Prìomh fhiosrachadh
'S e bun-lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. a th' ann an lùth na gaoithe. Bidh tuirbinean gaoithe ag atharrachadh lùth bhon ghaoith gu dealan.
'S e gaoth air tìr am prìomh bhun lùth ath-nuadhachail a th' ann an Alba. Ann an 2020 bha mu 70% dhen dealan air a ghintinn ann an Alba air tighinn bho ghaoth air tìr.
'S e gaoth far-thìr an treas bun as motha de dhealan, an dèidh dealan-uisge. Bidh tuathan-gaoithe mar Tuath-gaoithe Far-thìr Beatrice a' toirt dealan dha na ceudan mhìltean dhachaighean.

Lùth-gaoithe agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mar as urrainn dhuinn lùth na gaoithe a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
'S e dragh a th' anns a' ghaoith aig amannan. Ged a tha i gu math feumail nuair a thig e gu lùth. Bidh i gu math gaothach uaireannan ann an Alba. Mar sin chan eil e na iongnadh gum bi sinn a' gintinn tòrr lùth ath-nuadhachail bhon ghaoith.
'S e gluasad tòrr èadhair a' sruthadh bho far a bheil bruthadh àile àrd gu far a bheil bruthadh ìosal a th' ann an gaoth. Tha sinn air a bhith a' cleachdadh lùth-gaoithe o chionn linntean. Ach nuair a bhios sinn a' bruidhinn air lùth-gaoithe an-diugh, tha sinn mar as trice a' bruidhinn air gaoth airson dealan a ghintinn. Bidh sinn a' cleachdadh tuirbinean gaoithe airson sin.
Faodaidh tuirbinean gaoithe a bhith mòr, mòr. Tha cuid aca còrr air 120m a dh'àirde. Thèid aca air tionndadh 's an aghaidh a chur ris a' ghaoith. Tha lannan mòra orra agus tha an cruth aca a' ciallachadh gun cuir fiù 's oiteagan lag car dhiubh.
Tha lùth cineataigeach na gaoithe a' tionndadh nan lannan. Tha crann a' dol eadar na lannan agus bogsa-ghìodhraichean. Bidh na gìodhraichean ag atharrachadh car socair a' chrainn seo gu bhith a' cur car fada nas luaithe ann an crann eile. Bidh sin a' cur car de ghineadair a bhios ag atharrachadh an lùth chineataigich gu lùth dealain. Tha beanntan agus cladaichean gu leòr ann an Alba. Tha na h-àitichean sin uabhasach math airson lùth-gaoithe a leasachadh.
Lorna Bennett, Innleadair Pròiseact Lùth Ath-nuadhachail Far-thìr: In 2020, over 70% of Scotland's electricity generation came from wind power – both onshore and offshore.
'S e lùth na gaoithe air tìr an teicneòlas ath-nuadhachail as motha a th' air a chleachdadh ann an Alba. Tha e a' toirt cothrom air lùth glan air prìs reusanta air feadh Alba. Gun chosgaisean connaidh agus gun truailleadh. A bheil ceist ann ma tha?
Uill, faodaidh e bhith daor tuathan-gaoithe a thogail. Feumaidh tuirbinean gaoithe gaoth fhàbharach airson gun obraich iad ceart. Mura bheil a' ghaoth làidir gu leòr, cha thionndaidh na lannan agus cha bhi dealan ann. Ma bhios a' ghaoth ro làidir, bidh na tuirbinean gan cur dheth mus tèid am milleadh. Chan urrainn dhuinn mar sin earbsa a chur ann an dealan bhon ghaoith fad na h-ùine.
Ach 's dòcha gu bheil fuasgladh ann - bataraidhean. Le bhith a' togail bhataraidhean mòra, mòra, gabhaidh an lùth a bharrachd nuair a tha i gaothach a stòradh. Agus faodar a chleachdadh nuair nach bi na lannan a' tionndadh. Tha Alba an dùil an t-uabhas eile dhiubh a thogail. Bidh iad againn mar sin a' chiad treis.
Dè do bheachd ma tha air barrachd lùth-gaoithe a chleachdadh san àm ri teachd?
Mar a bhios tuirbinean gaoithe a' gintinn dealan
Bidh lùth-gaoithe a' cleachdadh gaoth airson dealan a ghintinn. Airson seo a dhèanamh feumaidh sinn tuirbinean gaoithe. Faodaidh tuirbinean gaoithe a bhith anabarrach fhèin mòr. Tha cuid dhiubh còrr air 120 meatair a dh'àirde!
Thèid aca air tionndadh dhan ghaoith agus tha lannan mòra orra air an cumadh airson 's gun toir fiù 's gaothan socair orra gluasad.
- Bidh lùth cineataigeach na gaoithe a' tionndadh lannan an tuirbin.
