Luachaich abairt/foirmle
Lorgaidh sinn luach abairt nuair a bhios fios againn air luachan \(x\), \(y\), msaa.
Mus tòisich sinn, feumaidh sinn cuimhneachadh air CÒRICTSeo an t-òrdugh anns am feum sinn obrachadh àireamhachd a dhèanamh. Camagan - Òrdugh - Roinn – Iomadaich – Cuir-ris – Thoir-air-falbh.: an t-òrdugh anns am bi sinn a' dèanamh obrachaidhean.
Question
Lorg luach \(3x + 5y\) nuair a tha \(x = 2\) agus \(y = -1\).
Gus luach abairt obrachadh a-mach, feumaidh sinn na luachan a th' againn airson \(x\) agus \(y\) ionadachadh gu \(3x + 5y\).
\(3x + 5y\)
\( = 3 \times 2 + 5 \times ( - 1)\)
Cuimhnich gu bheil CÒRICT ag iarraidh oirnn iomadachadh mus dèan sinn cur-ris.
\(= 6 + ( - 5)\)
\(= 1\)
Question
Lorg luach \(5c - b + 2a\) nuair a tha \(a = 3\), \(b = 1\) agus \(c = 4\).
\(5c - b + 2a\)
\(= 5 \times 4 - 1 + 2 \times 3\)
\(= 20 - 1 + 6\)
\(= 25\)
Question
Seo foirmle tuairmseach a dh'atharraicheas teòthachdan celsius gu fahrenheit: \(F = 2C + 30\).
Obraich a-mach \(F\) nuair a tha \(C\) aig 15.
\(F = 2C + 30\)
\(F = 2 \times 15 + 30\)
\(F = 30 + 30\)
\(F = 60\)
Mar sin tha 15°C faisg air 60°F.