Carson a thàinig cùirtean bhana-bhuidsichean Alba gu crìch?

Part of EachdraidhCùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba

Deireadh cùirtean bhana-bhuidsichean

Rè nan 1700an, sguir cùirtean nam bana-bhuidsichean air feadh na Roinn Eòrpa.

Mun àm a thachair seo ge-tà, bha na mìltean de dh'Albannaich air am faighinn ciontach de bhuidseachd agus air an cur gu bàs.

Carson, mar sin, a thàinig lorg nam bana-bhuidsichean gu crìch?

Back to top

Atharraichean ann an creideasan

Duilleag tiotail a' chiad dreach de The Discovery of Witchcraft, le Reginald Scott (1584)Image source, ALAMY
Image caption,
Ann an 1584, sgrìobh duin'-uasal à Sasainn air an robh Reginald Scott The Discovery of Witchcraft. Tha an leabhar a' toirt adhbharan reusanta is cràbhach gun a bhith a' creidsinn ann am buidseachd, agus tha e a' nochdadh nan cleasan agus nam meallaidhean a ghabhadh cleachdadh airson tachartasan fallsa, draoidheil agus os-nàdarra a chur an cèill. (Reginald Scott, Public domain, via Wikimedia Commons)

Anns an t-17mh agus anns an 18mh Linn, sguir dùthchannan Eòrpach a' cur dhaoine gu bàs airson buidseachd:

  • chuir a' Phoblachd Dhuitseach a' bhana-bhuidseach mu dheireadh gu bàs ann an 1609
  • chaidh an neach mu dheireadh a chur gu bàs ann an Sasainn ann an 1684
  • thathar an dùil gun deach an neach mu dheireadh a chur gu bàs air Tìr-mòr na Roinn Eòrpa anns a' Phòlainn ann an 1793

Ann an 1727, b' e Janet Horne, bòireannach à Dòrnoch ann an Cataibh, an tè mu dheireadh a chaidh a chur gu bàs ann an Alba airson buidseachd.

Bha riamh gearanan ann an aghaidh lorg bhana-bhuidsichean air feadh na Roinn Eòrpa:

  • bha cuid ag argamaid nach robh a leithid de rud ann ri buidseachd
  • bha cuid ag ràdh gun robh cuid dhe na bana-bhuidsichean a dh'aidich an dara cuid troimh-a-chèile no às an ciall
  • bhathar a' faicinn nach robh fianais cheart an aghaidh nan daoine a bha fo chasaid
  • bha gearanan moralta an aghaidh làimhseachadh borb an luchd-amharais
  • bha teagamh aig cuid gun robh an fheadhainn a bha a' lorg nam bana-bhuidsichean ri foill

Thar ùine, chaidh teagamhan mu lorg nam bana-bhuidsichean am meud agus chaidh àireamh nan cùirtean air feadh na Roinn-Eòrpa sìos. 'S dòcha gun robh seo air sgàth 's gun robh atharraichean mòra a' tighinn air a' chomann-shòisealta Eòrpach.

Duilleag tiotail a' chiad dreach de The Discovery of Witchcraft, le Reginald Scott (1584)Image source, ALAMY
Image caption,
Ann an 1584, sgrìobh duin'-uasal à Sasainn air an robh Reginald Scott The Discovery of Witchcraft. Tha an leabhar a' toirt adhbharan reusanta is cràbhach gun a bhith a' creidsinn ann am buidseachd, agus tha e a' nochdadh nan cleasan agus nam meallaidhean a ghabhadh cleachdadh airson tachartasan fallsa, draoidheil agus os-nàdarra a chur an cèill. (Reginald Scott, Public domain, via Wikimedia Commons)

Atharrachadh creideimh

Martin Luther a' losgadh bulla-pàpa bho Leo X a chuir às an eaglais e, Wittenberg, 1521. Chuir gearanan Luther mun Eaglais Chaitligich an t-Ath-leasachadh gu dol.Image source, ALAMY
Image caption,
Martin Luther a' losgadh bulla-pàpa bho Leo X a chuir às an eaglais e, Wittenberg, 1521. Chuir gearanan Luther mun Eaglais Chaitligich an t-Ath-leasachadh gu dol.

Anns na 1500an, dh'adhbharaich an ùpraid mhòr ann an creideamh. Bha creideasan ùra Pròstanach an aghaidh teagasg Chaitligeach. Dh'adhbharaich argamaidean mu chreideimh strì airson cumhachd ann an sgìrean ionadail, ann an diofar dhùthchannan agus eadar dùthchannan.

