Ro-ràdh: casaidean buidseachd
Ann an Alba, eadar 1450 agus 1750, chaidh faisg air 4,000 neach a chur fo chasaid a bhith nam bana-bhuidsichean. Thathar a' meas gun deach mu 2,500 dhiubh sin a chur gu bàs.
Dh'fhaodaist cur às leth duine sam bith gun robh iad nam bana-bhuidseach, ach ann an Alba, bha e na bu bhuailtiche tachairt do chuid de dhaoine na do chuid eile.
Anns an artaigil seo, bheir sinn sùil air cò bha fo chasaid agus saoil carson a bha seo.
Carson a bha boireannaich fo chasaid buidseachd?

Bha boireannaich na bu dualtaiche a bhith fo chasaid buidseachd na fireannaich.
Anns an Roinn Eòrpa gu lèir, b' e boireannaich a bh' ann an còrr is 70% dhen fheadhainn a bha fo chasaid buidseachd.
Ann an Alba, b' e boireannaich a bh' ann an còrr is 84% dhen fheadhainn a bha fo chasaid buidseachd.
Tha iomadh adhbhar airson seo.
Gu traidiseanta, bha boireannaich air am faicinn nas laige agus nas fhasa a bhith air am buaireadh na fireannaich. Ann an stòiridh Àdhamh agus Eubha anns a' Bhìoball, 's e Eubha a bhuair an Sàtan gus an ubhal thoirmisgte ithe. Bha beachd ann gun robh barrachd cunnairt ann gun toireadh an Diabhal buaidh air boireannaich.

Sgrìobh an Rìgh Seumas VI mun seo anns an leabhar aige, Daemonologie:
as that sexe is frailer then man is, so is it easier to be intrapped in these grosse snares of the Devill, as was over well proved to be true, by the Serpents deceiving of Eva at the beginning.
– King James VI, Daemonologie
Glè thric, nuair a bha fireannaich fo chasaid buidseachd, bha iad air an cur fo chasaid co-cheangailte ri bana-bhuidseach. Dh'fhaodadh gun robh iad càirdeach tro phòsadh, no gun robh iad nam bràithrean no nan cloinn le boireannaich a bha fo chasaid buidseachd.

Am b' e boireannaich gun phòsadh a bh' ann am bana-bhuidsichean?
'S e an ìomhaigh thraidiseanta de bhana-bhuidseach, mar eisimpleir ann an sgeulachdan mar Hansel agus Gretel, cailleach a' fuireach leatha fhèin.
A bheil seo ciallach?
Ann an Alba, tha 319 cùisean ann far a bheil fios air inbhe pòsaidh cuideigin fo chasaid buidseachd:
- 245 pòsta
- 67 nam banntraichean
- 7 gun phòsadh
An robh a' mhòr-chuid de bhana-bhuidsichean pòsta?
Saoilidh sinn bho na h-àireamhan seo gun robh a' mhòr-chuid de bhana-bhuidsichean pòsta, ach tha 1572 cùis ann far nach eil an inbhe pòsaidh air a chlàradh.
Mar sin, chan urrainn dhuinn a' cheist seo a fhreagairt le cinnt.
Cùl-eachdraidh shòisealta
B' e dioplomat Sasannach a bh' ann an Robert Bowes agus a bha ag obair ann an Alba.
A' sgrìobhadh mu chùirtean bhana-bhuidsichean ann an 1597, thuirt e gun robh an fheadhainn fo chasaid:
…not only of the meanest sort but also of the best.
– Calendar of State Papers relating to Scotland and Mary Queen of Scots, volume 13, (Sept 5, 1597)
Tha seo a' ciallachadh nach b' e daoine bochda a bha anns a h-uile neach fo chasaid. Bha cuid dhiubh bho rangan sòisealta àrd.
A rèir an rannsachaidh a rinn Oilthigh Dhùn Èideann air Suirbhidh air Buidseachd Albannach, far an robh cùl-raon sòisealta air a chlàradh, bha bana-bhuidsichean bhon h-uile gin dhiubh seo:
- bha 6% bho chùl-raon beairteach, nam measg uachdarain agus uaislean
- bha teachd-a-steach meadhain aig 64%. Bha seo a' gabhail a-steach thuathanaich màil, agus luchd-ceàird mar breabadairean no bèicearan
- bha 29% bho chùl-raon na bu bhochda. Bha seo a' gabhail a-steach dhaoine le glè bheag de chothrom air fearann no obair, no aig nach robh dachaigh bhuan.
Saoilidh sinn bhon seo gum faodadh bana-bhuidsichean tighinn bho chùl-raon sam bith. Ach chan eil a' mhòr-chuid de chùisean a' clàradh eachdraidh nan daoine fo chasaid.
Cò bha anns na daoine gleusta?

