Prìomh fhiosrachadh
Tha lùth an làin na bhun-lùth ath-nuadhachail agus seasmhach.
Nuair a bhios a' Ghealach a' gluasad mun cuairt na Talmhainn, bidh an grabhataidh aice a' tarraing a h-uile càil air an Talamh ga h-ionnsaigh, am muir cuideachd. Tha uisge gluasadach anns a' mhuir ag adhbharachadh dà làn àrd agus dà làn ìosal gach latha. Gabhaidh an t-uisge gluasadach seo a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
Tha an teicneòlas airson dealan a ghintinn bho na làin fhathast aig ìre leasachaidh thràth.
Tha fear dhe na tuirbinean lùth làin as motha air an t-saoghal anns a' Chaol Arcach ann an ceann a tuath na h-Alba.

Lùth an làin agus a' bhuaidh aige
Faigh a-mach mar a ghabhas làin na mara a chleachdadh airson dealan a ghintinn.
'S e an làn an dòigh a tha a' mhuir air a gluasad le tarraing grabhataidh na gealaich, agus na grèine cuideachd. Dìreach mar a tha grabhataidh a' tarraing nithean a-nuas gu Talamh, tha grabhataidh na gealaich cuideachd a' tarraing nithean ga h-ionnsaigh, an Talamh nam measg. Far a bheil muir a' coimhead ris a' ghealaich, tha an tarraing nas motha buileach. Bidh sin ag adhbhrachadh làn àrd. Air taobh eile na Talmhainn, chan eil a' mhuir air a tarraing cho mòr, agus tha sin ag adhbhrachadh làn àrd eile. Mar a bhios a' ghealach a' gluasad mun cuairt na Talmhainn, bidh an làn a' gluasad cuideachd. Sin as coireach gun tèid an làn a-mach 's a-steach bhon chladach dà thuras san latha.
Tha tòrr lùth an lùib na tha seo de dh'uisge a' gluasad, lùth a ghabhadh cleachdadh airson dealan a ghintinn. Feumaidh tu sruth uisge uabhasach làidir airson gun obraich cumhachd an làin. Tha e nas fhasa seo a ghlacadh nuair a tha uisge a' sruthadh tro chaolas mar beul-aibhne no eadar dà phàirt de thalamh. Seo mar a tha e ag obrachadh. Tha tuirbinean mòra air an ceangal ri grunnd na mara. Tha lùth cineataigeach an uisge a tha a' sruthadh air ais 's air adhart leis an làn a' tionndadh lannan nan tuirbinean. Tha seo a' toirt cumhachd dha na gineadairean a bhios ag atharrachadh lùth cinteataigeach gu lùth dealain a thèid a thoirt air ais gu tìr tro chàballan fon mhuir.
Aocoltach ri lùth-grèine agus lùth-gaoithe, tha gluasadan an làin an-còmhnaidh earbsach. Tha dà làn àrd ann gach latha, agus dà làn ìosal a ghabhas cleachdadh airson dealan a ghintinn. 'S e bun-lùth ath-nuadhachail, seasmhach a th' ann cuideachd. Chan fheum e connadh agus cha bhi e a' dèanamh far-stuth no truailleadh. Dè ma tha nach eil cho math mu dheidhinn?
Uill, tha an teicneòlas aig ìre thràth agus chan eil cumhachd an làin, air feadh an t-saoghail, a' gintinn mòran dealain fhathast. Cuideachd, tha cosgaisean innleadaireachd agus togail innealan a dh'obraicheas air grunnd na mara àrd aig toiseach a' phròiseict. 'S bhon a tha tuirbinean a tha ag obrachadh le cumhachd an làin nas fheàrr ann an caolasan cumhang, chan eil mòran àitichean san gabh an cur. Agus 's dòcha nach bi na h-àitichean sin faisg air far a bheil feum air an dealan agus gum bi feum air mìltean thar mhìltean de loidhnichean dealain. Dh'fhaodadh cuideachd gun deidheadh àrainneachd na mara a mhilleadh le tuirbinean mòra a chur dhan mhuir.
Tha lùth an làin fhathast aig an ìre far a bheilear dìreach ga fheuchainn. Le rannsachadh fhathast a' dol air adhart, saoil dè cho cudromach 's a bhios e san àm ri teachd?
Mar a tha lùth làin air a ghintinn
- Mus obraich lùth an làin, feumaidh tu sruth uisge uabhasach làidir. Tha e nas fhasa seo a ghlacadh nuair a tha uisge a' sruthadh tro chladhan cumhang mar beul-aibhne no eadar dà phìos fearainn.
- Nuair a bhios uisge a' sruthadh tro na h-àitichean sin a tha nas cumhainge, bidh e a' sruthadh nas luaithe agus a' toirt barrachd lùth.
- Tha lùth cineataigeach an làin a' sruthadh air ais agus air adhart leis na làin air a chleachdadh airson lannan thuirbinean air structaran làidir ceangailte ri grunnd na mara a thionndadh, no tuirbinean air fleòdradh a tha air an acrachadh nan àite. Tha seo a' toirt cumhachd do ghineadairean a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain a ghabhas aiseag air ais gu tìr tro chàballan fon mhuir.
- Far costa a tuath na h-Alba, faisg air eilean Stròma, tha fear dhe na buidhnean as motha dhen t-seòrsa tuirbin seo. Bidh na tuirbinean a' glacadh lùth an làin a tha a' sruthadh tron Chaol Arcach eadar an Cuan Atlantaig agus an Cuan a Tuath.
Mar a bhios balla-casg làin ag obrachadh

