'S e teann-chruth le tar-dhealbh cunbhalach a th' ann am priosam. Tha sin a' ciallachadh gum bi an tar-dhealbh dhen aon mheud agus dhen aon chumadh (co-chòrdach) ge bith càit an tèid a ghearradh air fhaid.
Tha siolandair na dheagh eisimpleir de phriosam. Chì thu san dealbh gu h-àrd gu bheil meud a' chearcaill air an aodann aghaidh (an tar-dhealbh) dhen aon mheud ge bith càit an geàrr thu e.
'S e am foirmle airson tomhas-lìonaidh priosam far an e \(A\) farsaingeachd an tar-dheilbh agus \(h\) àirde/faid an teann-chruth:
\(V = Ah\)
Eisimpleir
'S e priosam triantanach a tha sa chumadh seo agus mar sin 's e farsaingeachd an tar-dheilbh farsaingeachd an triantain.
Freagairt
Farsaingeachd an triantain:
\(A = \frac{1}{2}bh\)
\(= \frac{1}{2} \times 6 \times 4\)
\(= 12\,c{m^2}\)
Tomhas-lìonaidh a' phriosam:
\(V = Ah\)
\(= 12 \times 12\)
\(= 144\,c{m^3}\)
Question
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh priosam triantanach coltach ris an fhear san eisimpleir. Ach an àite nan tomhasan 12 cm, 6 cm agus 4 cm, cleachd na tomhasan 14 cm, 8 cm agus 5 cm anns gach àite.