Aig an àm seo, bha daoine anns a' mhòr-chuid de chultaran air feadh na Roinn Eòrpa ris an canadh iad daoine gleusta.
Bha ainmean eile orra cuideachd mar fir ghlice, agus mnathan glice.
Bha a' choimhearsnachd dhen bheachd gun robh comasan slànachaidh aig na daoine gleusta agus gun robh eòlas aca air geasagan agus draoidheachd.
Aig àm nuair nach robh airgead gu leòr aig daoine airson leigheas fhaighinn bho dhotair, bha iad a' cur earbsa ann an daoine gleusta airson ìocshlaintean do thinneasan cumanta. Bha daoine dhen bheachd gum b' urrainn na daoine gleusta cur às do mhallachdan agus gum b' urrainn iad geasagan a chur a chuidicheadh a' choimhearsnachd.
Bha linn cùirtean nam bana-bhuidsichean na àm cunnartach dha na daoine gleusta. Bha na h-eaglaisean Crìosdail amharasach mu chleachdadh draoidheachd sam bith. Dh'fhaodadh duine sam bith a bha ri draoidheachd a bhith na theachdaire bhon diabhal agus na chunnart.
Chaidh cuid de dhaoine gleusta fheuchainn anns a' chùirt, ach mar bu trice, cha robh robh mòran dhiubh fo chasaid buidseachd. Tha liost de 141 neach-slànachaidh a bha fo chasaid buidseachd ann an stòr-dàta Suirbhidh air Buidseachd Albannach.
Mura h-obraicheadh an slànachadh, no nan dèanadh e cuideigin na bu bhochda, no ma bha eas-aonta ann, bhiodh luchd-slànachaidh an uair sin fosgailte do chasaidean buidseachd.

Marione Corsan

Ann an 1650, chuala cùirt ionadail fianais gun do shlànaich Marione Corsan boreannach bhon tinneas thuiteamach. Ach nuair a chaidh an dithis bhoireannach far a chèile, thill an tinneas.
A dh'aindeoin a' bheachd oifigeil gun robh a h-uile seòrsa draoidheachd olc, bha cuid de choimhearsnachdan nach robh ag aontachadh agus a bha fiù 's a' dìon dhaoine gleusta bho chasaidean bhon a bha iad air am faicinn mar dhaoine a bha a' lìbhrigeadh sheirbheisean prìseil, nam measg dìon bho bhuidseachd.

An e cailleachan an-còmhnaidh a bh' ann am bana-bhuidsichean?

Ann an sgeulachdan, tha bana-bhuidsichean mar as trice air an sealltainn mar chailleachan. Tha e fìor gun robh daoine a bha fo chasaid buidseachd am meadhan-aois no nas sine.
Ann an Alba, bha còrr is 60% de dhaoine a bha fo chasaid buidseachd còrr is ceathrad bliadhna aig àm nuair a bha an dùil-aoise gu math na b' ìsle na tha e an-diugh.
Tha e doirbh a bhith cinnteach carson.
Dh'fhaodadh gun robh boireannaich nas sine buailteach bruidhinn a-mach no seasamh suas air an son fhèin. Dh'fhaodadh gun do dh'adhbharaich seo còmhstri còmhla ris an h-ùghdarrasan, no daoine a dh'fhaodadh casaid a thogail nan aghaidh.
B' e daoine anns a' choimhearsnachd a bha a' togail a' mhòr-chuid de chasaidean an aghaidh dhaoine. Bhiodh daoine a bha air a bhith beò nas fhaide na bu dòcha a bhith ann an còmhstri ri nàbaidhean uaireigin.
'S dòcha gun robh daoine na b' òige air am faicinn neo-chiontach.
'S dòcha gun robh daoine na bu shine na bu dòcha cuid de ghiùlan co-cheangailte ri bana-bhuidsichean a nochdadh.

