Sgilean àireamhachd
A' tilleadh an atharrachaidh
Seo dòigh air obrachadh air ais air ceist cheudadan airson an t-sùim thùsail a lorg.
Airson seo a dhèanamh, bidh sinn:
- An dara cuid a' cur-ris/a' toirt-air-falbh a' cheudaid sa cheist bho 100% gus an ceudad a tha againn obrachadh a-mach
- A' lorg 1% le bhith a' roinn a' cheudaid a lorg sinn sa chiad cheum
- A' lorg 100% (an t-sùim thùsail) le bhith ag iomadachadh do fhreagairt ann an ceum 2 le 100
Eisimpleir
Tha bùth a' tabhann 30% far a h-uile sìon. Tha paidhir bhròg a' cosg £84 anns an t-seul. Obraich a-mach dè bha na brògan a' cosg ron t-seul.
\(Seul\, \,30\% \to (100\% - 30\% = 70\% )\)
70% de chosgais nam bròg = £84
\(1\% \to 84 \div 70 = \pounds1.20\)
\(100\% \to \pounds1.20 \times 100 = \pounds120\)
Bha na brogan a' cosg £120 ron t-seul.
Feuch a-nis a' cheist san eisimpleir gu h-ìosal.
Question
An dèidh àrdachadh tuarastail de 4%, bha Bill a' cosnadh £1248 gach mìos.
Obraich a-mach dè bha Bill a' cosnadh gach mìos mus d' fhuair e àrdachadh.
\(4\% \,\text{àrdachadh}\), mar sin:
\(100\% + 4\% = 104\%\)
\(104\% = \pounds1248\)
\(1\% = \pounds1248 \div 104\)
\(= \pounds12\)
\(100\% = \pounds12 \times 100\)
\(= \pounds1200\)
Bha Bill a' cosnadh £1200 gach mìos mus d' fhuair e àrdachadh tuarastail.