Chaidh cogaidhean mòra a chur eadar nàiseanan Pròstanach agus Caitligeach agus dh'adhbharaich sin gun do bhàsaich na milleanan dhaoine.

An taobh a-staigh de nàiseanan Pròstanach agus Caitligeach, dh'fhaodaist casaid a thogail an aghaidh chreidmhich anns a' chreideamh eile.

Tha cuid de luchd-eachdraidh dhen bheachd gun do chuir ùpraid creideimh an Ath-leasachaidh ri lorg nam bana-bhuidsichean bhon a bha ceannardan nan diofar chreideamhan a' feuchainn ri sealltainn gun robh iad a' sabaid an aghaidh olc.

Martin Luther a' losgadh bulla-pàpa bho Leo X a chuir às an eaglais e, Wittenberg, 1521. Chuir gearanan Luther mun Eaglais Chaitligich an t-Ath-leasachadh gu dol.Image source, ALAMY
Image caption,
Martin Luther a' losgadh bulla-pàpa bho Leo X a chuir às an eaglais e, Wittenberg, 1521. Chuir gearanan Luther mun Eaglais Chaitligich an t-Ath-leasachadh gu dol.
Portraid foirmeil de dh'oifigich ann an èideadh na 17mh Linn timcheall bòrd de sgrìobhainnean.Image source, ALAMY
Image caption,
Thàinig crìoch air mòr-chòmhstri creideimh air feadh na Ròinn Eòrpa le Sìth Westphalia ann an 1648. Stèidhich an t-sreath chùmhnantan seo a' chòir a bhith aig daoine diofar chreideamhan Crìosdail a leantainn. (Niday Picture Library / Alamy Stock Photo)

Mu dheireadh, thill an t-sìth agus chaidh a' chòir aontachadh diofar chreideamhan Crìosdail a leantainn. Tha cuid de luchd-eachdraidh a' cumail a-mach nach robh lorg bhana-bhuidsichean cho cumanta mar thoradh air a seo.

An Soillseachadh

Tidsear saidheans Gearmailteach bhon t-Soillseachadh còmhla ris na sgoilearan aige, mu 1770.Image source, ALAMY
Image caption,
Tidsear saidheans Gearmailteach bhon t-Soillseachadh còmhla ris na sgoilearan aige, mu 1770.

Sgaoil gluasad mòr-innleachdail ris an cante an Soillseachadh tron Roinn Eòrpa anns an t-17mh agus san 18mh linn.

Bha daoine air am brosnachadh gus saidheans a chleachdadh airson an saoghal mun cuairt orra a thuigsinn.

Thug seo buaidh air mar a bha daoine a' coimhead air rudan a bha doirbh dhaibh a thuigsinn.

An àite a bhith a' smaoineachadh gur e obair bhana-bhuidsichean no obair an Diabhail a bh' ann an tachartasan annasach, mar am foghar a' fàilligeadh, no bàs gun mhìneachadh air a shon, bha daoine air am brosnachadh gu bhith a' coimhead airson adhbharan nas nàdarra seach os-nàdarra.

Mu dheireadh, sgaoil an seòrsa smaoineachadh foghlamaichte seo sìos bho na rìghrean agus na morairean, sìos gu sagartan ionadail, agus an uair sin gu daoine a bha ag obair.

Tidsear saidheans Gearmailteach bhon t-Soillseachadh còmhla ris na sgoilearan aige, mu 1770.Image source, ALAMY
Image caption,
Tidsear saidheans Gearmailteach bhon t-Soillseachadh còmhla ris na sgoilearan aige, mu 1770.
Back to top

Atharraichean anns a' chomann-shòisealta

Thar ùine, thòisich Albannaich a' gabhail uabhas mu lorgan àrd-ìre bhana-bhuidsichean a dh'adhbharaich àireamh mhòr bhàsan.

Ann an 'Lorg Mhòr Bana-bhuidsichean na h-Alba' ann an 1661-62 gu h-àraidh, chaidh 660 neach ainmeachadh mar bhana-bhuidsichean le àireamh mhòr bhàsan. Bha seo na chùis-eagail do dhaoine aig an àm agus thug e orra ceist a chur air na cùirtean.

Lorg Mhòr Bana-bhuidsichean na h-Alba, 1661-62

Triùir bhoireannach le an làmhan ceangailte air an lìnigeadh airson a bhith air an cur gu bàs le bhith a' crochadh. Tha dithis fhireannach aig an robh halberds no tuaghan fada nan seasamh air am beulaibh.Image source, ALAMY
Image caption,
Dealbh bhon leabhar 'Law and Customs in Scotland in Matters Criminal' le Seòras MacCoinnich 1678 a' sealltainn bhana-bhuidsichean gan cur gu bàs. Bha MacCoinnich an sàs ann an iomadh cùirt aig àm Lorg Mhòr Bana-bhuidsichean na h-Alba ann an 1661-2.

