Co-mheasA' sgrìobhadh coimeas ann an riochd cho-mheas

Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad. Le fios mu cho-mheas, faodar uireadan obrachadh a-mach.

Part of Gnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

A' sgrìobhadh coimeas ann an riochd cho-mheas

Eisimpleir

Còig coin agus dà chat de dhiofar sheòrsa

Tha 2 chat agus 5 coin aig tuathanach. Sgrìobh co-mheas nan cat ri coin agus co-mheas nan con ri cait.

Cait : Coin \(= 2 : 5\)

Coin : Cait \(= 5 : 2\)

Feuch a-nis a' cheist seo.

Question

Tha 85 caoraich agus 15 mart cuideachd aig an tuathanach. Sgrìobh co-mheas nam mart ri caoraich san riochd as sìmplidhe.

Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread, a tha san aon aonad, a choimeas.