatrail | \(\pounds50\) |
Seirbheiseachadh a' chàir | \(\pounds50\) |
Àrachas a' chàir | \(\pounds40\) |
Biadh | \(\pounds120\) |
Sàbhaladh | \(\pounds60\) |
Cur-seachad | \(\pounds150\) |
Iomlan | \(\pounds955\) |
Dè th' ann? | Màl |
---|---|
Cosgais | \(\pounds350\) |
Dè th' ann? | Iasad a' chàir |
---|---|
Cosgais | \(\pounds135\) |
Dè th' ann? | Peatrail |
---|---|
Cosgais | \(\pounds50\) |
Dè th' ann? | Seirbheiseachadh a' chàir |
---|---|
Cosgais | \(\pounds50\) |
Dè th' ann? | Àrachas a' chàir |
---|---|
Cosgais | \(\pounds40\) |
Dè th' ann? | Biadh |
---|---|
Cosgais | \(\pounds120\) |
Dè th' ann? | Sàbhaladh |
---|---|
Cosgais | \(\pounds60\) |
Dè th' ann? | Cur-seachad |
---|---|
Cosgais | \(\pounds150\) |
Dè th' ann? | Iomlan |
---|---|
Cosgais | \(\pounds955\) |
Pàirt 3
Tha plana a' bhuidseat aig Jim a-nis a' sealltainn gu bheil na tha e an dùil a chosg nas motha na an teachd-a-steach aige sa mhìos.
'S e an t-sùim \(\pounds955 - \pounds930 = \pounds25.\)
Ach tha e a' faicinn gun tèid aige air gluasad ma nì e beagan atharraichean eile.
Question
Na do bheachd-sa, dè na h-atharraichean eile a dh'fhaodadh Jim a dhèanamh ris a' bhuidseat a leigeadh dha an càr a chumail agus gluasad?
Chan eil dìreach aon fhreagairt ann dhan cheist seo. Bu chòir dhut a dhà no trì mholaidhean ciallach a dhèanamh airson gun tèid aige air sàbhaladh a dhèanamh.
Shàbhaileadh e \(\pounds25\) le bhith:
- a' sàbhaladh \(\pounds10\) nas lugha
- a' cosg \(\pounds5\) nas lugha air biadh
- a' cosg \(\pounds10\) nas lugha air cur-seachad.