Giùlan "mì-shòisealta"
Glè thric, bhiodh feadhainn a bha fo chasaid buidseachd a' nochdadh giùlan a bha air fhaicinn connspaideach no mì-shòisealta.
'S dòcha gun robh seo air sgàth 's a bhith geur air an teanga, a bhith a' càineadh dhaoine eile, no a' dol an sàs ann an argamaidean.
Chan e a-mhàin gum biodh coltas 'an-diadhaidh' air daoine leis an dol a-mach seo, bha e glè thric a' dèanamh nàimhdean taobh a-staigh coimhearsnachd.
Tha iomadh cunntas air cùirtean nam bana-bhuidsichean a' toirt iomradh air argamaidean no air bana-bhuidseach a' mallachadh cuideigin ris nach eil iad ag aontachadh.
Agnes Finnie
Ann an 1643, chaidh Agnes Finnie, neach-bùtha a bhiodh a' toirt seachad iasad airgid ann an Dùn Èideann, a chur fo chasaid gun do chuir i buidseachd air grunn dhaoine a dh'fhàs tinn an dèidh argamaid rithe. Chaidh Agnes fhaighinn ciontach de bhuidseachd agus chaidh a cur gu bàs anns a' Mhàrt 1645.
An robh daoine le ciorraman fo chasaid buidseachd?

Tha cuid de luchd-eachdraidh den bheachd gu robh cuid den fheadhainn a bha fo chasaid buidseachd a' fulang le tinneas neo gu robh cùisean slàinte inntinn aca.
Air ais an uairsin, cha robh na suidheachaidhean sin air an tuigsinn gu math agus bhathas den bheachd gu robh an fheadhainn a fhuair eòlas orra fo bhuaidh droch spioradan no bana-bhuidsichean.
Cuideachd, cha robh tuigse ann air ciorraman bodhaig agus dh'fhaodadh gun robh daoine amharasach mun deidhinn.
Mar eisimpleir, bhiodh làraich fhollaiseach, foinnean no buill-dòbhrain air am faicinn mar chomharra an Diabhail agus mar dhearbhadh gun robh cuideigin air aonta a dhèanamh ris an Diabhal.
Alesoun Pierson
Anns a' chùirt aice anns a' Chèitean 1588, thug Alesoun Pierson cunntas air mar a choinnich i ri sìthichean turas agus i air tuiteam gu talamh is i tinn. Aig an àm bha seo air fhaicinn mar chomharra gun robh i an sàs ann an draoidheachd.
An-diugh bhiomaid nas buailtiche smaoineachadh gun robh mìneachadh meadaigeach air a shon, mar bruaillean ri linn taom eanchainn.
Janet Horne

Tha e air aithris gur e Janet Horne an tè mu dheireadh ann an Alba a chaidh a feuchainn agus a cur gu bàs mar bhana-bhuidseach.
Chaidh Janet agus an nighean aice a chur fo chasaid buidseachd ann an Dòrnach ann an 1727 (no 1722 ann an cuid de chunntasan).
A rèir cuid de stòran, thuirt nàbaidhean gun robh Janet air an nighean aice atharrachadh gu bhith na h-each, agus gum biodh i ga marcachd airson a dhol a choinneachadh ris an Diabhal. Mar fhianais thuirt iad gun robh làmhan agus casan na h-ìghne cotach ri crùdhan eich.
Anns a' chùirt, chaidh a ràdh gur e "cailleach às a ciall" a bha a' "bruaillean" a bh' ann an Janet. Ga chur còmhla, saoilidh sinn gur dòcha gun robh i a' fulang le dementia.
Chaidh a ràdh gur dòcha gun do rugadh an nighean aig Janet le ciorram a thug buaidh air a làmhan 's a casan. Tha cuid de chunntasan a' ràdh gun deach lotan fhàgail air làmhan Janet an dèidh an losgadh le teine.
Chaidh an dithis fhaighinn ciontach. Ged a chaidh Janet a chur gu bàs, chaidh aig an nighinn aice air teiche às a' phrìosan.

Ceistean
More on Cùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba
Find out more by working through a topic