Ro-ràdh: eagal ro bhana-bhuidsichean
Bho na 1500an gu meadhan nan 1700an, chaidh faisg air ceithir mìle Albannach a thoirt gu cùirt airson buidseachd. Chaidh mòran fhaighinn ciontach agus a chur gu bàs.
Dè th' ann am buidseachd, agus carson a bha eagal air daoine ro bhana-bhuidsichean?
Coimhead: Saobh-chràbhaidhean agus beul-aithris
Anns a' bhidio seo, faigh a-mach mu Alison Pearson à Cill Rìmhinn agus na saobh-chràbhaidhean, am beul-aithris, an draoidheachd agus a' bhuidseachd anns an robh daoine a' creidsinn anns an linn seo
Uisg' salann airson lotan a leigheas, ìm airson an craiceann a leigheas, deanntagan ruadha airson pian na leasraidh. Cuid dhe na dòighean a chleachd luchd-leighis dualchasach fad cheudan bhliadhnaichean, leithid Alison Pearson à Cill Rìmhinn.
Ann an 1583, sheall i ri Patrick Adamson, Àrd-easbaig Chill Rìmhinn nuair a bha e tinn: thug i dha deoch de bhainne chaorach, fìon dearg is lusain agus dh'fhàs e slàn fallain a-rithist.
"Amharasach!" thuirt nàimhdean Adamson. "Bana-bhuidseach a th' innte!" Chaidh Alison bhochd a chur dhan phrìosan fo chasaid buidseachd, seulaichte ann an caisteal Chill Rìmhinn. Agus chuidich Adamson fhèin i teiche às a' phrìosan.
Ach aig àm nuair a bha eagal ro bhuidseachd agus beachdan ag atharrachadh, cha robh boireannach mar Alison sàbhailte fada. Agus ann an 1588 chaidh a glacadh a-rithist, a cur gu bàs agus a corp a losgadh. Aon tè de mhìltean dhaoine neoichiontach a chaill am beatha ann an Alba.
Ciamar a bha uiread de dhaoine neoichiontach mar Alison gam faighinn fhèin an lùib lorg bhana-bhuidsichean air feadh Alba?
Bha cleachdaidhean dualchasach agus creideas ann an draoidheachd am measg dhaoine air feadh an t-saoghail fad linntean. Air taobh an iar na Roinn Eòrpa, bha an dà chuid spèis agus eagal aig daoine do bhana-bhuidsichean air sgàth an cumhachdan.
Creideasan dualchasach – mar leigheas dhaoine tinn bho dhroch spioradan le bhith a' lìonadh botal le mùn an neach a bha tinn còmhla ri tarragan agus falt. Bha am botal an uair sin air a thiodhlacadh airson na droch spioradan a ghlacadh.
Agus fad ùine mhòr bha na cleachdaidhean sin nan suidhe gu mì-chofhurtail còmhla ri beachdan Crìosdail. B' ann san deicheamh Linn a cho-dhùin an Eaglais Chaitligeach gun tug an diabhal an car às na bana-bhuidsichean gu bhith a' creidsinn gun robh cumhachdan draoidheil aca.
Anns a' chòigeamh linn deug bha an eaglais a' creidsinn gu dùrachdach gun robh bana-bhuidsichean nan sianalan aig an diabhal – agus b' e an diabhal a bha air cùl gach olc san t-saoghal. Tha sinn a' bruidhinn air mallachdan, smachd air an t-sìde agus buidhnean bhana-bhuidsichean far an robh beathaichean, agus fiù 's daoine air an ìobradh.
Agus thar ùine thòisich an eaglais a' fàs cruaidh air creideasan dualchasach. Bhrosnaich àithne a' Phàp air buidseachd ann an 1484 gun deidheadh feadhainn a bha an sàs ann am buidseachd 'a chur ceart, a chur dhan phrìosan, a pheanasachadh agus a smachdachadh'. Oir, mar a chuir e e, bha feadhainn a bha 'a' dol air seachran bhon Chreideamh Chaitligeach air iad fhèin a thoirt thairis do dhiabhail.'
Agus mar sin, bha daoine neoichiontach mar Alison Pearson gu h-àraidh nan targaidean. Bidh cuimhne agad gur e neach-leighis a bh' innte a bhiodh a' cleachdadh lusain agus leigheasan traidiseanta. Ach bhon nach robh mòran tuigse ann air obair luchd-leighis, bha amharas air daoine a-nis gun robh buidseachd air a chùl! Chuir seo iad ann an cunnart – le eagal gun robh iad ann an co-bhuinn ris an diabhal.
Bha amharas air daoine mu rud sam bith nach robh a rèir Eaglais na h-Alba agus bhathar a' faicinn luchd-leighis ionadail mar chunnart a dh'fheumadh dèiligeadh leotha. Agus b' e boireannaich bu trice a dh'fhuiling.
Ann an Alba, b' e boireannaich a bh' ann an 84% dhe na bha fo chasaid. Air a' cheann thall, b' e Alison agus feadhainn eile coltach rithe, a phàigh a' phrìs airson strì ùghdarrasan na h-Alba an aghaidh buidseachd agus an diabhail.
An robh daonnan eagal air daoine ro bhana-bhuidsichean?