Thar fad 16 mìosan eadar 1661 is 1662, bha aon dhe na lorgan bhana-bhuidsichean bu mhotha riamh anns an Roinn Eòrpa ann an Alba.

Thòisich e mar oidhirp air gach neach fo amharas buidseachd anns na bailtean beaga an ear air Dùn Èideann a lorg.

Sgaoil e an uair sin gu bhith na lorg air feadh na dùthcha airson faighinn cuidhteas buidseachd agus olc anns an dùthaich.

Ged a tha e doirbh a bhith cinnteach às na dearbh àireamhan, tha dùil gun deach mu 660 neach a thoirt dhan chùirt agus gun deach còrr is ceud a chur gu bàs.

Leis cho fìor mhòr 's a bha an lorg seo air bana-bhuidsichean, thòisich daoine a' cur ceist anns a' phròiseas anns an robh daoine air am feuchainn airson buidseachd.

Triùir bhoireannach le an làmhan ceangailte air an lìnigeadh airson a bhith air an cur gu bàs le bhith a' crochadh. Tha dithis fhireannach aig an robh halberds no tuaghan fada nan seasamh air am beulaibh.Image source, ALAMY
Image caption,
Dealbh bhon leabhar 'Law and Customs in Scotland in Matters Criminal' le Seòras MacCoinnich 1678 a' sealltainn bhana-bhuidsichean gan cur gu bàs. Bha MacCoinnich an sàs ann an iomadh cùirt aig àm Lorg Mhòr Bana-bhuidsichean na h-Alba ann an 1661-2.
Back to top

Cuin a dh'atharraich laghan buidseachd?

Riochdachadh laghail

Ged a thug Achd Buidseachd na h-Alba 1563 a-steach peanas bàis airson a bhith ri buidseachd, bha cinnt ann a-nis gun deidheadh bana-bhuidsichean fheuchainn ann an cùirtean laghail agus gum faigheadh iad comhairle laghail agus dìon.

Glè thric, cha deidheadh aig daoine a bha fo chasaid buidseachd air duine fhaighinn a riochdaicheadh iad, no bhiodh iad ro fhadalach mus tigeadh iad.

Margaret Barclay

Thachair an dìth comhairle laghail seo ann an cùis Margaret Barclay à Irbhinn. Bha a' chùirt air tòiseachadh mus deach neach-lagha a thoirt dhi. Bha am milleadh air a dhèanamh ron àm sin agus chaill i anns a' chùirt. Chaidh a cur gu bàs anns an Ògmhios 1618.

Faisg air deireadh nan 1600an ge-tà, bha cothrom aig barrachd dhaoine air luchd-lagha a b' urrainn teagamh a chur ann an teisteanas, no a chomharraicheadh dìth fianais.

Britheamhan

Thòisich beachdan air cùirtean bhana-bhuidsichean ag atharrachadh mar thoradh air Lorg Mhòr nam Bana-bhuidsichean 1661-2.

Bha britheamhan a' fàs mì-chinnteach mu fhianais, gu h-àraidh nuair a bha daoine ag aideachadh no a' togail chasaidean fo phianadh. Bha daoine a' sìor fhàs amharasach mu phriogadairean bhana-bhuidsichean a bha air am faicinn a' togail chasaidean an aghaidh dhaoine neoichiontach airson am math fhèin.

Mar thoradh air a seo, bha na cùirtean a' cur às dha na casaidean aig barrachd dhaoine.

A' Chomhairle dhìomhair

Gràbhaladh a' sealltainn bana-bhuidsichean gam pianadh airson gun aidicheadh iad rè cùirtean-lagha Trier anns a' Ghearmailt eadar 1589 agus 1593.Image source, ALAMY
Image caption,
Ann an 1662, chuir Comhairle Dhìomhair na h-Alba às cha mhòr de phianadh airson toirt air bana-bhuidsichean aideachadh.

