Teachd-a-steachÀrdachadh pàighidh

Tha teachd-a-steach a' ciallachadh sùim pàighidh aontaichte 'son ùine aontaichte. Faodaidh teachd-a-steach cuideachd riadh bho chunntasan-sàbhalaidh, creideasan cìse is sochairean a ghabhail a-steach.

Part of Gnìomhan MatamataigsA' làimhseachadh ionmhas

Àrdachadh pàighidh

Bidh àrdachadh pàighidh mar as trice ann an ceudadan.

Eisimpleir

Anne sits using a calculator at her work desk looking at her payslip

Tha Anna a' cosnadh \(\pounds780\) sa mhìos. Fhuair i àrdachadh pàighidh de \(3.8\%\) sa mhìos. Obraich a-mach am pàigheadh ùr bliadhnail aice.

Freagairt

An toiseach, obraich a-mach a pàigheadh bliadhnail bho thùs.

Pàigheadh bliadhnail \(= \pounds780 \times 12 = \pounds9360\)

An uair sin obraich a-mach an t-àrdachadh pàighidh.

Àrdachadh pàighidh \(= 3.8\%\) de \(\pounds9360 = \pounds355.68\)

Pàigheadh ùr bliadhnail \(= \pounds9360 + \pounds355.68\)

Pàigheadh ùr bliadhnail \(= \pounds9715.68\)