Co-mheasA' cleachdadh co-mheas

Tha co-mheas air a chleachdadh gus dà uiread a choimeas. Bu chòir gum biodh gach uiread san aon aonad. Le fios mu cho-mheas, faodar uireadan obrachadh a-mach.

Part of Gnìomhan MatamataigsSgilean àireamhachd

A' cleachdadh co-mheas

Eisimpleir

Tha an co-mheas eadar nigheanan agus balaich aig diosgo na sgoile aig \(3 : 1\). Ma bha 50 balach ann, cia mheud nighean a bh' aig an diosgo?

Balaich \(= 1\) pàirt \(= 50\) sgoilear

Nigheanan \(= 3\) pàirtean \(= 3 \times 50 = 150\) sgoilear

Bha \(150\) nighean aig an diosgo.

Feuch a' cheist seo a-nis.

Question

Tha an co-mheas eadar nigheanan agus balaich aig fèill-reic na sgoile aig \(1 : 2\).

Ma bha 20 balach ann, cia mheud nighean a bh' aig an fhèill?