Ag obrachadh a-mach a' bhargain as fheàrr
Nuair a bhios tu a' dol a cheannach rud, bu chòir dhut fiosrachadh co-choltach a choimeas eadar an nì no an t-seirbheis sin, na cumhachan agus prìs an nì.
Air a' cheann thall thèid co-dhùnadh a dhèanamh le bhith a' coimeas diofar rudan, ach bidh a' phrìs air fear dhe na prìomh rudan.
Le rud sam bith a bhios tu a' coimeas, tha e nas fheàrr co-dhiù a dhà dhe gach seòrsa rud a choimeas.
Eisimpleir a h-Aon - Cùmhnant fòn
Tha Sajid an dùil cùmhnant ùr fhaighinn airson fòn-làimhe.
Ann am mìos bidh Sajid a' cur air falbh mu \(700\) teacsa agus bidh e a' cleachdadh \(300\) mionaid a' fònadh.
Tha trì roghainnean aige:
Companaidh A | Companaidh B | Companaidh C | |
Teacsan | 300 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd | 500 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd | 1000 an-asgaidh. \(20sg\) airson gach teacsa a bharrachd |
Fònadh | 500 mionaid an-asgaidh: \(20sg\) airson gach mionaid a bharrachd | 200 mionaid an-asgaidh: \(15sg\) airson gach mionaid a bharrachd | \(10sg\) airson gach mionaid |
Cosgais cùmhnant mìosail | \(\pounds25\) | \(\pounds25\) | \(\pounds25\) |
Teacsan | |
Companaidh A | 300 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd |
Companaidh B | 500 an-asgaidh. \(5sg\) airson gach teacsa a bharrachd |
Companaidh C | 1000 an-asgaidh. \(20sg\) airson gach teacsa a bharrachd |
Fònadh | |
Companaidh A | 500 mionaid an-asgaidh: \(20sg\) airson gach mionaid a bharrachd |
Companaidh B | 200 mionaid an-asgaidh: \(15sg\) airson gach mionaid a bharrachd |
Companaidh C | \(10sg\) airson gach mionaid |
Cosgais cùmhnant mìosail | |
Companaidh A | \(\pounds25\) |
Companaidh B | \(\pounds25\) |
Companaidh C | \(\pounds25\) |
Nan taghadh Sajid fòn stèidhichte air an tairgse as saoire airson cleachdadh tuairmeasach, dè an companaidh a bu chòir dha a thaghadh?
Tha cùmhnant gach companaidh a' cosg \(\pounds25\) sa mhìos.
Bhon a tha sin an aon rud aig gach companaidh, faodaidh sinn a' chosgais seo fhàgail às nuair a bhios sinn a' dèanamh coimeas.
Cosgais Companaidh A
Gheibheadh Sajid \(300\) teacsa an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(400\) teacsa a bharrachd.
Cosgais teacsa \(= 400 \times 5sg = 2000sg = \pounds20\)
Gheibheadh Sajid \(500\) mionaid an-asgaidh agus tha sin barrachd air a' chleachdadh tuairmeasach aige.
Cosgais fònadh \(= \pounds0\)
Cosgais iomlan \(= \pounds20\)
Cosgais Companaidh B
Gheibheadh Sajid \(500\) teacsa an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(200\) teacsa.
Cosgais teacsa \(= 200 \times 5sg = 1000sg = \pounds10\)
Gheibheadh Sajid \(200\) mionaid an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(100\) mionaid.
Cosgais fònadh \(= 100 \times 15sg = \pounds15\)
Cosgais iomlan \(= \pounds10 + \pounds15 = \pounds25\)
Cosgais Companaidh C
Gheibheadh Sajid \(1000\) teacsa an-asgaidh agus tha sin barrachd air a' chleachdadh tuairmeasach aige.
Cosgais teacsa \(= \pounds0\)
Chan fhaigheadh Sajid mionaidean an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(300\) mionaidean.
Cosgais fònadh \(= 300 \times 10sg = 3000sg = \pounds30\)
Cosgais iomlan \(= \pounds30\)
'S ann aig Companaidh A a tha an tairgse a b' fheàrr airson cleachdadh tuairmeasach Sajid.