Bha daoine a' creidsinn ann an draoidheachd o chionn nam mìltean bhliadhnaichean thar gach sìobhaltachd air an t-saoghal.
Bha draoidheachd glè thric air fhaicinn mar phàirt dhen t-saoghal nàdarra. Bha coltas ann gun robh cuid de dhaoine air chomas draoidheachd a chleachdadh. Ann an cuid de chultaran bha draoidheachd air fhaicinn mar chumhachd shònraichte nach robh ach aig cuid de dhaoine. Ann an cultaran eile, b' e rud a bh' ann an draoidheachd a ghabhadh ionnsachadh agus a chleachdadh.
Cha robh daoine a' faicinn draoidheachd mar rud a bha math no dona, ach ghabhadh a chleachdadh air adhbharan math no dona. Mar sin, cha robh e an-còmhnaidh a' ciallachadh gun robh cuideigin a dhèanadh draoidheachd na chùis-eagail.
Draoidheachd airson cobhair agus leigheas

Anns an àm a dh'fhalbh, cha robh uiread de dh'eòlas aig daoine air tinneas no air a' bhodhaig 's a tha againn an-diugh. Nuair a bha iad tinn, 's dòcha gun deidheadh iad gu neach-slànachaidh airson cobhair.
'S dòcha gum biodh luchd-slànachaidh air cungaidhean a dhèanamh le lusain agus planntraisean eile aig an robh dha-rìribh buannachdan meadaigeach, no 's dòcha gun robh cuideigin a' faireachdainn na b' fheàrr air sgàth 's gun robh iad a' creidsinn gun deach an leigheas. Ach aig an àm bhathar dhen bheachd gur e draoidheachd a bha a' leigheas dhaoine tinn. Bha daoine dhen bheachd gun robh geasagan, suaichnein, seudagan agus cungaidhean nan dòighean ceart air tinneas a leigheas.
Ach cha robh a bhith na do neach-slànachaidh na rud math, nas lugha na dh'obraicheadh an slànachadh.
Jonet Tailzour
Ann an 1633, bha Jonet Tailzour na neach-slànachaidh faisg air Alamhagh. Chaidh muinntir an àite na h-aghaidh nuair a shaoil iad nach do dh'obraich na leigheasan aice, no nuair a bha coltas gun robh tinneasan a' gluasad gu daoine eile no gu beathaichean.
Chaidh Janet fhaighinn ciontach de bhuidseachd le Cùirt Baile Shruighlea agus chaidh a fuadach às a' choimhearsnachd. Chaidh a feuchainn anns a' chùirt a-rithist, chaidh a faighinn ciontach agus a cur gu bàs.

Draoidheachd gu cron


Dìreach mar a ghabhadh draoidheachd a chleachdadh gus daoine tinn a leigheas, bhathar cuideachd a' creidsinn gum faodadh draoidheachd cron a dhèanamh no fiù 's daoine eile a mharbhadh, no an cuid a mhilleadh.
Ma bha cuideigin ag argamaid, no nam fàsadh cuideigin anns an teaghlach aca tinn, no nan tachradh droch rud dhaibh, bhathas a' creidsinn gun robh e mar thoradh air mallachd no draoidheachd chronail eile.
Mar eisimpleir, ann an 1634, bha Elizabeth Bathgate ann an argamaid ri breabadair air an robh George Sprott. Bhathar a' cur às leth Bathgate gun do reic i uighean draoidheil ris an teaghlach, agus gun do dh'adhbharaich sin at cho mòr ri ugh air pàiste Sprott agus gun do chaochail am pàiste. Chaidh a faighinn neoichiontach às dèidh sin.
B' e na prìomh chomharran air draoidheachd tinneas, no droch fhortan. Bha daoine a' creidsinn gun robh cumhachd aig bana-bhuidsichean thairis air an t-saoghal nàdarra. Mar sin, bha bàrr a' fàilligeadh, beathaichean tinn no fiù 's droch shìde gam faicinn mar thoradh air buidseachd.
Aig àm nuair a bha a' mhòr-chuid beò air an fhearann, dh'fhaodadh gin sam bith dhe na duilgheadasan sin a bhith a' ciallachadh nach b' urrainn teaghlach iad fhèin a bhiathadh no a chumail suas.

