TurasachdTurasachd ann am pàircean nàiseanta san RA

Tha turasachd ga leasachadh ri linn feartan nàdarra is fuadain. ‘S e cùis chruinneil a th’ ann le deagh is droch bhuaidhean. Le manaidseadh glic, thèid buaidh turasachd san 21mh linn a lùghdachadh.

Part of Cruinn-eòlasTurasachd

Turasachd ann am pàircean nàiseanta san RA

Cuspair sgrùdaidh: Sgìre nan Lakes

Tha pàircean nàiseanta na RA a' gabhail a-steach cuid dhe na dealbhan-tìre nàdarra as àille san dùthaich eadar cladaichean, beanntan agus coilltean. Ann an 1949 chaidh Achd nam Pàircean Nàiseanta is Inntreadh na Dùthcha a chur an gnìomh airson sgìrean bòidhchead nadair na RA a dhìon agus airson a bhith cinnteach gum faigheadh a h-uile duine toileachadh asta an-diugh agus san àm ri teachd.

An-dràsta tha 12 pàirc nàiseanta ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, mar Dartmoor, an New Forest, Sgìre nan Lakes, am Peak District, na Yorkshire Dales agus Snowdonia.

Grasmere ann an Sgìre nan Lakes
Image caption,
Grasmere ann an Sgìre nan Lakes

Chaidh Pàirc Nàiseanta Sgìre nan Lakes a stèidheachadh ann an 1951. A' còmhdach 880 mìle ceàrnagach, seo a' phàirc nàiseanta as motha san RA agus bidh 12 millean neach a' tadhal gach bliadhna. Bidh daoine a' tighinn a Sgìre nan Lakes airson iomadh adhbhar, nam measg, airson coiseachd nam beann, sreap chreagan, baiceadh-beinne, iasgach no seòladh. Bidh iad cuideachd a' tadhal air na togalaichean eachdraidheil, no dìreach airson toileachadh fhaotainn bho na beanntan agus na lochan àlainn.

A' cothromachadh gach ùidh

Tha a' phàirc air a manaidseadh le Ùghdarras nam Pàircean Nàiseanta (NPA: National Parks Authority), a tha a' feuchainn ri còmhstri eadar diofar luchd-cleachdaidh na pàirce a chothromachadh. Mar eisimpleir:

  • Dìon àrainneachd na pàirce, fiadh-bheatha agus feartan nàdarra – nithean a dh'fhaodadh cus turasachd a mhilleadh. Chan e a-mhàin obair an Ùghdarrais a tha seo; bidh buidhnean glèidhteachais agus fiadh-bheatha cuideachd ag iomairt air a shon.
  • Feumaidh an luchd-turais rathaidean, àite-parcaidh, àite-fuirich, bùithtean agus taighean-bìdh agus chan eil iad sin an-còmhnaidh gu bhith math dhan dùthaich.
  • 'S dòcha gum bi gnìomhachasan san sgìre airson barrachd is barrachd luchd-tadhail a thàladh.
  • Faodaidh gum bi uallach air tuathanaich gun dèan luchd-coiseachd agus na coin aca cron air feansaichean agus air beathaichean.
  • 'S dòcha gum bi uallach air muinntir an àite mu chus trafaig, sgudal, fuaim agus crìonadh shlighean-coise.

Mura bi cothromachadh eadar ùidh gach buidheann, dh'fhaodadh gun deigheadh an àrainneachd a mhilleadh, dh'fhaodadh gum biodh muinntir an àite troimh-a-chèile no feargach, agus dh'fhaodadh nach biodh luchd-turais airson tadhal air a' phàirc.