Bha beachd na Comhairle Dhìomhair cuideachd ag atharrachadh. Sa Ghiblean 1662, ghluais a' chomhairle gus stad a chur air daoine neoichiontach bho bhith gan cur fo chasaid:

  • Chaidh riaghailt ùr a dhèanamh nach gabhadh neach fo chasaid a bhith na bana-bhuidsich a chur an grèim gus an deidheadh barantas oifigeil a thoirt a-mach. Rinn seo nas dorra e do choimhearsnachdan ionadail casaid a thogail.
  • Chaidh casg a chur air priogadh agus pianadh bhana-bhuidsichean gun chead on chomhairle. Bheagaich seo an àireamh a bha ag aideachadh agus an àireamh chasaidean.
  • Chaidh dithis phriogadairean bhana-bhuidsichean, John Kincaid agus John Dick, a chur dhan phrìosan. Thug seo am misneachd bho phriogadairean bhana-bhuidsichean eile agus thug e air falbh na toraidhean aca mar 'fhianais' an aghaidh bhana-bhuidsichean.
Gràbhaladh a' sealltainn bana-bhuidsichean gam pianadh airson gun aidicheadh iad rè cùirtean-lagha Trier anns a' Ghearmailt eadar 1589 agus 1593.Image source, ALAMY
Image caption,
Ann an 1662, chuir Comhairle Dhìomhair na h-Alba às cha mhòr de phianadh airson toirt air bana-bhuidsichean aideachadh.

Katherine Liddell

Eitseadh dubh is geal a' sealltainn boireannach ga rannsachadh le buidhean fhireannaich agus iad a' coimhead airson comharra an Diabhail fo falt.Image source, ALAMY
Image caption,
Bha barrachd is barrachd a' faicinn gun robh priogadh bhana-bhuidsichean agus pianadh an dà chuid borb agus neo-earbsach mar dhòighean air bana-bhuidsichean aithneachadh. Tha an dealbh seo bho sgrìobhaidhean cuimhneachaidh Hermann Löher a' sealltainn Christine Böffgen ga rannsachadh airson comharra an diabhail ann an Rheinbach sa Ghearmailt ann an 1631. Chaochail i mar thoradh air a' phianadh. (The Picture Art Collection / Alamy Stock Photo)

Tha a' chùis aig Katherine Liddell, tè à Prestonpans fo chasaid a bhith na bana-bhuidsich, a' nochdadh bheachdan ùra.

B' e banntrach a bh' ann an Katherine Liddell agus bha cliù aice airson a beachdan làidir.

Ann an 1678, chaidh a cur an grèim fo amharas a bhith na bana-bhuidsich agus chaidh a pianadh gu mì-laghail.

Chaidh a cumail na dùisg fad lathaichean airson feuchainn ri toirt oirre aideachadh – pròiseas ris an cante dùsgadh na bana-bhuidsich – agus chaidh a bodhaig a phriogadh le rudan biorach feuch an deidheadh Comharra an Diabhail a lorg.

Dhiùlt Katherine aideachadh agus, anns a' chùirt, ghearain i mun phianadh a chaidh a dhèanamh oirre.

Cha b' e a-mhàin gun deach a leigeil mu sgaoil, ach chaidh aon dhen luchd-pianaidh a chur dhan phrìosan airson drochd-dhìol a dhèanamh oirre.

Eitseadh dubh is geal a' sealltainn boireannach ga rannsachadh le buidhean fhireannaich agus iad a' coimhead airson comharra an Diabhail fo falt.Image source, ALAMY
Image caption,
Bha barrachd is barrachd a' faicinn gun robh priogadh bhana-bhuidsichean agus pianadh an dà chuid borb agus neo-earbsach mar dhòighean air bana-bhuidsichean aithneachadh. Tha an dealbh seo bho sgrìobhaidhean cuimhneachaidh Hermann Löher a' sealltainn Christine Böffgen ga rannsachadh airson comharra an diabhail ann an Rheinbach sa Ghearmailt ann an 1631. Chaochail i mar thoradh air a' phianadh. (The Picture Art Collection / Alamy Stock Photo)

Achd na Buidseachd, 1735

Air feadh na Roinn Eòrpa, chaidh laghan a thoirt a-steach a' toirt lorg bhana-bhuidsichean gu crìch.

Ann am Breatainn, chuir Achd na Buidseachd, 1735, às dha na h-Achdan Buidseachd a bh' ann roimhe agus thuirt an achd nach b' e eucoir a bh' ann am buidseachd.

no Prosecution, Suit, or Proceeding, shall be commenced or carried on against any Person or Persons for Witchcraft, Sorcery, Inchantment, or Conjuration, or for charging another with any such Offence, in any Court whatsoever in Great Britain.

– The Witchcraft Act, 1735

An àite sin, rinn an achd eucoir de chur an ìre a bhith ri buidseachd de sheòrsa sam bith no a' ro-innse fortan. An àite a bhith na dhraoidheachd fhìor, bha buidseachd a-nis air fhaicinn mar sheòrsa de dh'fhoill.

Back to top

Ceistean

Back to top