Surdan agus indeacsan Surdan

Gabhaidh cuid de shurdan a shìmpleachadh a' cleachdadh diofar riaghailtean no le bhith a' raiseanaileadh an t-seòrsaiche. Gabhaidh cuid de theirmean le indeacsan cuideachd a bhith air an sìmpleachadh.

Part of MatamataigSgilean àireamhach

Surdan

'S e freumh ceàrnagach nach gabh a thoirt sìos gu àireamh raiseanail a th' ann an surd.

Mar eisimpleir, chan e surd a th' ann an \(\sqrt 4 = 2\).

Ach 's e surd a th' ann an \(\sqrt 5\).

Ma chleachdas tu àireamhair, chì thu gu bheil \(\sqrt 5 = 2.236067977...\) agus feumaidh sinn am freagairt a chruinneachadh gu beagan ionadan deicheach. Tha seo a' ciallachadh nach eil e cho mionaideach.

Ma thèid fhàgail mar \(\sqrt 5\), chan eil am freagairt air a chruinneachadh agus tha sin ga chumail mionaideach.

Seo beagan riaghailtean coitcheann airson a bhith a' sìmpleachadh abairtean sa bheil surdan.

\(\sqrt a \times \sqrt a = a\)

\(\sqrt {ab} = \sqrt a \times \sqrt b\)

\(\sqrt {\frac{a}{b}} = \frac{{\sqrt a }}{{\sqrt b }}\)

Cleachd a-nis am fiosrachadh gu h-àrd agus feuch na ceistean gu h-ìosal.

Question

Sìmplich \(\sqrt {12}\)

Question

Sìmplich \(\sqrt {48}\)

Question

Sìmplich \(\sqrt {\frac{{16}}{9}}\)

Question

Sìmplich \(\sqrt 8 + \sqrt {18} + \sqrt {50}\)

More guides on this topic