Teachd-a-steach
Bileagan pàighidh
San àbhaist bidh fastaidhear a' toirt bileag pàighidh do neach-obrach le fiosrachadh air na choisinn e agus air na lùghdachaidhean a thàinig far na sùim sin.
San àbhaist bidh teachd-a-steach air a chlàradh mar thuarastal air aontachadh airson ùine aontaichte. Faodaidh seo a bhith:
- mar chlàr dhe na h-uairean iomlan a chaidh obrachadh aig prìs gach uair
- no mar shùim aontaichte gach mìos a tha co-ionann ri aon dà-dheugamh dhen tuarastal bhliadhnail.
Bidh pàigheadh airson còrr-ùine cuideachd air a' bhileig pàighidh.
Canar pàigheadh iomlan ri pàigheadh mus tig lùghdachaidhean dheth.
Faodaidh lùghdachaidhean tighinn far pàigheadh airson grunn adhbharan. 'S e an fheadhainn as cumanta a bhios aig luchd-obrach cìs-cosnaidh agus àrachas nàiseanta (ÀN).
Canar pàigheadh lom ris a' phàigheadh iomlan an dèidh lùghdachaidhean.
Eisimpleir
Tha bileag-pàighidh Hitesh gu h-ìosal. Obraich a-mach am pàigheadh iomlan aige airson na seachdain agus am pàigheadh lom aige airson na seachdain.
Pàigheadh iomlan | Lùghdachaidhean iomlan | Pàigheadh lom |
Pàigheadh bunaiteach aig \(\pounds8\) san uair | Cìs pàighte: \(\pounds52.18\) | |
Uairean obrach: 35 | ÀN pàighte: \(\pounds25.24\) | |
Pàigheadh bunaiteach \(= 35 \times 8 = \pounds280\) | ||
Còrr-ùine aig \(\pounds12\) san uair | ||
Còrr-ùine: 5 uairean | ||
Pàigheadh còrr-ùine \(= 5 \times 12 = \pounds60\) | ||
Pàigheadh iomlan: ? | Lùghdachaidhean iomlan:\(\pounds77.42\) | Pàigheadh lom: ? |
Pàigheadh iomlan | Pàigheadh bunaiteach aig \(\pounds8\) san uair |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | Cìs pàighte: \(\pounds52.18\) |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | Uairean obrach: 35 |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | ÀN pàighte: \(\pounds25.24\) |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | Pàigheadh bunaiteach \(= 35 \times 8 = \pounds280\) |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | Còrr-ùine aig \(\pounds12\) san uair |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | Còrr-ùine: 5 uairean |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | Pàigheadh còrr-ùine \(= 5 \times 12 = \pounds60\) |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | |
Pàigheadh lom |
Pàigheadh iomlan | Pàigheadh iomlan: ? |
---|---|
Lùghdachaidhean iomlan | Lùghdachaidhean iomlan:\(\pounds77.42\) |
Pàigheadh lom | Pàigheadh lom: ? |
Freagairt
Pàigheadh iomlan = pàigheadh bunaiteach + pàigheadh còrr-ùine
\(= \pounds280 + £60\)
\(= \pounds340\)
Lùghdachaidhean iomlan = cìs pàighte + ÀN pàighte
\(= \pounds52.18 + \pounds25.24 = \pounds77.42\)
Pàigheadh lom = pàigheadh iomlan – lùghdachaidhean iomlan
\(= \pounds340 - \pounds77.42\)
\(= \pounds262.58\)