Cuspair sgrùdaidh
Glèidhteachas agus manaidseachd ann an Sgìre nan Lakes
Seach gu bheil Sgìre nan Lakes cho measail aig daoine airson turasachd, tha iarraidh mhòr air goireasan do luchd-turais mar taighean-òsta agus ionadan-chur-seachadan, pàircean-chàraichean, marinathan agus càraichean-càbaill.
'S e deagh bhuaidh a th' air turasachd air an àite mar as trice, ach tha duilgheadasan ann a dh'fheumar fhuasgladh ma tha turasachd ann an Sgìre nan Lakes gu bhith seasmhach.
Buannachdan turasachd
- Tha turasachd a' toirt obair agus teachd-a-steach do mhuinntir an àite.
- Bidh daoine a' roghnachadh fuireach san sgìre, agus tha sin a' gleidheadh sheirbheisean bunaiteach mar sgoiltean agus ospadail.
- Tha seirbheisean do luchd-turais, me goireasan chur-seachadan, cuideachd nam buannachd do mhuinntir an àite.
Duilgheadasan
- Faodaidh an obair a bhith ràitheil agus am pàigheadh ìosal.
- Faodaidh prìsean thaighean san sgìre a dhol suas air sgàth iarraidh air dara dachaigh.
- Bidh deugairean a bhios a' fàgail na sgoile glè thric a' coimhead airson obair ann an àiteachan nas motha air sgàth pàigheadh ìosal agus prìsean àrda nan taighean. Bidh sin ag adhbhrachadh crìonadh ann an àireamh-sluaigh air an dùthaich.
- Glè thric bidh bùithtean nach eil a' dèanamh prothaid a' dùnadh airson cafaidhean agus bùithtean thiodhlacan, a tha nas prothaidiche, a chur nan àite. Tha sin a' ciallachadh nach eil seirbheisean bunaiteach, me bùth bùidseir no bùth lusan, aig muinntir an àite.
- Bidh trafaig ag adhbhrachadh truailleadh agus faodaidh rathaidean cumhang a bhith làn chàraichean aig àirde an t-sèasain.
- Tha àireamh mhòr de luchd-coiseachd ag adhbhrachadh crìonadh sna slighean-coiseachd, agus tha e daor iad sin a chàradh.
- Bidh spòrs-uisge ag adhbhrachadh bleith air cladaichean na loch agus faodaidh còmhstri a bhith eadar luchd-cleachdaidh na loch.