Ag atharrachadh airgeadAg atharrachadh gu airgead cèin

Ro thuras a-null thairis, feumar tric d' airgead atharrachadh gu airgead na dùthcha dha bheil thu a' dol. Airson sin obrachadh a-mach, tha reatan iomlaid ann. Uaireannan bi coimisean ri phàigheadh.

Part of Gnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Ag atharrachadh gu airgead cèin

Nuair a bhios tu a' dol a-null thairis, feumaidh tu d' airgead atharrachadh gu airgead na dùthcha dha bheil thu a' dol.

Tha clàr le reatan iomlaid gu h-ìosal.

DùthaichReat iomlaid airson not Bhreatannach
Astràilia2.82 dolairean Astràilianach
Dùthchannan Eòrpach sa bheil an iùro1.58 iùro
An Eilbheis2.32 francan Eilbheiseach
Afraga a Deas16.34 rand
An Tuirc4.14 lira Turcach
Na SA1.55 dolairean Ameireaganach
DùthaichAstràilia
Reat iomlaid airson not Bhreatannach2.82 dolairean Astràilianach
DùthaichDùthchannan Eòrpach sa bheil an iùro
Reat iomlaid airson not Bhreatannach1.58 iùro
DùthaichAn Eilbheis
Reat iomlaid airson not Bhreatannach2.32 francan Eilbheiseach
DùthaichAfraga a Deas
Reat iomlaid airson not Bhreatannach16.34 rand
DùthaichAn Tuirc
Reat iomlaid airson not Bhreatannach4.14 lira Turcach
DùthaichNa SA
Reat iomlaid airson not Bhreatannach1.55 dolairean Ameireaganach

Airson airgead Breatannach atharrachadh gu airgead cèin, iomadaich leis an reat iomlaid.

\(\text{Airgead cèin} = \,\text{Airgead Breatannach} \times \text{reat iomlaid}\)

Eisimpleir

Tha Anna a' dol dhan Spàinn air saor-làithean agus dh'atharraich i \(\pounds200\) gu iùrothan. Cia mheud iùro a fhuair i?

Bitesize currency app on a tablet converting 200 British pounds to 316 Euros

Freagairt

'S e aon not \(\euro1.58\)

Sùim iùrothan \( = 200 \times 1.58 = 316\)

Fhuair Anna \(\euro316\)

Cleachd an clàr iomlaid gu h-àrd agus freagair a' cheist a leanas.

Question

Tha Tim a' dol a Florida airson nan saor-làithean.

Shàbhail e \(\pounds150\) dhen airgead pòcaid aige.

Cia mheud dolair a gheibh e?