Ceart-cheàrnaich
San earrainn seo obraichidh sinn a-mach meud nan ceàrnan ann an cumadh ceithir-thaobhach.
Thoir sùil air Nàiseanta 4 Ceàrnan mus lean thu ort.
Eisimpleir
Anns a' cheart-cheàrnach seo, tha fios againn air ceàrn a tha \(70^\circ\). Dè an luach a tha aig \(x^\circ\)?
Freagairt
Faodaidh sinn luach \(x^\circ\) obrachadh a-mach mar seo:
Feumaidh gur e luach a' cheàirn eile aig a' cheàrn cheart \(20^\circ\).
'S e triantan co-chasach a tha aig a' mhullach agus mar sin tha ceàrn eile ann de \(20^\circ\).
Tha na trì ceàrnan, triantan, a' tighinn gu \(180^\circ\)
Mar sin \(20+20=40\)
\(180-40=140\)
Mar sin \(x^\circ=140\)
Feuch a-nis na ceistean gu h-ìosal.
Question
Airson na h-iteileig seo, tha ceàrn againn de \(40^\circ\). Dè an luach a tha aig \(y^\circ\)?
Obraichidh sinn a-mach luach \(y^\circ\) mar seo:
Tha na trastain a' coinneachadh aig ceàrnan ceart agus tha fios againn mar sin gu bheil ceàrn de \(90^\circ\) againn.
Tha na trì ceàrnan ann an triantan a' dèanamh \(180^\circ\).
Mar sin feumaidh gu bheil ceàrn de \(50^\circ\) ann am mullach clì an triantain.
'S e loidhne-cothromachaidh a tha san trastan fhada agus mar sin tha \(y^\circ = 50^\circ\)
Question
Obraich a-mach \(x^\circ\) air an iteileig gu h-ìosal.
Bhon a tha fios againn gur e iteileag a tha seo, tha fios againn bho fheartan iteileig gu bheil an ceàrn mu choinneamh \(87^\circ\) cuideachd aig \(87^\circ\).
Mar sin 's urrainn dhuinn \(x^\circ\) obrachadh a-mach mar seo:
\(87^\circ+87^\circ+52^\circ=226^\circ\)
\(360^\circ-226^\circ=134^\circ\)
\(x^\circ=134^\circ\)