A h-uile latha, bidh dà làn àrd agus dà làn ìosal ann an sgìrean cladaich. Tha tòrr lùth anns na làin sin. Mar sin, bidh uireadan mòra uisge a' gluasad a-mach agus a-steach à beul-aibhnichean gach latha air sgàth nan làin.
'S e bacadh mara a th' ann am balla-casg làin a ghabhas a thogail tarsainn air beul-aibhne airson gun cleachdar an lùth cineataigeach ann an gluasad uisge an làin.
Tha tuirbinean anns na ballachan-casg seo a tha air an tionndadh le uisge a' dol aig astar tro na pìoban sa bhalla-casg. Bidh na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean a bhios a' gintinn dealan.
Lùth an làin ann an Alba

Tha lùth an làin fhathast aig ìre thràth ann an Alba, ach tha comas aig lùth an làin uireadan mòran dealain a ghintinn.
Tha sruthan làidir làin ann an iomadh àite ann an Alba agus iad a' sruthadh tro chaolasan cumhang no mun cuairt rubhannan, gu h-àraidh mun cuairt nan Eileanan Siar, Sealtainn agus mun cuairt Arcaibh agus an Caol Arcach.
Chaidh tuirbinean a chur dhan Chaolas A-staigh anns a' Chaol Arcach, uisge a tha a' sgaradh tìr-mòr na h-Alba bho Shròma, eilean às an do dh'fhalbh an luchd-còmhnaidh mu dheireadh anns na 1960an.
Tha suas ri 269 tuirbinean air grunnd na mara san sgeama. Nuair a bhios e gu tur deiseil, bidh an comas aig an sgeama de 398MW, 269-tuirbinean, air cumhachd a thoirt do 175,000 dachaigh.
Seasmhachd
Airson seasmhachd san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh agus an àrainneachd agus stòrasan a dhìon airson an àm ri teachd.
'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth an làin bhon a tha grabhataidh na gealaich ag adhbharachadh an làin agus cha teirig sin.
Chan eil e a' cruthachadh truailleadh no eimiseanan dìreach de charbon agus faodaidh e mar sin cuideachadh ann a bhith a' lùghdachadh teasachadh na cruinne.
Tha uireadan mòra concrait gan cleachdadh ann a bhith a' stèidheachadh ballachan-casg làin agus tha seo a' cur ri eimisean carbon. Chan eil tuirbinean sruthan làin a tha nas lugha a' cleachdadh uiread de choncrait no ag adhbharachadh uiread de dh'eimiseanan carbon anns an dèanamh aca.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth an làin
Buannachdan
- Aocoltach ri lùth na grèine agus lùth na gaoithe, tha gluasadan an làin earbsach gu cunbhalach. Tha dà làn àrd agus dà làn ìosal ann a h-uile latha agus gabhaidh an cleachdadh airson dealan a ghintinn.
- 'S e cuideachd bun-lùth ath-nuadhachail, seasmhach a th' ann. Chan fheum e connadh agus cha bhi e a' dèanamh far-stuthan no truailleadh.
- Bidh tuirbinean làin a' tionndadh gu mall agus tha seo a' lùghdachadh a' chron a nì iad air beathaichean mara a bhios a' dol tromhpa.
Eas-bhuannachdan
- Tha an teicneòlas aig ìre thràth agus chan eil lùth an làin, air feadh an t-saoghail, a' gintinn mòran dealain fhathast.
- Cuideachd, aig toiseach a' phròiseact, tha cosgais mhòr an cois innleadaireachd agus togail nan innealan airson obrachadh air grunnd na mara. Agus bhon a tha tuirbinean làin ag obrachadh nas fheàrr ann an caolasan cumhang, chan eil uiread de làraichean ann a tha freagarrach dhaibh.
- 'S dòcha nach bi iad sin faisg air far a bheil feum air an dealan, agus bidh sin an uair sin a' cur feum air na mìltean 's na mìltean de loidhneachan dealain.
- Dh'fhaodadh gun tèid cron a dhèanamh air àrainneachd na mara nuair a thèid àireamhan mòra de thuirbinean a thogail.
- Bidh ballachan-casg an làin a' toirt buaidh air sruthadh an uisge tro bheul-aibhnichean, agus faodaidh iad àrainnean atharrachadh agus buaidh a thoirt air iasg imrich agus beathaichean eile.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count10 of 12
- count11 of 12
- count12 of 12
- count1 of 12