- Bidh crann, a tha a' ruith bho na lannan gu bogsa-ghìodhraichean (nacelle), a' cur nan car dheth mar a bhios na lannan a' tionndadh.
- Bidh na gìodhraichean a' cleachdadh car slaodach a' chrainn seo airson toirt air an dara crann car a chur gu math nas luaithe.
- Bidh seo a' cur car dhe na magnaitean ann an gineadair. Bidh na magnaitean a' cur car gu luath seachad air cuibhlean de uèir chopair, a' toirt air dealan tòiseachadh air sruthadh tron uèir. Tha lùth cineataigeach air atharrachadh gu lùth dealain.
- Bidh dealan a' dol tro na càballan chun a' An Griod NàiseantaAn t-ainm air lìonradh de phaidhleonan agus de loidhnichean dealain a bhios a' giùlan dealan dha na dachaighean againn, sgoiltean, oifisean agus gnothachasan..
Factaran suidheachaidh

Bidh tuirbinean gaoithe ag obrachadh nas fheàrr ann an àitichean fosgailte far nach bi càil a' cur bacadh air a' ghaoith. Bidh iad glè thric ann am buidhnean mòra ris an canar tuathan-gaoithe.
Tha sgìrean fosgailte le beanntan nan deagh àitichean airson tuathan-gaoithe, oir tha na gaothan buailteach a bhith nas làidire ann agus nas trice. Bidh làraichean far-thìr ag obrachadh gu math cuideachd oir chan eil sìon ann a chuireas bacadh no stad air a' ghaoith.
Bidh cuid de dhaoine a' gearan mu choltas thuathan-gaoithe, agus mar sin, feumar smaoineachadh air a' bhuaidh aca air an t-sùil.
Faodaidh tuathan-gaoithe dragh a chur air fiadh-bheatha agus faodaidh iad a bhith cunnartach do dh'eòin-imrich mura a bheil iad air an suidheachadh gu cùramach.
Seasmhachd lùth-gaoithe
Airson gum bi seasmhachd againn san àm ri teachd, feumaidh tu smaoineachadh air coinneachadh ri feumalachdan an latha an-diugh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
'S e stòras ath-nuadhachail a th' ann an lùth na gaoithe. Tha a' ghaoth air a h-adhbharachadh nuair a bhios a' Ghrian a' blàthachadh èadhar barrachd ann an cuid de dh'àitichean seach àitichean eile agus a' toirt oirre gluasad. Fhad 's a bhios a' Ghrian a' toirt solas dhan Talamh, cha teirig a' ghaoth.
Tha lùth-gaoithe seasmhach chionn cha bhi e ag adhbharachadh ghasaichean taigh-glainne no truailleadh.
Tha an droch bhuaidh aig tuathan-gaoithe air sgàth na buaidh ionadail a dh'fhaodas a bhith aca ma chuireas iad dragh air no ma mhilleas iad fiadh-bheatha no àrainnean ionadail. Faodaidh buaidh cuideachd a bhith aig dèanamh agus giùlain nan tuirbinean. Tha na tùir air an dèanamh à stàilinn a tha air a dhèanamh le bhith a' cleachdadh gual. Tha na lannan air an dèanamh de stuthan co-dhèanta mar snàithleach carbon a dh'fhaodas a bhith doirbh ath-chuairteachadh.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth-gaoithe
Buannachdan
- Tha beanntan gu leòr ann an Alba agus cladaichean gu leòr cuideachd. 'S e àite air leth math a th' ann airson lùth-gaoithe a leasachadh.
- 'S e stòras lùth ath-nuadhachail a th' ann an gaoth agus chan eil cosgaisean connaidh na lùib.
- Cha bhi e ag adhbharachadh truailleadh cronail no gasaichean taigh-glainne agus chan eil lùth-gaoithe mar sin a' cruthachadh eimiseanan carbon.
- 'S e innealan cumhachdach agus glè earbsach a th' ann an tuirbinean gaoithe an latha an-diugh. Tha iad uabhasach èifeachdach air dealan a ghintinn agus mairidh iad eadar 20 agus 25 bliadhna.
Eas-bhuannachdan
- Faodaidh tuathan-gaoithe a bhith daor an togail.
- Feumaidh tuirbinean gaoithe gaoth fhreagarrach airson gun obraich iad ceart. Ma tha a' ghaoth ro aotrom, cha chuir na lannan car agus cha bhi dealan ann. Ma tha a' ghaoth ro làidir, tha na tuirbinean gan cur dheth gus nach tèid am milleadh.
- Tha cuid dhen bheachd gu bheil tuathan-gaoithe uabhasach grànda, gu bheil iad a' milleadh coltas na tìre agus gu bheil iad nan truailleadh-sùla.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count12 of 12
- count1 of 12
- count2 of 12
- count3 of 12