Cuspair sgrùdaidh
Seasmhachd ann an Sgìre nan Lakes

Tha grunn nithean gan dèanamh airson feuchainn ri Sgìre nan Lakes a ghleidheadh dha na ginealaich ri teachd.
Tha an t-Urras Nàiseanta agus buidhnean glèidhteachais eile air a bhith ag obair air na slighean-coiseachd. Chaidh cuid dhe na slighean a thogail às ùr, no chaidh cleachdadh nan slighean a chuingealachadh gus a' bhuaidh air na slighean agus air an fhàsmhorachd a lùghdachadh.
Chaidh còmhdhail phoblach a leasachadh agus subsadaidh a thoirt seachad, mar eisimpleir bus Langdale Rambler. Tha luchd-tadhail air am brosnachadh gus na busaichean a chleachdadh an àite càraichean a thoirt dhan phàirc nàiseanta.
Chaidh sònaichean parcaidh cuingealaichte a stèidheachadh ann an cuid de bhailtean, mar eisimpleir ann an Elterwater. Chaidh a' phàirc chàraichean air oir a' bhaile a dhèanamh nas motha agus chaidh parcadh air na fàil fheòir agus faisg air na taighean a bhacadh.
Chaidh cùisean glèidhteachais a thoirt gu aire luchd-tadhail le postairean agus bileagan ann an ionadan-fiosrachaidh agus ann an ionadan-turasachd.
Chaidh bacadh-astair 10 msu a stèidheachadh ann a' Windermere sa Mhàrt 2005. Bha an loch air fàs loma-làn bhàtaichean agus sgitheadairean-uisge agus bha am fuaim bho na bàtaichean a' milleadh na loch air luchd-cleachdaidh eile leithid luchd-snàmh agus luchd-churachan. Bha e cuideachd na uallach gun robh marbh-shruth nam bàtaichean ag adhbhrachadh crìonadh air a' chladach, agus gun robh na bàtaichean air cur ri truailleadh agus air cur às dhan chuilc san loch. Chuir luchd-glèidhteachais fàilte air a' bhacadh astair, ach chuir muinntir nam bàtaichean, sgitheadairean-uisge agus companaidhean bhàtaichean an aghaidh an atharrachaidh. Thug e buaidh air gnothachasan, agus b' fheudar do luchd-cleachdaidh nam bàtaichean lochan eile a lorg.