Ma tha faid, farsaingeachd no tomhas-lìonaidh a dhìth air cumadh lùghdaichte/meudaichte, 's urrainn dhut obrachadh a-mach le bhith an toiseach ag obrachadh a-mach an fhactair sgèile.
Tha an aon chumadh air cumaidhean co-choltach, ach 's dòcha nach bi an aon mheud annta.
Mar eisimpleir, tha dà chearcall daonnan co-choltach:
Tha dà cheàrnaig daonnan co-choltach:
Agus dh'fhaodadh dà cheart-cheàrnach a bhith co-choltach:
Ach glè thric cha bhi:
Cumaidhean co-choltach
Thoir sùil air na cumaidhean co-choltach seo:
'S e meudachadh de A a th' ann am B. Tha na faidean gu lèir air dùblachadh, ach chì thu gum feum na ceàrnan fuireach an aon rud.
Cuimhnich ann am paidhir sam bith de chumaidhean co-choltach gum bi taobhan co-fhreagarrach san aon cho-mheas agus gum bi ceàrnan co-fhreagarrach co-ionann.