Co-dhiù bha iad a' cleachdadh draoidheachd airson daoine a chuideachadh no cron a dhèanamh orra, bha daoine a bha ri draoidheachd nam pàirt dhen choimhearsnachd aca. Bhiodh bana-bhuidsichean a' cleachdadh draoidheachd airson daoine a bu toigh leotha, no a bhiodh gam pàigheadh, a chuideachadh, agus bhiodh iad ga chleachdadh airson daoine air an deidheadh iad a-mach a leòn.
Isobel Cockie
Mar eisimpleir, ann an 1597, chaidh buidseachd a chur às leth Isobel Cockie nuair nach b' urrainn nàbaidh bainne a mhaistreadh airson ìm a dhèanamh. Chaidh cur às a leth cuideachd gun do chuir i mallachd air nàbaidh às dèidh argamaid mu cò leis a bha taigh.
Nuair a bha i anns a' chùirt, chaidh nòt a dhèanamh gun deach a pàigheadh mar neach-leighis bhon a bha i air deoch a thoirt do dh'fhear ri òl air a dèanamh le lusain, ìm agus cròch-dhearg a bha aige ri ghabhail trì tursan san latha.
Mar bu trice, bhiodh daoine a' feuchainn ri duilgheadasan a bh' aca fhuasgladh còmhla ri bana-bhuidsichean. San àbhaist, b' e am peanas bu mhiosa a deidheadh air bana-bhuidseach gum biodh i air a fuadach às a' choimhearsnachd.
Saoil an robh eagal air daoine àbhaisteach ro bhana-bhuidsichean?
Carson a tha thu a' smaoineachadh sin?
Chan eil coltas gun robh cus eagail air daoine ro bhana-bhuidsichean:
- bha mòran a' dol gu bana-bhuidsichean agus ‘draoidheachd mhath' airson an cuideachadh ma bha iad tinn
- ma bha daoine a' smaoineachadh gun deach mallachd a chur orra, 's dòcha gun iarradh iad air bana-bhuidseach eile draoidheachd a chleachdadh airson an dìon
Saoilidh tu bhon a seo gun robh cuid a' cur earbsa ann an cuid de bhana-bhuidsichean uaireannan co-dhiù.
Ach
- bha daoine dha-rìribh a' creidsinn gum b' urrainn bana-bhuidsichean cron a dhèanamh le draoidheachd
- tha fios gun robh e gu math eagalach ma bha thu dhen bheachd gum faodadh bana-bhuidseach biadh, beathaichean no bàrr a mhilleadh, no do dhèanamh tinn no fiù 's do mharbhadh
'S dòcha gun robh eagal air daoine ro chumhachdan nam bana-bhuidsichean agus na dh'fhaodadh iad a dhèanamh leotha. 'S iongantach mura robh iad dhen bheachd gum feumadh iad a bhith faiceallach nach deaghadh iad a-mach air bana-bhuidseach a dh'fhaodadh cron a dheanamh orra.
Buidseachd agus an Diabhal

Dh'atharraich creideasan mu na bha buidseachd a' gabhail a-steach thar ùine. Aig deireadh nan 1500an, bha an creideamh Crìosdail ag ràdh gun robh buidseachd agus draoidheachd olc agus gun robh buidseachd a' gabhail a-steach aonta ris an Diabhal.
Ann an dùthchannan Crìosdail mar Alba, bha an Diabhal a' cur barrachd eagail air daoine na rud sam bith eile.
Bha eagal air luchd-riaghlaidh agus air ceannardan air an sgàth fhèin agus slàinte spioradail nan dùthchannan aca. Bha Rìgh Seumas VI na h-Alba cinnteach gun do rinn bana-bhuidsichean cuilbheart airson a mharbhadh.
Bha eagal air daoine àbhaisteach airson am beatha, am beòshlaint agus an slàinte.
Sàbaid nam bana-bhuidsichean


Aig na tachartasan sin, bha cuid a' creidsinn gun robh beathaichean, no fiù 's daoine gan ìobradh, le ìobairtich neoichiontach air an tabhann dhan Diabhal.
Ann an Alba, bhathar dhen bheachd gun robh clann, gu h-àraidh feadhainn nach robh air am baisteadh, ann an cunnart mòr.

Ceistean
More on Cùirtean bana-bhuidsichean na h-Alba
Find out more by working through a topic