Obraich a-mach tomhas-lìonaidh nan cruinnean, leth-chruinnean, cònaichean, priosaman, siolandairean is pioramaidean, a bharrachd air cumaidhean ceangailte. Cruinnich gu figearan brìgheil freagarrach.
Part of MatamataigSgilean geoimeatraidh
Save to My Bitesize
Gus tomhas-lìonaidh cumadh ceangailte obrachadh a-mach, bris e na chumaidhean nas lugha agus obraich a-mach gach tomhas-lìonaidh air leth.
Bidh thu an uair sin a' cur tomhas-lìonaidh gach cumadh fa leth còmhla agus gheibh thu an tomhas-lìonaidh iomlan aig a' chumadh cheangailte.
Obraich a-mach tomhas-lìonaidh a' chumaidh seo.
Sgrìobh do fhreagairt gu 2 fhigear bhrìgheil
Trast-thomhas = 10 m agus mar sin 's e an radius = \(10 \div 2 = 5\,m\)
Tomhas-lìonaidh siolandair:
\(V = \pi {r^2}h\)
\(V = \pi \times {5^2} \times 6\)
\(V = 471.238...c{m^3}\)
Tomhas-lìonaidh cruinne:
\(V = \frac{4}{3}\pi {r^3}\)
\(V = \frac{4}{3} \times \pi \times {5^3}\)
\(V = 523.598...c{m^3}\)
Tomhas-lìonaidh leth-chruinne \(= 523.598... \div 2 = 261.799...c{m^3}\)
\(\text{Tomhas-lìonaidh}\,\text{iomlan} = 471.238... + 261.799...\)
\(= 733.037...c{m^3}\)
\(= 730\,c{m^3}\,(gu\,2\,fb)\)